FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Murchadh nan Gobhar (2)

Murchadh MacIllFhinnein, à Gleann Eilg

Audio is playing in pop-over.

Murchadh nan Gobhar (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu dhaoine air a’ Ghàidhealtachd a bh’ air an ainmeachadh air gobhair. Bha barrachd air aon duine air an robh ‘Murchadh nan Gobhar’ mar ainm. Bu mhath leam, anns an Litir seo, innse dhuibh mu fhear aca.

Tha e a’ nochdadh, le dealbh dheth, ann an alt anns an iris ‘Scotland’s Magazine’ anns an Ògmhios naoi ceud deug is seasgad (1960). ’S e tiotal an uilt ‘The Last of the Highland Goat-herds’.

Rugadh Murchadh nan Gobhar – Murchadh MacIllFhinnein – ann an Gleann Eilg air taobh an iar na Gàidhealtachd, aig toiseach an naoidheamh linn deug. Bha treud ghobhar aig athair, le còrr is ceud gobhar ann, agus bhiodh Murchadh a’ cumail sùil orra, gan treòrachadh thar a’ mhonaidh.

Nise, an robh sibh riamh a’ dràibheadh tro Chinn t-Sàile, eadar Cluainidh agus ceann Loch Dubhthaich? Ma bha, bidh sibh eòlach air na gobhair a bhios gu tric rim faicinn faisg air an rathad. Saoil a bheil ceangal ann eadar an treud sin agus na gobhair aig Murchadh, oir bha iadsan stèidhichte ann an Cinn t-Sàile?

An dèidh do Mhurchadh aois còig-deug a ruigsinn, bhiodh am fèileadh-beag an-còmhnaidh air. Bha deagh adhbhar aige airson sin. Mus do ràinig e an aois sin, bhiodh briogais air mar bu trice. Ach, latha a bha seo, bha Murchadh ag iomain treud tarsainn allt ann an Cinn t-Sàile. Bha an t-allt làn uisge agus a’ sruthadh gu bras. Bha Murchadh an dùil gum biodh an snaodaire – sin am beathach a tha na ‘cheannard’ ann an treud – a’ dol tarsainn air thoiseach air a h-uile fear eile.

Ach b’ e an snaodaire aigesan boc-goibhre ris an canadh iad ‘Sàtan’. Math dh’fhaodte gun robh deagh adhbhar aca airson an ainm! Co-dhiù, cha robh Sàtan deònach a dhol a-null. Chaill Murchadh a chuid fhoighidinn leis. Ghabh e grèim air adharcan na goibhre agus tharraing e a-steach don allt e.

Bha iad letheach tarsainn an uillt nuair a dh’èirich am boc air a chasan-deiridh. Chaidh Murchadh a shadail don uisge. Bha a bhriogais bog fliuch agus bha an gille gu math mì-chofhurtail. Chuir e roimhe gun bhriogais a bhith air tuilleadh.

Nuair a ràinig e a dhachaigh, deich mìle bhon allt, dh’iarr e air a mhàthair fèileadh-beag a dhèanamh dha. Rinn i sin, agus bhon latha sin chun an latha a chaochail e, cha robh air Murchadh mar aodach ach am fèileadh.

B’ e an deoch a b’ fheàrr leis bainne nan gobhar. Bha e eòlach air cùbair – fear a bhiodh a’ dèanamh bharaillean. Bhiodh am fear sin a’ dèanamh bharaillean beaga airson nan daoine a bha ri staileadh uisge-bheatha – gnothach a bha an aghaidh lagh na stàite. Rinn e baraille beag do Mhurchadh anns an cumadh am buachaille-ghobhar a chuid bainne. Bhiodh am baraille ceangailte ri a ghuailnean le crios.

Bhiodh Murchadh a’ bleoghainn gobhair dà thuras gach latha, a’ lìonadh a bharaille gach turas. Bhiodh e ag òl a’ bhainne sin a latha ’s a dh’oidhche agus bhiodh e ag ithe brochan a bh’ air a dhèanamh de mhin-eòrna, le beagan meala uaireannan air a cur ris. Bha e a’ cumail a-mach robh riamh pathadh no acras air, agus gun robh e slàn, fallain fad a bheatha.

Litir 1385 Litir 1385

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!