Halo, a-rithist, a chàirdean. Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu snog, gu bheil sibh gu dòigheil, gu bheil sibh gu sunndach, gu bheil sibh ann an deagh
shunnd. Sin ceithir dòighean eadar-dhealaichte airson a ràdh ri cuideigin gu bheil sibh an dòchas gu bheil e gu math.
Dè na dòighean eile as aithne dhuibh airson sin? ’S dòcha gum biodh sin na chuspair math airson a’ chlas Ghàidhlig agaibh an ath-thrup. Sin ma tha sibh
fortanach gu leòr ’s gu bheil clas is tidsear agaibh, oir tha fios agam gu bheil feadhainn a bhios ag èisteachd ri Litir do Luchd Ionnsachaidh a’ fuireach
fad air falbh bho thidsear sam bith. Mo dhùrachd dhuibh uile.
Tha mi fhìn ann an deagh shunnd co-dhiù agus, air sàilleamh sin, bu mhath leam tòimhseachan a thoirt dhuibh. Tha mi an dòchas gu bheil a leithid a’ còrdadh
ribh! Èistibh ris an rann seo. Tha ceist ann aig an deireadh:
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Uisdean Friseal, Uisdean Friseal,
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Leis an fhichead maighdinn;
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear air gach làimh dheth.
Cia mheud maighdeann a bha a’ dannsadh leis?
Feumaidh gur e duine tarraingeach a bh’ ann an Uisdean agus na h-uimhir de mhaighdeannan a’ dannsadh leis aig an aon àm! Duine fortanach. Uill, ’s dòcha…
Èistibh ris a-rithist. Dè eile a dh’fhaodadh a bhith anns na “maighdeannan” mura h-e boireannaich a th’ annta…?
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Uisdean Friseal, Uisdean Friseal,
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Leis an fhichead maighdinn;
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear air gach làimh dheth.
Cia mheud maighdeann a bha a’ dannsadh leis?
’S dòcha gun do dh’ionnsaich sibh gu bheil “còignear” a’ seasamh airson còig daoine – còignear bhoireannach, mar eisimpleir, neo còignear Leòdhasach. Ach
chan eil sin an-còmhnaidh fìor. Ann an cuid de cheàrnaidhean, cluinnear faclan mar chòignear co-cheangailte ri beathaichean no eadhon ri rudan nach eil
beò. Agus ann an tòimhseachain, uill, tha sinn saor airson car a thoirt à daoine le beagan meallaidh, nach eil?
Anns an rann shuas, bha Uisdean Friseal a’ dannsadh leis fhèin, na aonar. Cha robh sgeul air maighdeann sam bith. Tha “còignear” a’ ciallachadh an seo nan
corragan is òrdagan aige, air a chois is air a làimh. Còignear roimhe is còignear às a dhèidh – a’ ciallachadh air a bheulaibh is air a chùlaibh. Coignear
air gach làimh dheth. Uill, tha sin fìor, nach eil? Chan eil càil eile agam ri ràdh mun ghnothach ach aon rud, Ma ’s e Uisdean Friseal a th’ oirbh mar
ainm, nach gabh sibh mo leisgeul!
Nise, airson crìoch a chur air gnothaichean an-diugh, seo agaibh tòimhseachan eile a dh’fheumas sibh smaoineachadh mu dheidhinn anns an t-seachdain a tha
romhainn. Bheir mi am fuasgladh dhuibh anns an ath-Litir:
Arsa cailleach –
Nam bitheadh agam na bheil agam,
Uiread eile, ’s a leth uiread,
Dà ghèadh agus bloigh gheòidh,
Dhèanadh sin fichead.
Cia mheud a bha aice?
Chan eil sin furasta, gu dearbh, agus chanainn gur iad an fheadhainn agaibh a tha math air matamataig a nì a’ chùis. Tuigidh sibh gur ann air na geòidh a
th’ aig a’ chaillich a tha sin a-mach. Seo e a-rithist:
Arsa cailleach –
Nam bitheadh agam na bheil agam,
Uiread eile, ’s a leth uiread,
Dà ghèadh agus bloigh gheòidh,
Dhèanadh sin fichead.
Cia mheud a bha aice?
Gus an ath-sheachdain, bhuamsa Ruairidh MacIlleathain, beannachd leibh.