Bha mi a’ coimhead, an latha eile, air na sgeilpichean agam, airson bàrdachd na bana-bhàrd, Màiri NicEalair, à Loch Abar. Chaidh mi gu cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig on naoidheamh linn deug. Cha robh sgeul air Màiri ann. Bha i na bàrd aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis airson ceithir bliadhna fichead agus chuir sin iongnadh orm.
Chaidh mi gu leabhar eile, anns an robh cruinneachadh de litreachas Gàidhlig thairis air na ceudan. Fhuair mi lorg air dàn aig Màiri anns an leabhar sin – dàn air an robh ‘An Iarraidh Dhìomhain’ no, ann am Beurla, ‘The Vain Search’. Seo a’ chiad rann dheth:
Càit a bheil fois, agus càit a bheil tàmh,
Càit a bheil fois, agus càit a bheil tàmh,
Càit a bheil ìocshlaint do chridhe fo phràmh
No càit a bheil suaimhneas o uamhann ’s o chràdh?
Anns an dàn seo, saoilidh mi gu bheil Màiri a’ dèanamh nàdar de dh’iomradh air a beatha fhèin, beatha a bha rudeigin dùbhlanach aig amannan. Seo an seachdamh rann dheth:
Dh’iarr mi gu fois, is gun fhois air an t-saoghal,
Is leig mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil,
’S bha ’chluasag ud làn de chaoin-dhuilleach nan ròs
Ach, ochan, nam measg gun robh dris mar bu nòs.
Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu Mhàiri NicEalair, a cuid sgrìobhaidh agus a beatha. Rugadh Màiri Chamshron – oir ’s e Camshronach a bh’ innte – anns a’ Ghearasdan ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834). Bha a h-athair na fhuineadair anns a’ bhaile sin. Nuair a bha i òg, bha Màiri a’ fuireach còmhla ri a seana-phàrantan air taobh a màthar. Bha sin anns a’ Choire Bheag, baile beag air cladach a tuath Loch Iall.
Anns an dachaigh agus sa bhaile sin, bha Màiri air a bogadh ann an beul-aithris agus cànan nan Gàidheal. Fhuair i tòrr Gàidhlig san sgoil cuideachd. Cha robh an suidheachadh air a bhith cho fàbharach dhi, a thaobh cànan is cultar, anns a’ Ghearasdan.
Chaochail a h-athair nuair a bha Màiri dìreach trì bliadhn’ deug a dh’aois. Bha aig Màiri ri gluasad air ais don Ghearasdan airson taic a thoirt do a màthair. Ach bha a’ Ghàidhlig air a bonntachadh na claigeann agus cha chailleadh i i. Fad a beatha bha i aithnichte am measg nan Gàidheal airson cho glan ’s a bha a’ Ghàidhlig aice.
Ge-tà, an dèidh bàs a h-athar, cha robh cothroman matha aice a thaobh foghlam no obair. Bha i ri muinntireas greis. An uair sin, aig aois fichead bliadhna, phòs i maraiche à Earra-Ghàidheal, Iain MacEalair. Ghabh Màiri ainm-cinnidh an duine aice agus ’s ann fon ainm ‘Màiri NicEalair’ a choisinneadh i cliù mar sgrìobhadair is bàrd.
Goirid an dèidh a’ phòsaidh, cheannaich Iain bàta-carago. Bha airgead teann, agus bha Iain air falbh aig muir airson ùine mhòr. Airson bhliadhnaichean, bha Màiri a’ fuireach ann an Glaschu no anns a’ Ghearasdan fhad ’s a bha an duine aice aig muir. Dh’fhàs i searbh dhen t-suidheachadh agus rinn i an co-dhùnadh a dhol a dh’fhuireach air bòrd an t-soithich. Sheòl i gu iomadh port-mara air feadh na Roinn Eòrpa. Agus thòisich i air dreuchd mar sgrìobhadair nuair a bha i air bòrd, mar a chì sinn san ath Litir.