Bha mi ag innse dhuibh mun òran ghaoil ‘Mo Rùn Geal Dìleas’. Bha e air a sgrìobhadh le Iain MacIllEathain, fear-taca an Torr Loisgte ann am Muile. Bha e ag iarraidh Iseabail Chaimbeul, à Bail’ an Àbaidh ann an Ìle, a phòsadh.
Dhiùlt Iseabail freagairt a thoirt dha sa mhionaid. Air sàillibh sin, thainig mulad air, agus trom-inntinn. Thug càirdean Iain comhairle dha faighinn air falbh airson greis airson math a shlàinte-inntinn. Chaidh e a-null thairis airson naoi mìosan.
Nuair a thill e dhachaigh, dh’iarr e cead bho phàrantan Iseabail an nighean aca a phòsadh. Dhiùlt iad. Agus, a rèir beul-aithris, chaill Iain a chiall agus chaidh a chur ann an taigh-cuthaich.
Tha an duine sin air a chuimhneachadh fhathast ann am beul-aithris nam Muileach. Tha cunntas mu leigheas a rinneadh air anns an leabhar ‘Hebridean Healers: The Beatons of Mull’. Tha dreach dhen sgeul clàraichte air làrach-lìn Thobar an Dualchais. ʼS e fear Dòmhnall Moireasdan à Àird Tunna, faisg air Bun Easain, a tha ga aithris. Seo agaibh dreach dheth.
Bha Fear an Torr Loisgte gun a bhith gu math. Bha dotairean Gallta a’ frithealadh dha. Ach cha robh e a’ dol am feabhas. Chuir e fios air Iain Peutan, an t-Ollamh Muileach. Thàinig e is thug e sùil air MacIllEathain. Dh’iarr e air na dotairean Gallta fuireach a-muigh.
Thuig an t-Ollamh Muileach gur e an rud a bha a’ dèanamh an fhir eile tinn – lionnach no neasgaid [an abscess] a bha shìos san amhaich aige. Bha e cho fada sìos ʼs gum biodh e do-dhèante a ruigsinn le inneal sam bith. Ciamar a bha e a’ dol a bhriseadh an lionnaich?
Thuig e gur e gluasad bras de na fèithean san amhaich an dòigh a b’ fheàrr. ’S e lachanaich no dìobhairt a dhèanadh sin.
Seo far am bi an sgeul a’ fàs neònach. Dh’ìslich an lighiche a bhriogais – air beulaibh an fhir eile a bha na laighe sa leabaidh. Thog e sluasaid-teine agus dh’fhalmhaich e innidh ann. Ròst e am buachar. Nuair a bha e tioram, rinn e pùdar dheth.
Bha MacIllEathain a’ coimhead air a h-uile càil. Cha robh e a’ creidsinn a shùilean! Phasgaich an lighiche am buachar tioram ann am pàipear agus chuir e air bòrd e. Dh’iarr e an uair sin air na dotairean Gallta tilleadh a-steach.
Thug iad sùil air a’ phasgan air a’ bhòrd. ‘Dè an stuth-leighidh a tha seo?’ dh’fhaighnich iad. Bha fàileadh neònach air, ceart gu leòr. Cha robh na dotairean air a leithid seo de dh’ìocshlaint fhaicinn riamh roimhe!
Mu dheireadh fhliuch fear dhiubh a chorrag na bheul. Chuir e a-steach don phùdar i, agus an uair sin air ais na bheul airson blasad fhaighinn dhen stuth. Uill, cha robh comas aig Fear an Torr Loisgte smachd a chumail air fhèin tuilleadh. Thòisich e air lachanaich.
Bhris sin an lionnach na amhaich agus thòisich e air a dhol am feabhas cha mhòr sa mhionaid. Ghabh na dotairean Gallta iongantas mun leigheas Ghàidhealach a chunnaic iad ann am Muile! Agus goirid an dèidh sin, agus a shlàinte air tilleadh, sgrìobh Iain MacIllEathain an t-òran ‘Mo Rùn Geal Dìleas’.