FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Briathrachas a’ Chròlaidh (1)

Nuair a bha Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh a’ dol, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ chròladh.

Audio is playing in pop-over.

Briathrachas a’ Chròlaidh (1)

Nuair a bha Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh a’ dol, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ chròladh. I was captivated by the curling. Agus nach math a rinn an ceathrar fhear Albannach a bha a’ riochdachadh Bhreatainn. Bhuannaich iad bonn airgid.

Ann an Litrichean ceithir cheud, ceathrad ’s a naoi (449) agus ceithir cheud is caogad (450), dh’inns mi dhuibh mu òran Gàidhlig a bha mu chròladh. Bha e air a sgrìobhadh le fear Pòl Camshron à Blàr Athall ann am meadhan an naoidheamh linn deug.

’S e tiotal an òrain An Sguabag Bhealaidh ‘the broom brush’. Bha na Gàidheil a bha an sàs anns an spòrs a’ dèanamh an sguabagan cròlaidh de bhealaidh. Aig an taigh, gu tric bhiodh na sguabagan air an dèanamh de fhraoch. Ach chanainn gum biodh sguabag-fhraoich ro chruaidh air an deigh airson cròladh.

Anns na Litrichean eile mu chròladh, dh’inns mi dhuibh mun bhriathrachas Ghàidhlig co-cheangailte ris an spòrs. Bu mhath leam, anns an Litir seo, sin a leudachadh beagan.

An toiseach, bu chòir dhomh rudeigin a ràdh mun fhacal Ghàidhlig spèil. Tha e a’ ciallachadh ‘slip, slide, skate’. Bha mi a’ spèileadh air an lochan reòite ‘I was skating on the frozen lochan’. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig spèil a-steach don Ghàidhlig bho Albais. Ann an Albais, tha spiel a’ ciallachadh ‘any sort of game or play’. Tha e air a chleachdadh gu tric ann an co-cheangal ri cròladh. Spiel – a local game; bonspiel – a match between parishes or districts.

Feumaidh gun robh na Gàidheil a’ cluinntinn ‘spiel’ gu tric ann an co-cheangal ri cròladh agus spòrs-deighe. Thàinig e a-steach don Ghàidhlig mar spèil, ach le ciall shònraichte co-cheangailte ri deigh.

Chan eil e soilleir cò às a thàinig am facal cròladh. Tha e rudeigin coltach ri curling. Ach chanainn gur dòcha gu bheil ciall eile air. Ann am Beurla thathar a’ dèanamh dheth gur e gluasad nan clach air a bheilear a-mach leis an fhacal curling. The stones curl.

Ach tha crò ann an Gàidhlig a’ ciallachadh ‘cearcall’ – agus àite far am bi, can, caoraich no uain air an cròthadh – air an cumail còmhla. Anns an t-seann aimsir, bhiodh na cròthan-sprèidh mar bu trice cruinn. Agus, ann an cròladh, bidh na clachan air an cròthadh còmhla anns an ‘taigh’ no anns a’ ‘chuairteig’, a tha cruinn. A bheil a’ Bheurla curling air buaidh a thoirt air an fhacal Ghàidhlig cròthadh, a’ fàgail an fhacail cròladh againn? Chan eil mi cinnteach, ach bhiodh sin a’ dèanamh ciall. Agus ’s e cròlach cuideigin a bhios a’ cluich cròladh.

’S e a’ chlach as fhaisge air meadhan na cuairteig a bhuannaicheas geama. Ann am Beurla, ’s e meadhan na cuairteig ‘the tee’ no ‘pin’. Ann an Gàidhlig, a’ bhioraid. Nuair a bha daoine a’ cluich air loch reòite bhiodh botal no bioraid an sin. Chitheadh na cròlaichean, mar sin, far an robh iad ag amas.

Timcheall na bioraid, tha ‘The Button’, cearcall le leud de throigh. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Sùil na Cuairteig. Gu litreachail ‘the eye of the house. Sùil na Cuairteig.

Litir 1405 Litir 1405

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!