FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Nether Lochaber (1)

O chionn ghoirid bha mi a’ toirt sùil air seann eagrain dhen phàipear-naidheachd, Courier Inbhir Nis.

Audio is playing in pop-over.

Nether Lochaber (1)

O chionn ghoirid bha mi a’ toirt sùil air seann eagrain dhen phàipear-naidheachd, Courier Inbhir Nis. Bha iad às na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Ghabh mi tlachd gu sònraichte de na h-altan leis an Urramach Alasdair Stiùbhart air an robh an t-ainm-pinn ‘Nether Lochaber’. Ged a bha e a’ sgrìobhadh ann am Beurla, bha a’ Ghàidhlig, agus dualchas nan Gàidheal, gu mòr fo a phrosbaig anns na sgrìobhaidhean aige. Saoilidh mi gur e fìor sgoilear na Gàidhlig a bh’ ann.

Tha mi airson sùil a thoirt air beagan de na sgrìobh e anns a’ Chourier. Ach, an toiseach, anns an Litir seo, innsidh mi dhuibh mun duine fhèin.

Rugadh Alasdair Stiùbhart ann am Beinn nam Fadhla anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Cha b’ ann às na h-eileanan a bha e, ge-tà. Bhuineadh a theaghlach don Apainn ann an Earra-Gàidheal. Bha a phàrantan a’ fuireach ann am Beinn nam Fadhla nuair a rugadh e oir bha athair ag obair do dh’Oifis nan Cìsean Nàiseanta anns na h-eileanan.

Nuair a bha Alasdair òg, ghluais an teaghlach gu tìr-mòr. Bha iad an toiseach anns an Òban, agus an uair sin ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt. Tha e coltach gun do dh’ionnsaich Alasdair tòrr mu dhualchas nan Gàidheal anns na bliadhnaichean sin.

Chaidh e gu Oilthigh Chill Rìmhinn ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843). Cha robh e ach ceithir bliadhn’ deug a dh’aois. Tràth anns an naoidheamh linn deug, bha e cumanta gu leòr gum biodh gillean a’ tòiseachadh anns an oilthigh aig an aois sin. Dh’ionnsaich Alasdair Litreachas, Matamataig, Greugais, Laideann, Eabhrais, Feallsanachd agus Diadhachd.

B’ e ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) bliadhna Briseadh na h-Eaglaise, nuair a chaidh an Eaglais Shaor a steidheachadh. Cha tug am Briseadh buaidh ro mhòr air Oilthigh Chill Rìmhinn agus dh’fhuirich Alasdair ann an Eaglais na h-Alba. Thòisich e mar mhinistear ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851) ann am Baile a’ Chaolais agus Àird Ghobhar.

Gach dàrnacha Sàbaid bhiodh e a’ searmonachadh ann an Àird Ghobhar. Bhiodh e a’ dol a-null air Aiseag a’ Chorrain. Air na Sàbaidean eile, bhiodh e a’ searmonachadh ann an Omhanaich. Tha sin ann an Loch Abar Ìochdarach no, ann am Beurla, Nether Lochaber. ’S e sin as coireach gun do sgrìobh Alasdair fon ainm-pinn ‘Nether Lochaber’. Ach, an ceann greis, an àite ‘Mgr Stiubhart’, ’s e ‘Nether Lochaber’ a bha gu leòr a’ gabhail air mar aithnisg!

Cha robh Alasdair fad’ a’ fuireach anns an sgìre sin nuair a phòs e Seònaid Mhoireasdan a bhuineadh do dh’Àird Ghobhar. Thairis air na bliadhnaichean romhpa, bhiodh triùir chloinne aca – dithis nighean agus balach.

Bha e na mhinistear ann an Loch Abar Ìochdarach gus an do chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901). Ge-tà, chaill e Àird Ghobhar a fhuair ministear dhi fhèin ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).

Ged a bha e dìcheallach gu leòr mar mhinistear, choisinn Alasdair cliù dha fhèin gu sònraichte mar sgrìobhadair, gu h-àraidh tro na colbhan aige ann an Courier Inbhir Nis. Chaidh na sgrìobh e a chur còmhla ann an dà leabhar – Nether Lochaber agus ’Twixt Ben Nevis and Glencoe. Innsidh mi dhuibh mun sgrìobhadh aige anns an ath Litir.

Litir 1407 Litir 1407

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!