Bha ‘Pandore oysters’ rudeigin ainmeil ann an Alba anns an naoidheamh linn deug. Bha iad mòr agus blasta. Bha iad co-cheangailte, ann an inntinn dhaoine, ri Prestonpans air cladach Linne Fhoirthe. Bha oitirean làn eisirean faisg air Prestonpans agus baile eile, Cùil Choinnich. Bhiodh na h-iasgairean anns an dà bhaile sin a’ dreideadh grunnd na mara airson eisirean.
Mus tàinig na rathaidean-iarainn, cha robh cus iasgaich a’ dol. Ach, leis gun robh e furasta gu leòr eisirean a chur air trèana gu ruige margaidh-èisg Bhillingsgate ann an Lunnainn, thòisich cus iasgaich. Agus thàinig lùghdachadh mòr air na bh’ ann de dh’eisirean ann an Linne Fhoirthe.
Fada gu tuath air sin, ann an Linne Mhoireibh, bha Pandore oysters air an cur ris na h-eisirean a bh’ ann mu thràth. Bhathar ag aithris gun tàinig iad bhon cheann a tuath. Ach bhiodh iasgairean an Eilein Duibh a’ cumail a-mach gun do chuir Fear Chùil Lodair luchd de dh’eisirean ann o shean, agus gur ann à Linne Fhoirthe a thàinig iad. Cò aige tha fios nach ann à Prestonpans a bha iad.
Ann an Courier Inbhir Nis, anns a’ Ghearran ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), bhathar ag aithris mun dragh a bh’ ann gun robhar a’ dèanamh sgrios air stoc nan eisirean ann an Linne Mhoireibh. Bha iad a’ coireachadh iasgairean Sasannach. Bha na h-iasgairean sin a’ dreideadh suas agus a’ cumail nan eisirean gu lèir, co-dhiù bha na maoraich sean no òg. Bha iad a’ reic na seann fheadhainn, agus deagh phrìs orra. Agus bha iad a’ toirt leotha na feadhainn òga airson oitirean eisirean a stèidheachadh faisg air beul Abhainn Thames.
Cha chreid mi gun robh bacadh sam bith air na h-iasgairean Sasannach. Air an làimh eile, dh’fheumadh na h-iasgairean ann an Abhach cead iarraidh air an oighreachd airson eisirean a dhreideadh – oir ’s iad na h-uachdarain a chuir iad ann anns a’ chiad dol a-mach. Bha feadhainn ag iarraidh air an riaghaltas smachd a thoirt air an iasgach mus fhalbhadh na h-eisirean gu lèir. Ach dh’fhalbh iad.
Beagan seachdainean an dèidh don naidheachd seo a nochdadh ann an Courier Inbhir Nis, bha aithris ann mu dheidhinn droch thachartas ann an Linne Mhoireibh, faisg air Abhach. Bha grunn bhàtaichean beaga ionadail a-muigh ag iasgach eisirean.
Dh’èirich a’ ghaoth. Ann an aon eathar, anns an robh criutha de thriùir, dh’atharraich iad an taca. Ach cha do ghluais iad an uidheamachd dreididh timcheall. Bha i air an taobh cheàrr dhen t-soitheach – a chaidh a chur thairis. Cha do mhothaich na daoine anns na h-eathraichean eile ann an àm do na thachair. Gu mì mì-fhortanach, chaidh an triùir a bhàthadh.
Bha dithis bhràithrean am measg na triùir. Agus, na bu mhiosa buileach, dh’aithris an Courier gun robh iad air bràthair eile, agus an athair, a chall ann an tubaist iasgaich eile a’ bhliadhna roimhe. Taobh a-staigh bliadhna, bha fichead duine à baile beag Abhach air an call ann an tubaistean ann an Linne Mhoireibh.
A thaobh nan eisirean, tha daoine a-nise ag amas air piseach a thoirt air an t-suidheachadh ann an linneachan taobh an ear na h-Alba. Tha feadhainn a’ cur eisirean às ùr air grunnd na mara ann an Linne Dhòrnaich agus Linne Fhoirthe. Agus tha feadhainn eile gan àrach ann an Linne Chrombaigh. Gur math a thèid leotha uile.