Feumaidh sinn feitheamh gu tràth an ath-bhliadhna airson faighinn a-mach gu h-oifigeil cia mheud duine aig a bheil Gàidhlig ann an Alba. Ach, a rèir
fiosrachadh a thàinig a-mach am-bliadhna os ìosal, tha còrr is seasgad mìle (60,000) ann. Chì sinn.
Bha seasgad ’s a còig mìle (65,000) ann anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh ann an naoi-deug, naochad ’s a h-aon (1991), agus bha dùil gun tuiteadh an
àireamh deich mìle no barrachd anns an deichead as dèidh sin. ’S ann mar sin a bha e co-dhiù thairis air bliadhnaichean an fhicheadamh linn.
Ach bha aon deichead ann nuair a bha an call fada na bu mhò nan àbhaist. Thachair sin eadar naoi-deug ’s a h-aon-deug (1911) agus naoi-deug, fichead ’s a
h-aon (1921). Thuit an àireamh bho cheud, ochdad ’s a ceithir mìle (184,000) gu ceud, ceathrad ’s a naoi mile (149,000) – call mòr de thrithead ’s a còig
mìle (35,000). Agus bidh fios agaibh dè dh’adhbharaich e – an Cogadh Mòr.
Uill, ’s dòcha nach e sin an aon adhbhar, oir bha an stàite air a bhith a’ dèanamh droch làimhseachadh air a’ Ghàidhlig ann an foghlam as dèidh
stèidheachadh Achd an Fhoghlaim ann an ochd-deug, seachdad ’s a dhà (1872). Thug sin droch bhuaidh air a’ chànan, gu h-àraidh air tìr-mòr.
Ach ’s e an cogadh as mò a dh’adhbharaich an call. Bha mo sheanair à Eilean Leòdhais agus chaill esan triùir bhràithrean anns a’ chogadh. Bha an
suidheachadh sin cumanta anns na coimhearsnachdan aig cridhe a’ chànain. Ann an Leòdhas, chaidh sia mìle is seachd ceud (6,700) duine a-steach do na
feachdan cogaidh. B’ e sin fichead ’s a trì às a’ cheud (23%) de shluagh an eilein; faisg air aonan às gach ceathrar.
A-mach às an fheadhainn sin, chaill mìle, ceud, caogad ’s a h-aon (1,151) dhiubh am beatha anns a’ chogadh, seachd-deug às a’ cheud (17%) dhen fheadhainn a
chaidh a-steach do na feachdan. Agus a bharrachd air sin, chaidh còrr is dà cheud saighdear Leòdhasach a bhàthadh aig deireadh a’ chogaidh nuair a chaidh
an soitheach a bha gan toirt dhachaigh, an Iolaire, fodha taobh a-muigh Steòrnabhaigh. Bha sin air Là na Bliadhn’ Ùire, naoi-deug is naoi-deug
(1919). Bidh sinn an dòchas, airson iomadach adhbhar, nach fhaicear a leithid de chall a-chaoidh tuilleadh.
Aon turas, ge-tà, chan e call a bh’ ann eadar an dàrna cunntas-sluaigh agus an ath-fhear, ach àrdachadh. Thachair sin nuair a chaidh a’ cheist
atharrachadh. Anns a’ chiad chunntas anns an robh ceist mun Ghàidhlig ann, ann an ochd-deug, ochdad ’s a h-aon (1881), chaidh fhaighneachd dhen t-sluagh am
biodh iad ga bruidhinn gu cunbhalach.
Uill, cha robh fios aig cuid dè cho tric ’s a dh’fheumadh iad a bruidhinn airson comharra a chur anns a’ bhocsa sin, agus bha mòran ann, aig an robh
Gàidhlig, a chuir fiosrachadh ceàrr air na bileagan aca. Mar sin, chaidh a’ cheist atharrachadh deich bliadhna as dèidh sin gu “a bheil Gàidhlig agaibh?”
agus chaidh am figear suas fichead ’s a trì mìle (23,000) gu còrr is dà cheud, caogad ’s a ceithir mìle (254,000).
An-uiridh, chaidh a’ cheist atharrachadh a-rithist, gus clann fo aois trì bliadhna a thoirt a-steach, agus feadhainn a tha a’ tuigsinn na Gàidhlig, ged
nach bruidhinn iad i. Air sàilleamh sin, tha mi an dòchas nach bi an àireamh cho ìosal ’s a bha feadhainn a’ cumail a-mach. Agus tha daoine mar sibh fhèin
– an luchd-ionnsachaidh – a’ cur ris an àireamh sin gu mòr cuideachd.
’S i a’ cheist a tha nam cheann – cuin’ a chì sinn àrdachadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig? Bidh greis ann fhathast, tha eagal orm, ach, le
deòin agus spionnadh agus oidhirp, gabhaidh e dèanamh.