Bha mi a-mach air seanfhaclan Èireannach an t-seachdain sa chaidh agus tha mi an dòchas gun gabh sibh mo leisgeul ma bheir mi na dhà eile dhuibh an
t-seachdain-sa, oir tha pacaid no dhà de shiùcar air fhàgail agam a thug mi leam bho thaigh-bìdh ann am Baile Atha Cliath. An turas seo, cuiridh mi dreach
Gàidhlig na h-Alba orra, ged nach eil mi cinnteach co-dhiù tha iad againn gu nàdarrach ann an Alba.
Seo a’ chiad fhear: Cha do bhris facal math fiacail a-riamh. Bha sin air a bhith feumail dhomh an là eile nuair a bha mi ag innse do dheugaire gum
bu chòir dha ‘tha mi duilich’ a ràdh ri neach eile as dèidh dha dragh a chur air. Cha do bhris facal math fiacail a-riamh. Ach is cinnteach gun deach
iomadh fiacail a bhriseadh air sàilleamh droch fhaclan!
’S e am fear eile a bu mhath leam a thoirt dhuibh, seanfhacal anns a bheil tòrr gliocais, chanainn: Is coma le fear nam bròg càite an cuir e a chas. Tha fear nam bròg a’ ciallachadh – mar a bhiodh o shean – fear a bha beartach gu leòr
gus am biodh brògan aige. Agus nach eil beartas a’ dìon daoine gu mòr bho chruadalachd na h-àrainneachd a tha timcheall orra? Is coma le fear nam bròg
càite an cuir e a chas.
Nuair a bha mi a’ tighinn a-steach a Bhaile Atha Cliath anns an itealan – os cionn a’ chuain – mhothaich do dh’eilean faisg air a’ chladach agus, gu
dearbh, faisg air a’ bhaile mhòr fhèin. Eilean beag a bh’ ann. Uill, leis an fhìrinn innse, chunnaic mi dà eilean. Bha fear na bu mhò air bòrd-beulaibh an
itealain, pìos beag gu tuath air Baile Atha Cliath. Agus air a’ bhòrd-chùlaibh, bha an t-eilean beag faisg air a’ phrìomh bhaile.
Bha a-riamh ùidh agam ann an eileanan na h-Eireann. Chan eil mòran aca ann, co-dhiù an coimeas ris an t-seachd ceud a th’ againn ann an Alba. Ach tha iad
gu math brèagha agus tha feadhainn aca prìseil a thaobh cànan is cultar. Ach an fheadhainn air an robh mi, ’s ann air taobh an iar na dùthcha a tha iad.
Tha an dà eilean beag a chunnaic mi bhon phlèana air an taobh an ear. B’ fheudar dhomh choimhead ann an leabhar airson faighinn a-mach dè na h-ainmean a
th’ orra.
’S e Lambay a th’ air an fhear as fhaide tuath. Ach, ann am Beurla, ’s e Ireland’s Eye a th’ air an fhear bheag. Ainm neònach, nach e? Ireland’s Eye. Cha b’ urrainn dhomh obrachadh a-mach ciamar a fhuair e ainm mar sin, agus rinn mi an tuilleadh rannsachaidh. Seo na dh’ionnsaich
mi mu dheidhinn is tha e gu math inntinneach. ’S e an t-ainm tùsail a bh’ air ann an Gàidhlig na h-Eireann – Innis Ereinn. Nise b’ i Ereann
boireannach. Bha an t-eilean leathase uaireigin.
Ach nuair a thàinig na Lochlannaich, nuair a ghabh iad smachd air Baile Atha Cliath, dh’atharraich iad am facal Gàidhlig innis don iar-leasachan
Lochlannach oe, no ey, a tha a’ ciallachadh an aon rud – eilean. ’S e sin an aon iar-leasachan a th’ againn fhèin ann an àiteachan mar Bharraigh is
Beàrnaraigh.
Tro thìde, chaidh Ereinn atharrachadh gu Èirinn is tha sin furasta gu leòr a thuigsinn. Eirinn-ey. Mu dheireadh rinn luchd na Beurla
nàdar de dh’eadar-theangachadh air, no co-dhiù air a’ chiad phàirt dheth, is fhuair iad Ireland’s Eye – ged nach eil ceangal sam bith ann eadar an t-ainm
agus Èirinn no sùil. ’S ann iomadh-fhillte dha-rìreabh a tha dualchas ainmean-àite air uairean.