FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Taileachd mac Cuilgeadain

Bha uaireigin, a reir beul-aithris, fear ann a bha a’

Audio is playing in pop-over.

Taileachd mac Cuilgeadain

Bha uaireigin, a rèir beul-aithris, fear ann a bha a’ fuireach air eilean ann an loch no ’s dòcha anns an abhainn ann an Gleann Dochard ann am Braghad Albainn air an robh Taileachd mac Cuilgeadain mar ainm. Bha leannan-sìthe aige ach cha b’ esan an aon fhear aig an robh ùidh anns a’ bhoireannach bhrèagha a bha sin. Chuala Fionn mac Cumhail mu a deidhinn agus chaidh esan don àite airson coinneachadh rithe. Bu mhòr a chord e ris a bhith na cuideachd.

Dh’fhàs an dithis fhear eudach mu chèile agus, gus nach biodh iad a’ sabaid air a son, chuir a’ bhan-sìthe farpais air dòigh eatarra – farpais lèim. Leum Taileachd bhon eilean gu talamh tioram air tir-mòr, agus rinn Fionn an dearbh rud, agus a cheart cho sgiobalta. An uair sin thuirt Taileachd, ‘Leumaidh mi a-rithist ach an comhair mo chùil an turas seo. Mura dean thu fhèin an aon rud, ’s e mi-fhìn a bhuannaicheas.’

Leum Taileachd an toiseach, agus rinn e an gnothach, an comhair a chùil. Ach nuair a leum Fionn, ’s ann a thuit e ann an uisge domhainn – suas gu amhaich. Mus d’ fhuair e cothrom faighinn a-mach, gheàrr Taileachd a cheann dheth. Theich Taileachd an uair sin le ceann Fhinn na chois gus an do ràinig e abhainn ann an Raineach far an do chuir e air stob e air tom faisg air àth ris an canadh daoine bho sin a-mach Àth Chinn.

Nuair a fhuair na Fianna, na gaisgich aig Fionn, lorg air a chorp, agus e as aonais a chinn, thug iad air falbh e agus thiodhlaic iad e aig ceann Loch Tatha ann an àite ris an canar an-diugh Cill Fhinn. Chaidh iad an uair sin an tòir air ceann a’ ghaisgich agus lorg iad e aig Àth Chinn. Chuir fear aca corrag fo fhiacail ann an claigeann Fhinn – fiacail an eòlais – agus fhuair iad fios mar sin gu robh Taileachd am falach ann an uamh air Beinn Eallair. Chaidh iad don bheinn agus fhuair iad greim air.

‘A bheil thu a’ gabhail aithreachas airson Fionn a mhurt?’ dh’fhaighnich iad dheth. ‘Chan eil,’ fhreagair Taileachd, ‘mura gabh Goll aithreachas airson geur-leanmhainn a dhèanamh air Clann Chuilgeadain.’ Airson sin a ràdh, chaidh a làmh cheart a ghearradh dheth. Agus an uair sin a làmh cheàrr.

‘A bheil thu a’ gabhail aithreachas airson Fionn a mhurt?’ dh’fhaighnich na Fiann’ a-rithist. ‘Cha gabh mi aithreachas,’ fhreagair Taileachd, ‘mura gabh Goll aithreachas airson geur-leanmhainn a dhèanamh air Clann Chuilgeadain.’ Tharraing na daoine eile tè de chasan dheth an uair sin le clobha mòr iarainn agus phronn iad a chas eile le leacan cruaidh a thog iad far na beinne creagaich.

Agus chuir iad a’ cheist a-rithist. ‘A bheil thu a’ gabhail aithreachas airson na rinn thu air Fionn?’ Ach fhuair iad an dearbh fhreagairt bho Thaileachd agus loisg iad a shùilean le leann goileach. Chuir iad a’ cheist a-rithist agus, airson an turas mu dheireadh, dhiùlt Taileachd aithreachas a ghabhail. B’ e sin e. Chuir na Fianna an uair sin an cuid sleaghan tro chridhe Thaileachd.

Agus sin mar a fhuair Fionn mac Cumhail bàs ann an Gleann Dochard is mar a fhuair a mhurtair bàs air Beinn Eallair, is mar a fhuair Cill Fhinn ainm. Uill, a rèir beul-aithris co-dhiù. Ach ann an sgìrean eile, thathar a’ cumail a-mach gu bheil Fionn agus a chàirdean air an tiodhlacadh acasan. Is tha cuid ag ràdh nach eil iad marbh nas mò, ach gu bheil iad dìreach nan suain, is iad a’ feitheamh cothrom èirigh a-rithist.

Litir 184 Litir 184 Litir 186 Litir 186

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!