FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sruighlea

Bu toigh leam fàilte chrìdheil shònraichte a chur air feadhainn

Audio is playing in pop-over.

Sruighlea

Bu toigh leam fàilte chrìdheil shònraichte a chur air feadhainn ùra a tha a’ leughadh Litir do Luchd-ionnsachaidh a-nise. Is iad cuid de luchd-leughaidh Observer Shruighlea, pàipear-naidheachd a tha a’ frithealadh na coimhearsnachd timcheall baile Shruighlea agus sgìre Chlach Mhanainn. O chionn ceala-deug thòisich an Observer air an Litir a ghiùlain.

Eadar an fheadhainn aig a bheil làn-chlaiginn de Ghàidhlig, an fheadhainn a leughas no a sgrìobhas i gun a bhith ga bruidhinn, no a thuigeas i a-mhàin, tha cha mhòr còig ceud duine ann an Sruighlea. A rèir a’ chunntais-sluaigh a chaidh a dhèanamh o chionn dà bhliadhna, ’s e am figear – ceithir cheud, naochad ’s a trì (493). Tha sin a’ fàgail gur e Sruighlea an naoidheamh coimhearsnachd dheug as mò ann an Alba, a rèir na th’ ann de luchd na Gàidhlig. Tha e nas mò na Grianaig, Dùn Omhain agus Inbhir Narann.

Agus chan e baile Shruighlea an aon àite anns an sgìre anns a bheil na h-uibhir aig a bheil an cànan. Ann an Albha, no Almhagh Mòr mar a chanas cuid, tha còrr is ceud gu leth ann, agus tha còrr is dà cheud gu leth anns an Eaglais Bhric.

Eadar Sruighlea, Albha, agus an Eaglais Bhreac, tha còrr is naoi ceud duine aig a bheil Gàidhlig ann an dòigh air choreigin. Agus chan eil mo chunntas a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh no daoine ann am bailtean beaga eile. Co-dhiù, ge bith dè an uiread a th’ ann dhiubh, tha mi an dòchas gun còrd an Litir ris an fheadhainn a leughas i.

An e baile Gaidhealach no baile Gallda a th’ ann an Sruighlea, ma-thà? Agus a bheil na tiotalan sin a’ ciallachadh mòran an-diugh nuair a tha Gaidheil, agus luchd-ionnsachaidh a’ chànain, sgapte air feadh na dùthcha? Tha e inntinneach nuair a tha sinn a’ coimhead air ais air eachdraidh Shruighlea, oir tha e doirbh a bhith cinnteach an robh àm ann a-riamh nuair nach robh Gàidhlig air a bruidhinn ann.

Tha ainmean-àite a’ sealltainn dhuinn gu robh i air a bruidhinn o shean fad’ is farsaing ann am meadhan na h-Alba. Anns an t-seachdamh linn deug, bha làmh-an-uachdair aig a’ Bheurla ach, fiù ’s an uair sin, tha e coltach gu robh sluagh anns a’ bhaile a bhuineadh don Ghaidhealtachd. Gu dearbh, bha Comhairle a’ bhaile a’ gearain mu dheidhinn na bh’ ann de Ghaidheil bhochda a’ fuireach ann. Anns na h-ochdadan dhen t-seachdamh linn deug bha aig daoine bhon Ghaidhealtachd, a bha a’ tadhal air a’ mhargaidh ann an Sruighlea, ri bileag-cead a thoirt leotha fhad ’s a bha iad anns a’ bhaile.

Aig an àm sin, bha coimhearsnachdan ann an Siorrachd Shruighlea fhèin a bha gu math Gaidhealach. Bha iad air an taobh an iar – ann am Bochanan agus Druiminn – an dearbh sgìre anns an robh mi leis an Litir o chionn beagan seachdainean.

Tràth anns an naoidheamh linn deug, cha robh paraiste seach paraiste dhiubh sin air a chomharrachadh tuilleadh mar fhear Gàidhlig airson na h-eaglaise. Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach robh Gàidhlig fhathast air bilean an t-sluaigh. Bha dualchainnt àraidh ann a bha beò airson ceud bliadhna eile agus, nuair a chaidh post ùr a dh’Obar Phuill aig deireadh an naoidheamh linn deug, ghabh e uiread gaoil air a’ chànan ’s gun do dh’ionnsaich e gu fileantachd i le taic bho mhuinntir an àite. Agus cò às a bha esan? Cò ach Sruighlea fhèin. Tha mi an dòchas gum bi feadhainn eile de mhuinntir a’ bhaile sin a’ dol cho fada ’s a chaidh esan air rathad brèagha na Gàidhlig.

Litir 216 Litir 216 Litir 218 Litir 218

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!