FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dròbhairean ann an Coire Bhran (1)

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach seo le

Audio is playing in pop-over.

Dròbhairean ann an Coire Bhran (1)

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach seo le tòimhseachan: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh? Seo e a-rithist: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh?

Uill, tha an fhreagairt sìmplidh gu leòr: dh’fhalbh i às a’ cheann. Dh’fhalbh i às a’ cheann.

Tha aon rud nach fhalbh às mo cheann-sa airson ùine mhòir, ge-tà. ’S e sin an dà là a thug mi seachad o chionn ghoirid, a’ coiseachd air rathad Monadh Miongaig eadar Blàr Athall agus Ceann a’ Ghiuthsaich. Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, b’ e sin fear de na seann rathaidean eadar Bàideanach agus Athall, agus tha e a’ dol thairis air talamh àrd. Nuair a bha mise ann, bha cur is cathadh ann. Bha mi leam fhìn agus cha robh e furasta an rathad a lorg ann am pàirtean, oir bha an sneachd ga chòmhdachadh. Agus ann am pìosan, chan eil sgeul air an rathad co-dhiù, a rèir aithris, eadhon as aonais sneachda.

Chan ann mar sin a bha e o shean nuair a bhiodh dròbhairean a’ toirt crodh gu margaidh thairis air Monadh Miongaig. ’S e rathad ceart a bh’ ann an uair sin. Ach cha bhiodh na dròbhairean ga chleachdadh gu ìre mhòir sam bith anns a’ gheamhradh agus, gu dearbh, chan eil Monadh Miongaig uabhasach taitneach aig àmannan ann an droch shìde. Thathar ag innse fhathast mu bhuidheann de shaighdearan dearga a chaill am beatha ann, agus iad a’ dèanamh air Gearastan Ruadhainn, faisg air Ceann a’ Ghiuthsaich, ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745). Chaidh an glacadh ann an stoirm anns a’ mhonadh.

’S e an àirde a ruigeas Monadh Miongaig as coireach ris an droch shìde a bhios ann. Tha e a’ ruigsinn còrr is dà mhìle is seachd ceud troigh os cionn na mara. Agus, air sgàth sin, nuair a bhathar a’ togail rathad mòr ùr, far a bheil an A9 an-diugh, chaidh slighe eile a thaghadh, ged a tha i deich mìle nas fhaide. Aig a’ bhealach as àirde, aig Druim Uachdair, tha an A9 a’ ruigsinn dìreach mìle agus còig ceud troigh – mìle is dà cheud troigh nas ìsle na Monadh Miongaig. Ged a bhios e sneachdach aig àmannan anns a’ gheamhradh, chan eil e idir cho sneachdach ri Monadh Miongaig.

Tha aon àite ann aig mullach Monadh Miongaig a tha air leth brèagha, agus anns am faighear beagan fasgaidh, ma tha sin a dhìth. Thàinig mi air a-mach às a’ cheò, agus mo chuid aodaich còmhdaichte le sneachd. Mu mo choinneamh bha allt a bha a’ sruthadh gu socrach tro chlais, le cluaintean feurach air gach taobh dheth. Anns an allt bha trì lachan – cearc agus dà isean. Ghabh iad eagal am beatha nuair a chunnaic iad mi, agus mi a’ coimhead coltach ri yeti!

Tha an t-allt cama-lùbach, agus ’s e an t-ainm a th’ air Caochan Lùb. Cha b’ urrainn àite na b’ fheàrr a lorg air monadh fosgailte airson crodh ionaltradh no airson beagan fasgaidh fhaighinn. Is iomadh dròbhair anns an t-seann aimsir a bhiodh toilichte Caochan Lùb fhaicinn, tha mi cinnteach.

Faisg air mullach Monadh Miongaig tha coire ann air a bheil Coire Bhran. Bha e ainmeil o shean a chionn ’s gum biodh dròbhairean à mòran àiteachan anns a’ cheann a tuath a’ tighinn cruinn ann, agus iad a’ dèanamh deiseil airson a dhol thairis air a’ mhonadh gu ruige Athall còmhla. Carson a rachadh iad ann còmhla? Uill, innsidh mi sin dhuibh anns an ath Litir.

Litir 228 Litir 228 Litir 230 Litir 230

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!