FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Stiùbhart Blackie (3)

Chaidh comataidh a chur air chois ann an ochd ceud

Audio is playing in pop-over.

Iain Stiùbhart Blackie (3)

Chaidh comataidh a chur air chois ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a còig (1875) leis an amas Ceilteis a stèidheachadh mar chuspair oilthigh ann an Dùn Eideann fo stiùir proifeasair. Am measg nam ball, bha Iain Stiùbhart Blackie, Proifeasair na Greugais aig an dearbh oilthigh. ’S e Blackie, barrachd na duine sam bith eile, a sheas a-mach gu poblach air a’ chùis.

Bha aca ri dusan mìle not a chruinneachadh agus, aig an toiseach, chaidh cùisean gu math leotha. Taobh a-staigh còig mìosan bha an treas cuid dhen airgead aca. Bha e a’ tighinn bho iomadh ceàrn – à sliochd nan Gaidheal thall thairis, às uaislean na Gaidhealtachd fhèin, à buidhnean culturach is oifisean is clubaichean thall ’s a-bhos.

Bhiodh an fheadhainn a bu bhochda a’ cur stampaichean-puist chun na comataidh oir cha robh airgead gu leòr aca airson barrachd. Ach bha cuid ann, daoine beartach, a thug ceud not dhaibh – airgead mòr sna làithean ud. Agus nuair a chuala a’ Bhànrigh mun ghnothach bho Dhiùc is Ban-diùc Earra-Ghaidheal, thug i fhèin dà cheud not seachad.

Bha Blackie cianail trang anns a’ Ghiblean is anns a’ Chèitean. Thug e òraidean mun t-suidheachadh ann am Birmingham is Lunnainn, thill e a Dhùn Eideann airson àrd-sheanaidhean nan eaglaisean Clèireach, agus chaidh e air ais a Shasainn an uair sin, airson tuilleadh òraidean ann an Lunnainn is Oxford.

Bha e airson ’s gum biodh a charaid Iain F. Caimbeul, no Iain Òg Ìle, mar a b’ aithne do na Gaidheil e, na thagraiche airson na cathrach, oir bha e ainmeil mar sgoilear Gàidhlig agus fear-cruinneachaidh beul-aithris. Cha robh Iain air a shon, ge-tà. Sgrìobh e gu Blackie, ag innse stòiridh dha a chruinnich e, anns an do thachair an gaisgeach ri fear a bhiodh a’ briseadh chlachan le bhith a’ suidh orra. ’S e Tònchruaidh a chainte ris agus, eadhon nuair a dh’fheuch droch rìgh ri cur às don ghaisgeach le cathair anns an robh bior iarainn, bha ar caraid sàbhailte oir bha e air Tònchruaidh fhastadh, agus shuidh esan anns a’ chathair roimhe. Bha Iain dhen bheachd gum biodh feum aig Proifeasair na Ceilteis air Tònchruaidh dha fhèin mus gabhadh e àite anns a’ chathair aige, leis na bhiodh aige de nàimhdean!

Bha Blackie a-nise ainmeil air feadh an t-saoghail ach bha cuid ann nach aithneachadh an diofar eadar e fhèin is am Proifeasair Blaikie à Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Nuair a bha Blaikie anns na Stàitean Aonaichte thàinig mòran ga ionnsaigh airson taing mhòr a thoirt dha airson Cathair na Ceilteis a chur air chois ann an Dùn Eideann. B’ fheudar dha innse dhaibh nach b’ esan an duine!

Chaidh an stòras de dh’airgead a bhathar a’ cruinneachadh airson na cathrach a dhùnadh le còrr is ceithir mìle deug not ann, agus chaidh an dreuchd a stèidheachadh anns an Dùbhlachd, ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882). ’S e Dòmhnall MacFhiongain à Colasa a fhuair i. Anns an dearbh bhliadhna sin, leig Blackie dheth a dhreuchd mar Phroifeasair na Greugais.

Chaochail Blackie ann an ochd ceud deug, naochad ’s a còig (1895) agus bha seirbheis-tiodhlacaidh aige ann an Àrd-eaglais Ghill (no St. Giles Cathedral). B’ e a’ chiad duine a chuir teachdaireachd-bhròin ga ionnsaigh am Prìomhaire, am Morair Rosebery. Chuir esan blàth-fhleasg, a fhuair prìomh àite air a’ chiste-laighe nuair a bha i air an rathad eadar an eaglais agus an cladh. Rinn na mìltean mòra caoidh air, agus thug iad urram do chuimhne air an rathad a Chladh Dean. Bha làn-fhios aca nach fhaiceadh Alba a leithid tuilleadh.

Litir 242 Litir 242 Litir 244 Litir 244

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!