Cha robh mi ann an New Zealand, no Sealainn Nuadh, ach aon turas. Is mòr am beud, oir tha i uabhasach brèagha. Agus bu mhath leam a ràdh gu soilleir gu
robh am beachd sin agam fada mus do nochd na fiolmaichean – “Lord of the Rings”! Chòrd na beanntan anns an eilean mu dheas gu mòr rium agus, anns
an eilean mu thuath, shaoil mi gu robh cultar nam Maori air leth prìseil is inntinneach. Gu dearbh, ’s e Maori a’ chiad chànan a chuala mi nuair a fhuair
mi far na plèana ann an Auckland.
Bha na Gaidheil uaireigin pailt ann an New Zealand is tha an sliochd pailt fhathast. Chunnaic mi ìomhaigh de chù-chaorach ann an sgìre ris an canar
“Dùthaich MhicCoinnich” ann am meadhan an eilein mu dheas, agus sgrìobhte oirre bha na faclan Gàidhlig “Beannachdan air a’ chù-chaorach”. As aonais nan
con-chaorach, agus na caoraich fhèin, cha robh na Gaidheil air a bhith comasach air bith-beò a dhèanamh anns na beanntan sin.
Taobh a-muigh Alba is Eirinn, ’s e New Zealand an aon dùthaich air an t-saoghal far an cuala mi òrain Ghàidhlig air prògram rèidio àbhaisteach. Bha sin ann
an Dùn Eideann, no Dunedin, baile gu math Albannach anns an eilean mu dheas. Uaireigin às dèidh sin, bha mi air ais ann an Astràilia, far an robh mi a’
fuireach, agus bha còmhradh agam le fear à New Zealand. Dh’innis e dhomh gu robh àite anns an dùthaich aige air an robh “Lochnagar”. Nise, tha amharas agam
gur e loch a bh’ ann, seach beinn, ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach às a sin. Ma tha duine còir sam bith ag èisteachd ri seo air an eadar-lìon ann
an New Zealand, ’s dòcha gun cuir e ceart mi.
Co-dhiù, thàinig an còmhradh sin gu mo chuimhne, às dèidh dhomh bruidhinn ri fear eile, ann an Alba an turas seo, mu dheidhinn “Lochnagar”. Ach chan e
“Lochnagar” a thuirt e, oir bha an còmhradh ann an Gàidhlig, agus bidh fios agaibh, tha mi an dùil, gur e beinn, seach loch, a th’ anns an rud ris an canar Lochnagar ann am Beurla ann an Alba. Bha mo charaid is mi fhìn a-mach air “Beinn nan Cìochan” oir ’s e sin ainm Gàidhlig na beinne.
Nach annasach e gun deach ainm locha a chur air mullach beinne? Ciamar a thachair sin? Uill, tha loch anns a’ choire fon mhullach air a bheil Loch na Gàire. Dh’eadar-theangaich Uilleam MacBhàtair sin mar “Loch of the Outcry”, agus bha e dhen bheachd gun d’ fhuair e an t-ainm bho
fhuaim na gaoithe a bhios a’ cuairteachadh anns a’ choire. Ann am Beurla ’s e Lochnagar a chanadh daoine, agus a chanas iad fhathast, ris an loch,
agus chanadh iad Top of Lochnagar no Hill of Lochnagar ris a’ bheinn. Mu dheireadh chuir iad dìreach “Lochnagar” air a’ bheinn fhèin.
’S dòcha gu robh adhbhar a bharrachd ann air a shon, oir bha ainmean aig na Gaidheil air na mullaichean a bha co-cheangailte ri rudan a bhuineas do
bhoireannaich a-mhàin – cìochan. ’S e a’ Chìoch Mhòr a bh’ aca air aon mhullach, agus cuiridh mi geall gu robh “Cìochan” eile air an ainmeachadh oirre, oir
’s e Meikle Pap a th’ air aonan dhiubh an-diugh ann an Albais, an cànan a ghabh thairis bhon Ghàidhlig anns an sgìre sin. Air sgàth sin, ’s e
“Beinn nan Cìochan” a bh’ air – agus a th’ air – a’ bheinn air fad. Tha fhios gum b’ fheàrr leis na Bhictorianaich “Lochnagar” a chantainn rithe, ge-tà,
seach a bhith a’ meòmhrachadh cus air ciall an ainm Ghàidhlig!