Bidh èiteagan, no clachan beaga geala, a’ nochdadh gu tric ann an co-cheangal ri geasan ann am beul-aithris na Gaidhealtachd. Tha mi cinnteach gun
cuala sibh, mar eisimpleir, an naidheachd ainmeil mun chloich ghil a chleachd Calum Cille nuair a bha e ann an Inbhir Nis airson tadhal air Brùd, Rìgh
nan Cruithneach. Bha an t-àrd-dhraoidh aig Brùd, fear Broichean, a’ cumail nighean Ghaidhealach am bruid, ach bha e cuideachd a’ fulaing droch
shlàinte. Dh’aontaich Calum Cille cobhair a dhèanamh air nan leigeadh e an nighean ma sgaoil.
B’ e an leigheas dha – an èiteag aig Calum Cille a chur ann an uisge, agus an t-uisge òl. Nuair a dh’aontaich Broichean an nighean a leigeil ma sgaoil,
thug Calum Cille a’ chlach dha. Gu h-iongantach, cha d’ rachadh i fodha anns an uisge. Dh’fhan i air uachdar. Agus dh’obraich an leigheas, oir nuair a
dh’òl Broichean an t-uisge, chaidh e am feabhas sa mhionaid.
Ged a bha Calum Cille a’ ceangal a’ ghnothaich ri Dia nan Crìosdaidhean, bha e a’ leantainn air gnàths pàganach, agus feumaidh gun do choisinn e spèis
am measg nan Cruithneach pàganach don chreideamh aige fhèin anns an dòigh sin. Agus, ged a ghabh an creideamh ùr greim làidir air muinntir na h-Alba,
lean na seann dòighean anns a’ choimhearsnachd gu ìre air choreigin thairis air na linntean bhon uair sin.
Bha mi a’ leughadh an là eile mu thachartas ann am Baile Dhubhthaich, ann an taobh sear Rois, mu mheadhan an naoidheamh linn deug. Bha fear-siubhail
ann am Baile Dhubhthaich nuair a dh’fhàs e tinn. Cha mhòr nach do dh’fhanntaich e. Ghabh bean an taighe, far an robh e a’ fuireach, dragh mòr mu
dheidhinn, agus dh’fhalbh i a dh’iarraidh cobhair bho a nàbaidhean. Nuair a thàinig na boireannaich sin cruinn còmhla ann an làthaireachd an duine,
thuirt iad “Ghabh sùil air”. Bha iad a’ ciallachadh an droch-shùil. ’S e sin nuair a tha comas aig cuideigin neach eile a chur fo gheasaibh le
bhith a’ coimhead air. An droch-shùil. Bhathar a’ creidsinn sin, no ’s dòcha thathar a’ creidsinn sin, ann am mòran dùthchannan, an fheadhainn
Cheilteach nam measg.
Co-dhiù, chuir na boireannaich an duine seo leth-rùisgte air bòrd. An uair sin lìon iad peile fiodha le uisge. Agus chuir iad trì buinn airgid anns an
uisge – leth-chrùn, tastan agus crotag, ’s e sin bonn luach sia sgillinn. Chuir iad an t-uisge anns a’ pheile mun cuairt agus, fhad ’s a bha iad a’
dèanamh sin, dh’aithris iad ortha slànachaidh nach do thuig an duine tinn idir. An uair sin ghlan na boireannaich an t-euslainteach leis an uisge.
Gu ruige seo, cha tug mi iomradh air èiteag. B’ e sin an rud mu dheireadh a bh’ ann mar phairt dhen leigheas annasach seo. Às dèidh dhaibh an duine a
ghlanadh leis an uisge, a bha a-nise coisrigte ann am beachd nam ban, thug iad a-mach clach chruinn. Agus leig tè de na boireannaich a’ chlach don
uisge. Gu h-annasach chualas siosarnaich bhon pheile, agus bhris a’ chlach ann am pìosan. Gu h-obann, thàinig feabhas air an fhear thinn. Ann am
priobadh na sùla – ma dh’fhaodas mi sin a ràdh (chan e droch-shùil a bhiodh ann co-dhiù) – bha e na b’ fheàrr.
Bha an duine dhen bheachd gur e a bh’ anns a’ chloich ach pìos de dh’aol-beò agus gur dòcha nach robh dad ceàrr air ach droch stamag. Bha e dhen bheachd
gur e gun do chuir an gnothach an t-eagal air a thug a dheagh shlàinte air ais dha cho luath!