FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Naomh Ciaran (1)

Bha mi a-mach, an t-seachdain sa chaidh, air an naomh

Audio is playing in pop-over.

Naomh Ciaran (1)

Bha mi a-mach, an t-seachdain sa chaidh, air an naomh a thathar ag ràdh a chuir às do nathraichean ann an Èirinn, co-dhiù air talamh tioram. B’ esan Naomh Pàdraig. Ach tha e coltach nach b’ e Pàdraig a’ chiad phears-eaglais a sgaoil an soisgeul ann an Èirinn. Bha Naomh Ciaran ann roimhe, agus bu mhath leam rudeigin innse dhuibh mu dheidhinn.

Rugadh Ciaran, a rèir aithris, ann an eilean beag far cladach a deas na h-Èireann anns a’ bhliadhna trì cheud, fichead ’s a còig (325). Tha seann làmh-sgrìobhainn a’ dèanamh tuairisgeul dheth mar a’ chiad naomh Èireannach a rugadh san dùthaich. ’S e an t-eilean anns an do rugadh e Eilean Clèire no, mar a chanas muinntir an àite, aig a bheil Gàidhlig na h-Èireann fhathast, Oileán Cléire. Canaidh iad Ciarán ri Ciaran.

Tha an naomh air a chuimhneachadh gu mòr anns an eilean an-diugh. ’S e Trá Chiaráin a chanar ris an tràigh bhig far am bi na bàtaichean-aiseig a’ tighinn a-steach. Canaidh iad Cill Chiaráin ris an t-seann eaglais faisg air sin, a tha nise na tobhta. Faisg air an eaglais tha Tobar Chiaráin agus Gallán Chiaráin. ’S e gallán a chanas muinntir an àite ri tursa, agus thathar ag ràdh gur e Naomh Ciaran fhèin a shnaigh a’ chrois air a’ chloich. Eadhon an là an-diugh, gabhaidh muinntir Eilein Chlèire là dheth air Là Fèill Ciarain – an còigeamh là dhen Mhàrt.

Tha Naomh Ciaran ainmeil ann an Èirinn oir stèidhich e manachainnean agus sgaoil e an soisgeul mus robh Naomh Pàdraig a’ dèanamh a leithid. Ach chan ann a-mhàin ann an Èirinn a tha e ainmeil. Is esan prìomh naomh na Cùirn, ged a chanas muinntir na Cùirn Naomh “Piran” ris. Bidh fios agaibh, far an robh “c” ann an Gàidhlig gur ann tric a bhiodh “p” ann an Còrnais is Cuimris.

Agus bha Ciaran ann an Alba cuideachd. An urrainn dhuibh smaoineachadh air àite ann an Alba a tha a’ giùlan ainm? Baile ann an taobh an iar-dheas na Gàidhealtachd. Ann an Cinn Tìre. An-diugh ann am Beurla, ’s e Campbeltown a chanar ris. Ach ann an Gàidhlig, ’s e an seann ainm a th’ air fhathast – Ceann Loch Cille Chiarain. Stèidhich Ciaran cealla ann a sin, agus tha muinntir Chinn Tìre fhathast a’ coimhead air mar naomh sònraichte dhaibh.

Is iomadh sgeulachd a thathar ag innse mu Naomh Ciaran. Bha taobh mòr aige do bheathaichean. Thathar ag ràdh gur e torc nimhe a thog a chiad bhothan dha nuair a chaidh e a dh’fhuireach ann an coille mhòr.

Thathar ag innse mun chumhachd àraidh a bh’ aige – ’s e sin gu robh comas aige daoine marbh a thoirt beò a-rithist. Mar eisimpleir, bha seachdnar chlàrsairean aig Rìgh Aonghas na Mumhain. Là a bha seo, chaidh an seachdnar a mhurt le nàimhdean an rìgh. Thilg na murtairean na cuirp ann am boglach agus chroch iad an clàrsaich air craobh. Bha Aonghas air leth brònach.

Ach thuirt Naomh Ciaran ris gun d’ fhuair e a-mach cò iad na murtairean agus càite an do rinn iad a’ chùis olc. Chaidh an naomh agus an rìgh don àite còmhla. Sguir Ciaran bho bhith ag ithe fad là agus, thairis air an ùine sin, thiormaich a’ bhoglach. Chunnaic Ciaran agus Aonghas cuirp an t-seachdnar agus rinn an naomh ùrnaigh. Ged a bha iad air a bhith marbh fad mìos, dh’èirich na clàrsairean, agus iad slàn fallain a-rithist. Thog iad an cuid chlàrsach agus sheinn iad òrain bhinn airson taing a thoirt don naomh agus don rìgh. Sin agaibh Naomh Ciaran agus bidh tuilleadh agam ri ràdh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

Litir 271 Litir 271 Litir 273 Litir 273

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!