Cha robh e furasta do bhòtairean air Gàidhealtachd na h-Alba anns an taghadh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885). Bha sin gu h-àraidh
fìor ann an Earra-Ghàidheal. Bha aig bhòtairean à Tiriodh ri dhol a Bhun Easain ann am Muile, dìreach airson bhòtadh. Bha e a cheart cho duilich do na
Collaich. Bha acasan ri dhol a Thobar Mhoire airson bhòtadh.
Ach bha e fìor chudromach gun dèanadh na h-eileanaich oidhirp faighinn gu ionadan bhòtaidh. Oir, as an aonais, bha an t-eagal ann nach rachadh leis an
tagraiche a bha a’ seasamh còraichean nan croitearan. B’ esan Dòmhnall Horne MacPhàrlain.
Bha MacPhàrlain beartach, agus is math gu robh. Dh’fhastaich e bàta-smùid, an “Hebridean” airson bhòtairean Thiriodh is Cholla a thoirt a Mhuile. Cha robh
dòigh eile ann dhaibh faighinn thar na mara, oir bha fìor dhroch shìde ann. Bha e doirbh gu leòr do na Tiristich eadhon le sin, oir b’ fheudar dhaibh dhol
a-mach don Hebridean ann an eathar bheag.
Rinn MacPhàrlain a’ chùis anns an taghadh. Fhuair e trì mile, trì cheud, trithead ’s a sia bhòtaichean, faisg air còig ceud a bharrachd nan dàrna
tagraiche. Tuigidh sibh nach robh deamocrasaidh ceart ann aig an àm. Cha robh còraichean bhòtaidh aig mòran fhear aig an àm ud, agus cha robh còraichean
bhòtaidh aig boireannach sam bith.
Nuair a chualas an naidheachd gun do bhuannaich MacPhàrlain, bha toileachas mòr ann. Chuir mòran teintean-aighir thuige. Thug an Hebridean an naidheachd gu
ruige Tiriodh agus cha b’ fhada gus an robh sia teintean-aighir a’ dol anns an eilean. Bha an aon uiread de ghàirdeachas ann an Liosmòr, ann am Bail’ a’
Chaolais, ann an Inbhir Aora, ann an Tobar Mhoire, ann an Luinn – gu dearbh, ann am mòran àiteachan air feadh Earra-Ghàidheal.
Bha e inntinneach gun do rinn MacPhàrlain cho math san taghadh, oir bha e na Chaitligeach, eu-coltach ris a’ chuid a bu mhò de na daoine a bhòt air a shon.
Sheall na croitearan, anns an taghadh sin co-dhiù, gu robh iad a’ cur poileataics, agus taic do chroitearachd, air thoiseach air rud sam bith eile.
Cha robh clèirich nan eaglaisean Pròstanach buileach cho taiceil dha, ge-tà. Eadhon anns an Eaglais Bhaistich bha sgaradh bheachd ann. Ann an Ìle, bha am
ministear Baisteach, Dòmhnall Ros, na aghaidh. Ach bha an t-Urramach Donnchadh MacGriogair, am ministear Baisteach ann an Dùn Omhain, am measg an
fheadhainn a bu mhò a thug taic dha. Bha MacGriogair air a bhith an sàs gu mòr anns an iomairt airson còraichean fearainn a thoirt do mhuinntir na
Gàidhealtachd.
Ach bha suidheachadh an riaghaltais aig Westminster gu math cugallach an dèidh an taghaidh. Bhuannaich pàrtaidh na h-Èireann, fo Thèarlach Stiùbhart
Parnell, ochdad ’s a sia suidheachain – a h-uile fear a bh’ ann taobh a-muigh Uladh. Thug iadsan taic do na Tòraidhean. Thug sin an aon àireamh de bhuill
Thaigh nan Cumantan do na Tòraidhean ’s a bh’ aig na Libearalaich – trì cheud, trithead ’s a còig. Fhuair na Tòraidhean, fon Mhorair Salisbury, cead
riaghlaidh, ach chaill iad bhòt anns na Cumantan tràth sa bhliadhn’ ùir. Bha Gladstone an uair sin air ais mar phrìomhaire.
Bha esan air a bheachd atharrachadh air fèin-riaghladh do dh’Èirinn. Bha e a-nise air a shon. Mar sin, thug na buill Èireannach an taic dha. Ach nuair a
chuir e am bile aige air adhart airson fèin-riaghladh anns an Ògmhios, ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886), chaill e, oir chaidh cuid de na Libearalaich
na aghaidh. Bha taghadh nàiseanta eile ann. Agus bha aig Dòmhnall MacPhàrlain ri dhol air ais gu muinntir Earra-Ghàidheal, is an cuid bhòtaichean iarraidh
a-rithist.