An do mhothaich sibh gu bheil diofar ann eadar aibidil Gàidhlig na h-Alba agus aibidil Gàidhlig na h-Èireann. Ma choimheadas sibh ann am faclairean, chì
sibh gu bheil barrachd litrichean ann an aibidil nan Èireannach na tha ann an aibidil nan Albannach.
Bidh fios agaibh gu bheil ochd litrichean deug anns an abidil Ghàidhlig. ’S iad an fheadhainn a tha ann an aibidil na Beurla nach eil againne: J, K, Q, V, W, X, Y agus Z. Ach seallamaid mionaid air a’ Ghearrfhoclóir Gaeilge-Béarla aig Ó Dónaill. Tha faclan aigesan a’ tòiseachadh
le J – mar eisimpleir, jabaireacht (airson jobbing) agus jacaí (airson jockey).
’S e a th’ annta faclan a thàinig bhon Bheurla. Chan eil mòran dhiubh ann oir tha a’ Ghaeilge air dèiligeadh ri faclan de a leithid mar as trice anns an
aon dòigh san do dhèilig a’ Ghàidhlig riutha. Uaireannan tha sinn a’ cur I far am biodh an J ann am Beurla. Mar eisimpleir – am facal jubilee. Ann an Èirinn, ’s e iubhaile; ann an Alba canaidh sinn iubailidh. Tillidh sinn don fhacal iubailidh ro
dheireadh na Litreach.
Chan eil dad aig Ó Dónaill fo K, ach tha fo Q – dà rud – quinín (airson quinine) agus quionól (airson quinol). Tha dà dhuilleig aige de rudan fo V, leithid verteabra is víreas. Chanamaid ann an Alba cnamh droma
agus bhìoras, le “bh” aig an toiseach, a’ seasamh airson fuaim a’ “v”. Fo Y, tha Y-chrómosóm aige; bidh sinne ag ràdh cromosom Y, agus tha rudan mar zú le “z” aige (airson zoo) – facal a tha sinne a’ litreachadh le “s” – sù.
Cò chruthaich an siostam as fheàrr – na h-Èireannaich no na h-Albannaich? Uill, bidh a bheachd aig gach duine air sin. ’S dòcha gu bheil an siostam
Èireannach nas onaraiche a thaobh fuaimneachadh. Air an làimh eile, ’s dòcha gu bheil a’ Ghàidhlig Albannach a’ dèanamh glèidheadh a bharrachd air dualchas
a’ chànain.
Ach bidh sibh a’ mothachadh gun do leig mi às aon litir bhon aibidil – X. Oir tha facal Gàidhlig a’ tòiseachadh le “x” – x-ghath airson x-ray. Tha an aon rud aig na h-Èireannaich. ’S dòcha gum bu chòir dhuinn aideachadh a-nise gu bheil naoi litrichean deug anns an aibidil againn!
Tha mi airson tilleadh don litir V. Ciamar a sgrìobhas sin Victoria? Uill, chithear an dà chuid bho linn na Bànrigh fhèin – le V
no Bh aig an toiseach. Tha mi dìreach air leabhar a chur a-mach mu dhualchas Gàidhlig Inbhir Nis agus nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh air a
shon, lorg mi dealbh a chaidh a thogail air an dàrna là fichead dhen Ògmhios, ochd ceud deug, naochad ’s a seachd (1897). B’ e sin Iubailidh Daoimein na
Bànrigh agus bha bratach air Taigh a’ Bhaile air an robh an teachdaireachd: “Fhad ’s a mhaireas Clach na Cùdainn, mairidh cliù Victoria air chuimhne”. ’S e
Clach na Cùdainn clach àrsaidh ainmeil ann an Inbhir Nis. Bha ainm na bànrigh air a litreachadh le V.
Ach nuair a bha a’ Bhànrigh ann an Ros an Iar fichead bliadhna roimhe sin, chaidh a turas a chomharrachadh le snaigheadh air clach faisg air Taigh-òsta
Loch Ma-Ruibhe. Bha e ann an Gàidhlig: “Air an dara latha-deug deth mhios meadhonach an fhoghair, 1877, thainig Ban-Righ Bhictoria a dh’fhaicinn
Loch-Maruibhe, agus nan criochan mun cuairt…” Bha ainm na Bànrigh air a litreachadh an sin le Bh. Bidh sibh a’ mothachadh nach eil an t-ainm a’
leantainn na riaghailt litreachaidh – “leathann ri leathann is caol ri caol”, ach ’s e ceist eile a tha sin!