FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Rann-cunntaidh (1)

Gheall mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh gun toirinn

Audio is playing in pop-over.

Rann-cunntaidh (1)

Gheall mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh gun toirinn dhuibh facal eile airson meur-craoibhe. Uill seo e – geug. Thuirt mi cuideachd gun innsinn dhuibh rann shnog a bhios freagarrach do chloinn, a bharrachd air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Seo e a-nise, agus cumaibh cluas ri claisneachd airson an fhacail geug. ’S e rann-cunntaidh a th’ ann, agus tha e a’ tòiseachadh le aon agus a’ dol suas gu aon-deug.

Aon, dhà, trì

An cat, an cù ’s mi fhìn

A’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghàrraidh

Gus am fàs sinn sgìth.

Ceithir, còig, sia

Uisg’ neo gaoth neo fèath

Togaidh sinne bothan beag

Le clachan agus crèadh.

Seachd, ochd, naoi

Gheibh mi slat is sreang

’S thèid mi dh’iasgach anns an abhainn

Gus an tig an oidhch’.

Deich is a h-aon deug

Chan e facal brèig

Gun do chunnt mi fichead starrag

Is iad nan suidh’ air geug.

Bidh sibh a’ mothachadh gun tuirt mi “a h-aon deug” is chan e “a h-aon deug” mar a bhiodh nàdarrach dhomh. Rinn mi sin gus am biodh e a’ dèanamh rann le brèig. Ach ann an cuid de dh’àiteachan, leithid Earra-Ghaidheal, ’s e sin a chanas na daoine gu nàdarrach co-dhiù. Aon-deug, dhà-dheug, tri-deug is mar sin air adhart. Agus an àite “sia”, canaidh iad “sè”. Airson sia-deug, canaidh iad sè-deug. Ach na gabhaibh dragh. Tuigidh daoine air feadh na Gàidhealtachd thu ma chanas tu “sia-deug”.

Chan eil fhios a’m am bi sibh eòlach air an fhacal fèath. Chan eil e uabhasach feumail aig an àm seo dhen bhliadhna! Tha e a’ ciallachadh aimsir chiùin, nuair nach eil gaoth ann. Ma dh’èisteas sibh ri ro-shealladh na h-aimsir, neo na sìde, air na programan-naidheachd air Radio nan Gàidheal, cluinnibh sibh rudan mar – “bidh i na fèath an-diugh”, a’ ciallachadh nach bi gaoth mhòr sam bith ann. ’S truagh nach eil sinn ga chluinntinn nas trice!

Tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach, ge-tà, air an fhacal bothan. Tha amharas agam gun tàinig e bhon fhacal Beurla booth bho thùs mar both. Bothan – both beag. Tha e fhathast againn ann an cruth rudeigin eadar-dhealaichte mar bùth, ach tha bothan, a-rèir choltais, air a dhol air ais don Bheurla a-rithist mar bothy.

Seo an rann a-rithist, beagan nas luaithe an turas seo:

Aon, dhà, trì

An cat, an cù ’s mi fhìn

A’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghàrraidh

Gus am fàs sinn sgìth.

Ceithir, còig, sia

Uisg’ neo gaoth neo fèath

Togaidh sinne bothan beag

Le clachan agus crèadh.

Seachd, ochd, naoi

Gheibh mi slat is sreang

’S thèid mi dh’iasgach anns an abhainn

Gus an tig an oidhch’.

Deich is a h-aon deug

Chan e facal brèig

Gun do chunnt mi fichead starrag

Is iad nan suidh’ air geug.

An do mhothaich sibh am facal geug, aig an fhìor dheireadh? Agus dè bha oirre? Fichead starrag. ’S e a th’ ann an starrag – eun mòr dubh is glas. Canaidh feadhainn feannag ghlas ris neo hooded crow ann am Beurla. Cluinnidh tu “Starrag” mar fhrith-ainm neo far-ainm air daoine ann an cuid de cheàrnaidhean na Gàidhealtachd.

Ach ma tha thu a’ leughadh seann stòiridh neo bàrdachd Ghàidhlig, bithibh faiceallach nuair a thig sibh tarsainn air an fhacal “geug”. A bharrachd air branch, tha e, neo bha e, cuideachd a’ ciallachadh “boireannach òg bòidheach”. Is ma tha sibh a’ sgrìobhadh bàrdachd sibh fhèin, thoiribh an aire. Ma sgrìobhas sibh gu robh sibh nur “laighe fo gheugan brèagha” ’s dòcha nach tuig an luchd-leughaidh gu robh sibh dìreach a’ gabhail fois ann an coille air latha samhraidh!

Litir 37 Litir 37 Litir 39 Litir 39

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!