FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (2)

Rugadh am bàrd, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ann an

Audio is playing in pop-over.

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (2)

Rugadh am bàrd, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ann an Gleann Urchaidh ann an Earra-Ghaidheal ann an seachd ceud deug, is ceithir ar fhichead (1724). ’S e a’ chiad phìos a sgrìobh e, a th’ againn fhathast, Òran do Bhlàr na h-Eaglaise Brice.

Ghabh Blàr na h-Eaglaise Brice àite anns an Fhaoilleach, seachd ceud deug, dà fhichead ’s a sia (1746) nuair a bha Donnchadh ceithir bliadhna fichead a dh’aois. Thachair e nuair a bha arm a’ Phrionnsa a’ tilleadh gu tuath as dèidh a bhith ann an Sasainn. Chaidh an latha leis na Seumasaich, ach bha Donnchadh air an taobh eile ann am Mailisi Earra-Ghaidheal, a’ sabaid airson Rìgh Deòrsa. Chanainn gu robh e air a bhith na bu thoilichte còmhla ris a’ Phrionnsa.

Ach ’s ann airson òrain-ghaoil agus òrain-nàdair a tha Donnchadh ainmeil, seach bàrdachd-cogaidh. Sgrìobh e corra phìos mu bhean, “Màiri bhàn òg”. Tha do phòg mar ùbhlan gàraidh, ’s tha do bhràighe mar an neòinean, is rudan taitneach mar sin.

Agus ann an dàn eile:

Do chneas mar an èiteag

Glè ghlan, fallain,

Corp seang mar chanach an t-slèibh…

Chì sibh gu robh Donnchadh a’ cleachdadh iomhaighean co-cheangailte ri nàdar agus, a bharrachd air gaol, ’s e nàdar a bu mhotha a ghluais e gu bàrdachd. Bha e ag obair bliadhnaichean mar choilltear airson Iarla Bhràghad Albann neo, mar a chanadh na Gàidheil ris, Mac Cailein ’ic Dhonnchaidh. Dh’obraich e cuideachd do Mhac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghaidheal.

Nuair a bha e ag obair do Mhac Cailein ’ic Dhonnchaidh, chuir e seachad mòran tìde ann an dà àite a bha e a’ dol a dheanamh ainmeil le bhàrdachd – Beinn Dòrain agus Coire Cheathaich. Tha ceathach a’ ciallachadh ceò. Coire Cheathaich, neo Coir’ a’ Cheathaich – Coire a’ Cheò – the misty corrie.

Is toigh leam an dàn aige, air a bheil “Coire Cheathaich” mar ainm, airson trì adhbharan. Tha e làn fhaclan brèagha is tha e a’ ruith gu math mar bhàrdachd. Tha e cuideachd a’ sealltainn cho mòr ’s a bha gràdh Dhonnchaidh do dh’àrainneachd na Gàidhealtachd. Agus an treas rud: tha e a’ dol leis a’ bheachd agam fhìn gu bheil sinn a’ toirt cus spèis anns an latha an-diugh do na mullaichean, is nach eil sin a’ toirt spèis gu leòr do na coireachan. Chanainn fhìn gu bheil na coireachan am measg nan rudan as motha a tha a’ sònrachadh àrainneachd na h-Alba…

’S e Coire Cheathaich nan aighean siùbhlach

An coire rùnach is ùrar fonn,

Gu lurach, miadh-fheurach, mìn-gheal, sùghar

Gach lusan flùir bu chùbhraidh leam…

Ach bu toigh le Donnchadh na mullaichean cuideachd. An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòrain, sgrìobh e mun bheinn a b’ fheàrr leis, Na chunnaic mi fon ghrèin, ’s i bu bhòidhche leam… Agus ged a dh’fhàg e Earra-Ghaidheal, agus ged a chuir e seachad iomadach bliadhna ann am baile mòr Dhùn Eideann, baile air an robh e gu math measail, cha do bhris e a-riamh na ceanglaichean spioradail a bh’ aige do thìr nam beann.

Bha e trì fichead ’s a h-ochd-deug nuair a sgrìobh e Cead Deireannach nam Beann, mu dheidhinn Bèinn Dòrain:

B’ e sin an sealladh èibhinn

Bhith ’g imeachd air na slèibhtibh

Nuair bhiodh a’ ghrian ag èirigh

’S a bhiodh na fèidh a’ langanaich.

Sgrìobh Donnchadh Bàn marbh-rann dhà fhèin – airson duine a bhiodh na sheasamh air a lic, agus am bàrd marbh, fon fhòid. Gabh mo chomhairle ’s bi glic, sgriobh e, cuimhnich tric gun tig am bàs. Uill, thàinig am bàs air Donnchadh ach dh’fhàg e dìleab phrìseil dhuinn as a dhèidh, dìleab a bhios beò fhad ’s a mhaireas cànan nan Gàidheal.

Litir 42 Litir 42 Litir 44 Litir 44

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!