O chionn beagan is dà bhliadhna bha mi ann an New Zealand, no Sealan Nuadh, a’ dèanamh prògram telebhisein airson a’ BhBC. B’ e cuspair a’
phrògraim am fear-poilitigs Sir Iain MacCoinnich. Chòrd e rium a bhith a’ leantainn stòiridh a bheatha eadar an t-àite san do thogadh e agus an
t-àite san do dh’fhàs e cliùiteach. Ri a linn, b’ esan an dàrna fear a bu chudromaiche is a bu chumhachdaiche ann an Sealan Nuadh.
Rugadh e air oighreachd Àird Rois, faisg air Alanais ann an Ros an Ear, ann an ochd ceud deug, trithead ’s a naoi (1839). Aig an àm sin bha a’
Ghàidhlig làidir ann an Ros an Ear agus ’s e Gàidhlig a bh’ aig Iain mar chiad chànan.
Bha e na Ghàidheal do chridhe.
Nuair a bha e còig bliadhna a dh’aois chunnaic e rudeigin a bha a’ dol a dh’atharrachadh a bheatha gu tur. Bha e còmhla ri athair anns a’ Chròic.
Tha eaglais ainmeil an sin far an robh muinntir Ghleann Chailbhidh a’ gabhail fasgadh – anns a’ chladh ri taobh na h-eaglaise – às dèidh gun deach
am fuadachadh bhon dachannan.
Sgrìob feadhainn dhiubh an ainmean ann an glainne uinneagan na h-eaglaise. Agus chithear na sgrìoban sin fhathast.
Cò nar measg nach fhàs feargach nuair a chì sinn a leithid an-diugh? A’ chiad turas a chunnaic mise na h-uinneagan sin, feumaidh mi aideachadh gun
robh fearg orm. Ciamar a b’ urrainn do dh’uachdaran a bhith cho an-iochdmhor? Uill, chunnaic Iain MacCoinnich an t-ana-ceartas, chan ann còrr math
is ceud bliadhna às dèidh làimh, ach nuair a bha e a’ tachairt.
Choisich e fhèin is athair seachad air an eaglais agus chunnaic Iain na daoine anns a’ chladh, agus iad a’ fulang dòrainn – ged nach do rinn iad
dad ceàrr. Bha a chuimhne air an tachartas sin gu bhith aige fad a bheatha. Agus thug i buaidh mhòr air fheallsanachd phoilitigeach. Bha Iain
airson a bhith cinnteach nach tachradh fuadaichean de a leithid ann an Sealan Nuadh. Agus, mar sin, bha e an sàs gu mòr ann an ceist ath-leasachadh
an fhearainn anns an dùthaich sin.
Bha athair Iain na thuathanach. Nuair a bha Iain na dheugaire, bha iad ann am Baile an Dùin. Tha an taigh aca na sheasamh fhathast. Gheibhear
seallaidhean math’ às de Bheinn Uais.
Cha robh Iain ’s a theaghlach cho bochd ri feadhainn eile. Ach chaill e a mhàthair nuair a bha e òg. Agus bha leanabh aige le boireannach òg anns
an sgìre nuair a bha e naoi bliadhna deug a dh’aois. Dh’iarr Iain air màthair na h-ìghne a dhol a Shealan Nuadh còmhla ris. Ach dhiùlt i. Ge-tà,
ghabh e ris gu poblach gur ann leis-san a bha an nighean, agus ghabh ise a chinneadh-san. B’ e Johan MacKenzie a bh’ oirre ann am Beurla, ged nach
urrainn dhomh a ràdh an e Johan no Seonag a bh’ oirre ann an Gàidhlig. Gheall Iain gu poblach gun toireadh e ceithir notaichean gach bliadhna airson deich bliadhna mar thaic-airgid dhi. Agus rinn e sin.
Phòs Iain tèile às an sgìre ann an ochd ceud deug is seasgad (1860). Bha Anna Rothach sia bliadhna na bu shine na Iain, agus bha i mòran na bu lugha.
Bha esan sia troighean is ceithir òirlich a dh’àirde. Cha robh ise eadhon còig troighean a dh’àirde! Ach tha e coltach, ann an gnothaichean na
dachaigh, gun robh i gu math cinnteach aiste fhèin. Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain mar a dh’èirich dhaibh nuair a ràinig iad Sealan Nuadh.