FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (4)

Tha mi air a bhith ag innse dhuibh an t-seann

Audio is playing in pop-over.

Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (4)

Tha mi air a bhith ag innse dhuibh an t-seann stòiridh Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair. Tha mi a’ dol ga thoirt gu crìch an-diugh. Bidh cuimhne agaibh gun do thogadh Iain Dubh ann an Steòrnabhagh ach gun do dh’fhalbh e air long fad còig bliadhna airson seòladaireachd ionnsachadh. Chaidh a chur gu muir ann an ràth ach lorg e tìr agus chaidh e an sàs le trì robairean.

Shàbhail e beatha nighean Rìgh na Spàinne. Theich iad bho thaigh nan robairean agus phòs iad. Air an rathad chuidich Iain triùir fhear aig bothan-àirigh. Bha iad air am murt leis na robairean ach cha robh an cinn leis na colainnean ceart. Chuir Iain an cinn san àite cheart agus gheall an triùir gum faigheadh e duais airson sin.

Bha ceannard cabhlach na Spàinne air nochdadh anns a’ phort san robh Iain agus a bhean a’ fuireach. Bha an ceannard ag iarraidh nighean an Rìgh a thoirt air ais do a h-athair – agus a pòsadh. Cha robh fios aig Iain no a bhean gun robh an ceannard air a h-aithneachadh.

Thug an ceannard cuireadh don dithis dhol a-mach a choimhead air an luing. Ghabh iad ris a’ chuireadh. Ach nuair a bha iad air bòrd, chaidh na siùil an àirde, agus dh’fhalbh an long. Nuair a bha an long a-mach à sealladh na tìre, dh’fhàgadh Iain Dubh bochd aig muir leis fhèin ann am bàta beag gun ràmh ’s gun seòl.

Bha Iain ann an cruaidh-chàs. Bha e brònach fad an latha. Ach, aig ciaradh an fheasgair, mhothaich e do rudeigin a thug misneachd dha. Bha am bàta a’ cumail a toisich anns an aon àird, agus falbh math oirre.

An uair sin, chunnaic Iain botal deoch làidir ann an toiseach a’ bhàta. Ghabh e deoch às agus thuit e na chadal. Nuair a dhùisg e an ath mhadainn, sheall e gach rathad, ach cha robh tìr sam bith anns an t-sealladh. Ge-tà, bha am bàta a’ falbh fhathast le sgrìob làidir agus a’ cumail a cinn san aon àird. Thug seo tuilleadh misneachd dha. Nuair a thàinig an dàrna oidhche, ghabh e deoch eile bhon bhotal agus thuit e na chadal.

Air an treas madainn, sheall e roimhe agus chunnaic e tìr fad às, agus am bàta a’ dèanamh dìreach oirre. Bha an ròpa toisich a-mach roimhpe, agus tarraing chruaidh air. Ach cò bha a’ tarraing a’ bhàta leis an ròpa? Cha robh càil a dh’fhios aig Iain. Bha e neònach dha-rìribh.

Nuair a ràinig am bàta an cladach, chaidh triùir fhear a-mach às an uisge roimhpe. Bha iad a’ tarraing an ròpa thoisich. B’ iad sin an triùir dhaoine aig a’ bhothan-àirigh. Gheall iad aig an àm gun toireadh iad duais do dh’Iain. B’ e seo a dhuais.

Tharraing an triùir am bata gu bràigh a’ chladaich, os cionn tiùrr na mara. Cho luath ’s a chunnaic iad cas Iain air tìr, chaidh iad às an t-sealladh.

Faodar an còrr dhen sgeul innse ann am beagan fhaclan. Cha phòsadh nighean an Rìgh an ceannard gus am biodh gach saighdear is seòladair san rìoghachd air a dhol seachad fo uinneag a seòmair ann an caisteal a h-athar. Chaidh cha mhòr gach fear seachad air a h-uinneig agus cha robh sgeul air Iain Dubh Leòdhasach. Ach mu dheireadh, às dèidh dha dhol tro iomadh cruaidh-chàs, ràinig Iain an caisteal. Bha e air dheireadh air càch uile.

Gu fortanach, dh’aithnich nighean an Rìgh e. Phòs iad a-rithist agus, ma tha iad fhathast beò, tha mi an dùil gu bheil iad sona.

Litir 523 Litir 523 Litir 525 Litir 525

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!