Bha mi ag innse dhuibh mar a fhuair Coinneach Odhar Fiosaiche an dà-shealladh. A rèir beul-aithris, bha clach aige, le toll innte. Nuair a bheireadh e sùil tron toll, chitheadh e sealladh. Ach dè thachair don chloich sin an dèidh bàs Choinnich? A bheil i ann fhathast?
Seo na thachair dhi, a rèir beul-aithris.
Bha cruinneachadh mòr de dh’uaislean ann an Caisteal Bhrathainn. Bha an t-uabhas de chloinn ann. Chuala Coinneach cuideigin ag ràdh nach ann tric a chite
uiread de chloinn uasal còmhla anns an aon àite.
Cha robh Coinneach cho measail air uaisleachd. Thuirt e seo: Is motha a th’ ann do chlann ghillean-bùird agus do chlann ghillean-stàbaill na th’ ann do chlann dhaoin’ uaisle. Cha b’ fhada gus an cuala a’
Bhean-uasal Sìophort na thuirt e. Bha i feargach. Dh’iarr i gum biodh Coinneach air a chur an grèim agus air a thoirt thuice.
An dèidh greis, chuireadh an grèim e. Nuair a bha e ann an làthaireachd na Mna-uasail, thug e a-mach a chlach shònraichte, agus thug e sùil troimhpe.
“Tha mi a’ faicinn anns an ùine romhainn,” thuirt e, “gun tig na Sìophortaich gu ceann ann am bròn mus bi cus ghinealach air a dhol seachad. Tha mi a’
faicinn ceann-cinnidh, am fear mu dheireadh dhiubh, a bhios bodhar is balbh. Bidh ceathrar mhac bàn aige agus gheibh iad uile bàs mus fhaigh e fhèin bàs.
Bidh esan brònach oir bidh fios aige nach bi ceann-cinnidh aig Cloinn ’ic Coinnich ann tuilleadh ann am Brathann no Cinn Tàile.”
Lean Coinneach le a chuid fàidheadaireachd. Bhiodh fios aige nach biodh e beò fada. “Nuair a gheibh an ceann-cinnidh mu dheireadh bàs,” thuirt e, “gheibh
boireannach bàn-churracach às an taobh sear oighreachd, agus marbhaidh ise a piuthar. Mar chomharra gu bheil na rudan seo a’ tighinn gu bith, bidh ceathrar
uachdaran mòra ann ri linn an t-Sìophortaich mu dheireadh – MacCoinnich Gheàrrloch, an Siosalach, an Granndach agus MacLeòid Ratharsair.
Bidh fear dhiubh sgòr-fhiaclach, bidh fear beàrn-mhìolach, bidh fear leth-chiallach agus bidh am fear mu dheireadh mabach. Nuair a bheir ceann-cinnidh nan
Sìophortach sùil timcheall air, agus nuair a chì e na daoine sin, bidh fios aige gum faigh na mic gu lèir aige bàs roimhe, gum faigh coigrich grèim air an
fhearann aige, agus gun tèid a chinneadh à bith.”
Uill, cha robh fada aig Coinneach anns an t-saoghal seo. Chaidh a chur gu bàs le teine ann an baraille tearra aig Gob na Cananaich. Ach dè thachair don
chloich aige?
Thathar ag ràdh, às dèidh dha a shealladh innse, gun do thilg e a’ chlach a-steach do tholl a chaidh a dhèanamh le ladhar bà. Thuirt e gum beirte leanabh le dà imleig, a lorgadh a’ chlach am broinn geadais. Bhiodh an dà-shealladh aigesan mar a bh’ aig Coinneach fhèin.
Nuair a thilg Coinneach a’ chlach air falbh, rùraich feadhainn anns an lorg-coise bà. Ach bha uisge a’ drùchdadh às an talamh, agus cha do lorg iad a’
chlach. Agus cha do sguir an t-uisge. An ceann greis, bha glumag ann. An ceann greis eile, bha loch ann. B’ e sin Loch Ùsaidh.
Tha e coltach gu bheil a’ chlach fo uisgeachan an locha fhathast. Cò àige tha fios cuin a nochdas i a-rithist.