Bha mi ag innse dhuibh mu Chè Tormod Dòmhnallach a dh’fhoillsich The Gesto Collection of Highland Music ann an ochd ceud deug, naochad ’s a còig
(1895). B’ aithne dha Màiri Mhòr nan Òran. Mhol Màiri gun sgrìobhadh e gu tè Sgitheanach eile a bha a’ cruinneachadh seann òrain – Frangag, no Frances,
Tolmie. Coltach ri Cè Tormod, bha Gàidhlig aig Tolmie bho dhùthchas, agus bhuineadh i do theaghlach a bha rudeigin beartach.
Fhuair Cè Tormod ceathrad ’s a còig òrain bho Tholmie. Nochd feadhainn dhiubh ann an leabhar a dh’fhoillsich e nuair a bha e a’ fuireach ann an Dùn Èideann
ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901). B’ e ainm an leabhair Puirt-a-Beul: or Songs for Dancing as Practised from a Remote Antiquity by the Highlanders of Scotland.
An robh Cè Tormod ceart ann a bhith ag ràdh gu robh puirt-à-beul àrsaidh? Feumar tuigsinn gun robh e fhèin, agus a charaid, Alasdair
MacIlleMhìcheil, a dh’fhoillsich Carmina Gadelica, a’ strì an aghaidh beachd ann am Breatainn nach robh anns na Gàidheil ach daoine aineolach, gun chultar a b’ fhiach. ’S dòcha nach bi fios againn a-chaoidh, ge-tà, dè cho sean ’s a tha puirt-à-beul.
Brochan lom, tana, lom, brochan, lom sùghain
– bidh sibh eòlach air an òran sin. Tha e anns a’ chruinneachadh aig Cè Tormod Dòmhnallach. Bha mi a’ bruidhinn ri fear an-uiridh agus thuirt e gun robh e
air aon òran Gàidhlig ionnsachadh na òige, ach nach robh fios aige dè bha na faclan a’ ciallachadh. Agus ghabh e Brochan Lom. “It means,” thuirt
mise ris, “bare, thin, bare gruel, bare sowans gruel.” “Aha,” ars’ esan, “it’s a song of great philosophical depth, then!”
Sin mar a tha mòran de phuirt-à-beul. Chan eil iad a-mach air cuspairean mòra. Ach tha an ruitheam annta cudromach. Agus tha iad a’ dèanamh iomradh air
rudan a bha mar phàirt de bheatha nan Gàidheal – daoine, gaol, sealg, an àirigh, eilthireachd, gaisgeachd, nàdar is mar sin air adhart. Tha na h-òrain sin
am measg nan rudan as prìseile a bhuineas dhuinn mar shluagh.
Thàinig eagran ùr a-mach dhen leabhar aig Cè Tormod – Puirt-à-Beul – na bu tràithe dhen bhliadhna seo, air fhoillseachadh le Taigh na Teud anns an Eilean
Sgitheanach. Chaidh a dheasachadh le Uilleam Lamb. Chuir Lamb aiste inntinneach is fiosrachail an cois an leabhair mu phuirt-à-beul fhèin – cuin agus
carson a dh’èirich an stoidhle seinn seo?
Bha Cè Tormod a’ ceangal “Gille Calum” ri fear a bha a’ cruinneachadh nan cìsean airson Calum a’ Chinn Mhòir, Righ na h-Alba, a bha beò mìle bliadhna air
ais. Tha Lamb ag ràdh, ge-tà, nach urrainn a bhith cinnteach a bheil susbaint anns a’ bheachd sin.
Gu deireadh an t-siathamh linn deug, bha am facal port a’ ciallachadh “fonn airson na clàrsaich”. Às dèidh do chluich na clàrsaich a chrìonadh, bhiodh
daoine a’ cleachdadh an fhacail airson fonn-dannsaidh a dh’fhaodadh a bhith air a chluich air ionnsramaid no air a sheinn leis a’ ghuth.
Tha dà bheachd-smuain air a bhith gu tric co-cheangailte ri tùs phort-à-beul. ’S e a’ chiad tè dhiubh gun do dh’èirich an dòigh-sheinn sin an cois Achd an
Toirmisg às dèidh Blàr Chùil Lodair. ’S e an dàrna tè gun do dh’èirich i an cois dùsgadh anns an Eaglais anns an naoidheamh linn deug. Bheir sinn sùil orra
sin an-ath-sheachdain.