FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Faclan airson ‘sneachd’

Nuair a bhios mi a’ ruith chùrsaichean mu na ceanglaichean

Audio is playing in pop-over.

Faclan airson ‘sneachd’

Nuair a bhios mi a’ ruith chùrsaichean mu na ceanglaichean eadar ar cànan agus ar tìr, bidh mi ag innse do na h-oileanaich gu bheil còrr is ceud facal ann an Gàidhlig airson beinn, cnoc no talamh àrd de sheòrs’ air choreigin. Tha mu shia fichead facal agam air an liosta. Agus tha ceathrad facal Gàidhlig agam airson ‘boglach’. Gu math tric, bidh daoine ag ràdh – sin dìreach mar a tha na faclan airson ‘sneachd’ ann an cànan nan Inuit.

Ach cia mheud facal Gàidhlig a th’ againn airson ‘sneachd’? Tha fliuch-shneachd ‘sleet’, clach-shneachd ‘hail’ agus crann-shneachd ‘dry snow’ againn. Tha ball-sneachda againn airson ‘snowball’ agus muc-shneachda nuair a tha e uabhasach mòr. Bidh daoine a’ dèanamh muc-aitidh le bhith a’ roiligeadh sneachd bog ann am ball mòr aig àm an àiteimh.

Dè mu dheidhinn nam faclan airson ‘snowflake’? Tha bleideag ann. Ach cuideachd – clòimhneag, lòine, clàdan, cleit is cleiteag. ’S e spìontag ‘a small drop of rain or flake of snow preceding a shower’. Agus, ann an Arainn, ’s e cuileaga-sneachda a chanadh iad ri ‘snowflakes’. Tha sin snog, nach eil?

Agus ‘a snow shower’? Fras-sneachda. No gith. Cuideachd, canaidh sinn gu bheil an cur ann, no gu bheil i a’ cur an t-sneachda. Ma tha an sneachd uabhasach bog is fliuch, dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil glid ann.

Ma tha e cho bog ’s gun canamaid ‘sleet’ ris ann am Beurla, ’s e sin flin no flinne, fliug, glìobas, stiug, clàmhainn, flichneachd no flichneadh.

Ma tha sneachd a’ leaghadh nuair a bhuaileas na bleideagan an talamh, canaidh sinn gur e clìfeid no glìbheid a tha sin. Ma laigheas e, ’s e ùr-sneachd a th’ ann, agus ma tha gu leòr ann airson lorgan-coise a shealltainn, canaidh sinn lorganach-shneachda ris.

Ma tha dìreach gu leòr ann airson an talamh a dhèanamh liath, seach geal, canaidh sinn liathtas-sneachda ris. Agus, ged nach biodh dùil air sneachd mun àm seo dhen bhliadna, uaireannan bidh e a’ tighinn, agus canaidh sinn Glasadh na Cuthaig ris no, cuideachd, Sneachd Beag nan Uan. Chan eil e cho trom ri Sneachd na Cuthaig a thig anns a’ Ghiblean.

’S e cathadh no cabhadh a chanas sinn ann an Gàidhlig ri snowdrift. ’S e cur is cathadh a chanas sinn ri sneachd trom a thig le gailleann. Agus ’s e gnudhadh facal airson sneachd leaghte no ‘slush’.

Nuair a tha pìos de shneachd air fhàgail air cliathaich beinne as t-Earrach, ’s e cuithe a chanas sinn ri sin. Tha tè ainmeil ann an Srath Spè – A’ Chuithe Chrom air a’ Chàrn Ghorm. Anns a’ gheamhradh fhèin, feumaidh sgithearan nach eil air a’ phiste a bhith cianail faiceallach mu mhaoimean-sneachda – ’s e maoim-sneachda a’ Ghàidhlig air ‘avalanche’.

Canaidh sinn cho geal ris an t-sneachd ‘as white as the snow’ agus cho geal ri sneachd na h-aon oidhche ‘as white as the one-night snow’ – ’s e sin sneachd nach eil air a bhith a’ laighe fada gu leòr airson a bhith a’ fàs salach.

Mu dheireadh, seo ceist dhuibh – dè na h-eòin a tha ag innse gu bheil sneachd air an rathad nuair a nochdas iad ann an achaidhean anns a’ gheamhraidh? Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain.

Litir 722 Litir 722 Litir 724 Litir 724

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!