Shaoileadh sibh gum biodh an deasbad seachad ann an Alba, ach chan eil e. Ged a chaidh a rèiteach o chionn fhada ann an Eirinn agus a’ Chuimrigh, tha
feadhainn fhathast dhen bheachd, anns an dùthaich seo, nach bu chòir soighnichean-rathaid dà-chànanach a bhith ann. Tha sin fìor fiù ’s air tìr-mòr na
Gaidhealtachd, far a bheil a’ chuid as motha de na h-ainmean-àite air tighinn bhon Ghàidhlig.
Tha e coltach gu bheil cuid de sheirbheisich-chatharra, mar a chanas iad, dhen bheachd gur e cànan cunnartach a th’ anns a’ Ghàidhlig. Neo co-dhiù gum
biodh soighnichean-rathaid le Gàidhlig orra cunnartach. Cha bhiodh fios aig dràibhearan ca’ robh iad a’ dol, agus bhiodh barrachd thubaistean ann air
sàilleabh sin. Chan fhaca mi fianais sam bith a-riamh gu robh barrachd thubaistean anns a’ Chuimrigh neo ann an Eirinn air sgàth nan soighnichean
dà-chànanach acasan, ach feumaidh gu bheil fios a bharrachd air a’ ghnothach aig na seirbheisich-chatharra na th’ agam-sa. Neo rudeigin.
Far a bheil mi a’ fuireach, ann an Inbhir Nis, tha cunnart ann gun caill sinn cuid de sheann dualchas a’ bhaile air sgàth ’s nach eil Gàidhlig air na
soighnichean. Nuair a tha sanas ann am Beurla a-mhàin, tha e furasta an dreach ceàrr a chur air, agus a’ chiall a bh’ aige bho thùs a chall.
Mar eisimpleir, air taobh siar Abhainn Nis, chìthear soighnichean, airson sgìre bheag, air a bheil “L-E-A-C-H-K-I-N”. Nise, ciamar a chanadh sibh sin, nan
robh sibh air ùr-thighinn a dh’fhuireach ann an Inbhir Nis? “Leetch-kin”, ’s dòcha? “Letch-kin”? Neo “Leechkin”, neo “Lechkin”? Uill, ’s e an fhìrinn a th’
ann gu bheil mòran, nach eil comasach air “ch” a ràdh, air tòiseachadh air “Larkin” a ghabhail air. Larkin!
’S e a’ Ghàidhlig a th’ air an àite – an Leacann – agus, nan robh sin air na soighnichean, bhiodh fios aig barrachd dhen t-sluagh ciamar a chanadh
iad ainm an àite. Agus chìtheadh iad gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh rudeigin. Seo na chanas faclair Dwelly mu dheidhinn – leacann: the broad slope of a hill. Agus ’s e sin dìreach a th’ ann.
Faisg air an Leacainn, tha ceàrnaidh ann ris an canar “Dalneigh” ann am Beurla. “D-A-L-N-E-I-G-H”. Ann an Gàidhlig, ’s e Dail an Eich a th’ air,
agus nach eil sin a’ ciallachadh rudeigin? Ann am Beurla, ’s e “Dalneich” a bh’ air na mapaichean an toiseach, agus ’s e sin a chanadh muinntir an àite,
fiù ‘s nuair a chaill iad an cuid Gàidhlig. Ach chaidh atharrachadh air na mapaichean, bho “ch” aig deireadh an ainm gu “gh”, airson adhbhar air choreigin,
agus ’s e “Dalneigh” a chanas a’ chuid mhòr an-diugh.
Tha mòran eisimpleirean eile ann mar sin, ann am mòran sgìrean, a tha a’ sealltainn cho truagh ’s a tha suidheachadh, ann an dùthaich dhà-chànanach, far
nach eil na soighnichean ach aona-chànanach, agus iad sin ann an cànan nach do bhuin don dùthaich o shean. Fàgaidh mi sibh le smuain air Cinn a’ Ghiuthsaich – baile ann am Bàideanach. Tha giuthas a’ ciallachadh “Scots pine”, tha giuthsach a’ ciallachadh “pine
wood”, agus tha Cinn (neo Ceann) a’ Ghiuthsaich a’ ciallachadh “the end of the pine wood”.
Ach nuair a chaidh dreach Beurla a chur air – “Kingussie” - chaidh a litreachadh K-I-N-G-U-S-S-I-E. Dh’fhàg iad an “g” ann air sgàth ’s gu bheil “g” ann an
“giuthsach”. Uill, bha mi aig Stèisean a Haymarket ann an Dùn Eideann an-uiridh nuair a chuala mi fear-aithris ag innse dhuinn ainmean nan stèiseanan air
am biodh an trèana a dh’Inbhir Nis a’ tadhal. Perth, Pitlochry, Newtonmore, Kin-GUSS-ie… Cha chàn mi an còrr!