Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air Gàidhealtachd na h-Alba. Thug an t-Seann Lochlannais buaidh air a’ Ghàidhlig. ’S iomadh facal a tha sinn a’ cleachdadh
an-diugh aig an robh tùs ann an Lochlannais–leithid geòla, laimrig, langa is mol. Seadh, gu leòr dhiubh le ceangal don mhuir. Tha fad a
bharrachd fhaclan-iasaid Lochlannais ann an Gàidhlig na tha de dh’fhaclan Gàidhlig a chaidh don Lochlannais. Tha dùil gu bheil sin a’ dearbhadh gun robh na
Lochlannaich a’ smachdachadh nan Gàidheal gu ìre mhòr.
Ach bidh ceist ann mu na thachair anns na h-eileanan a thaobh cànain. An do dh’fhalbh a’ Ghàidhlig fo bhuaidh na Lochlannais? An robh a h-uile duine a’
bruidhinn Lochlannais airson ùine? No, eadhon, nuair a bha làn-smachd poilitigeach aig na Lochlannaich, an robh feadhainn fhathast a’ bruidhinn na
Gàidhlig? Agus an robh an suidheachadh eadar-dhealaichte ann an diofar eileanan?
Airson fianais, feumaidh sinn dhol gu gintinneachd, gu airceòlas, gu làmh-sgrìobhainnean eachdraidheil agus gu ainmean-àite. Bidh ainmean-àite gar
cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn na thachair don Ghàidhlig fo bhuaidh nan Lochlannach.
Tha an Dr Iain Holliday a’ fuireach ann an Tiriodh. Tha Gàidhlig mhath aige. Tha e air a bhith a’ toirt sùil air ainmean-àite an eilein agus sgrìobh e
pàipear gu math inntinneach mun cheud is seachdad ainm Lochlannach ann an Tiriodh. ’S e dìreach ceud is ceithir a bh’ air an clàradh leis an t-Suirbhidh
Òrdanais. Chuir Iain fhèin seasgad ’s a sia a bharrachd don liosta. Ge-tà, tha còrr math is trì mìle ainm Gàidhlig anns an eilean.
Thàinig na Lochlannaich a Thiriodh anns an naoidheamh linn an dèidh Chrìosda. Agus dh’atharraich iad an t-eilean gu mòr. Carson a tha sinn a’ smaoineachadh
sin? Uill, chan eil ach aon ainm-àite againn an-diugh a bh’ ann am bith mus tàinig na Lochlannaich–’s e sin Tiriodh, ainm an eilein fhèin.
Air ceann an iar-dheas Thiriodh, tha seann dùn air a bheil Dùn nan Gall. Bhiodh Gall’ an sin a’ ciallachadh Lochlannach’. Faisg air làimh, ri taobh
geodha, tha creag air a bheil Borabrig. Tha sin a’ ciallachadh laimrig ri taobh an dùin’. Tha Iain dhen bheachd gu bheil sin a’ sealltainn gun
robh na Lochlannaich a’ cleachdadh an dùin mar dhaingneach. ’S ann le fòirneart a thug iad buaidh an toiseach.
Bha na Lochlannaich a’ fuireach air feadh an eilein. Rinn iad ath-chruthachadh air siostam an fhearainn is cruth nam bailtean. Dh’fhàg iad
ainmean pearsanta ann an cuid de dh’ainmean-àite. Eadhon an-diugh, tha ainmean Lochlannach air seasgad às a’ cheud de bhailtean Thiriodh.
Ach chan eil an dualchas Lochlannach cho làidir ann am pàirtean dhen eilean ’s a tha e ann am pàirtean eile.
Tha Iain dhen bheachd gun robh Gàidheil a’ fuireach anns an eilean fad na h-ùine a bha iad fo smachd nan Lochlannach, agus gun do mhair an cànan beò. ’S
dòcha gun deach feadhainn dhiubh a ghluasad a-mach à ceàrnaidhean Lochlannach gu ceàrnaidhean Gàidhealach. Ach cha robh an dà shluagh air an sgaradh
buileach bho chèile. Tha dùil gun do phòs mòran fhear Lochlannach boireannaich Ghàidhealach.
Mhair an Lochlannais ùine mhòr. Tha fianais ann an ainmean-àite gun do mhair i cho fada ris a’ cheathramh linn deug. Ach ’s i a’ Ghàidhlig aig an robh
làmh-an-uachdair mu dheireadh thall. Agus tha i air bilean cuid de mhuinntir Thiriodh chun an latha an-diugh.