An cuala sibh riamh mu ‘mhionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’? Tha e a’ ciallachadh mionnan nach gabh creidsinn agus tha e a’ tighinn bhon
t-seann stòiridh thraidiseanta ‘A’ Ghobhar Ghlas’. Ma chluinneas tu cuideigin, agus e a’ mionnachadh gu bheil e ag innse na fìrinn, agus làn-fhios agad
nach eil, faodaidh tu a ràdh nach eil aige ach mionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhar ghlais.
Latha a bha seo, lorg madadh ruadh dà mheann ann am feur tiugh ann an glaic. Bha am màthair air am fàgail an sin, falaichte, fhad ’s a bha i ag ithe. Mar a
bhiodh nàdarrach, dh’ith an sionnach na minn. Bha iad fhathast a’ meigeadaich na bhroinn nuair a thill a’ ghobhar.
Chuala i na minn aice agus dh’fhaighnich i dhen mhadadh-ruadh cà’ robh iad. Agus seo na thuirt am madadh:
Air an droighinn, air an dris,
Air an uisge ’ruith san eas,
Air an adhar os do chionn,
Air an talamh fo do bhonn,
Air a’ ghrèin a tha san iar,
Air a’ ghealaich seachad siar,
Air na reultan anns a’ chiar,
Chan fhac’ mi riamh do chuid mheann.
Can gun robh bailiùn air chall, agus dàrna balach a’ faighneachd de bhalach eile am fac’ e e. Dh’fhaodadh am fear eile seo a ràdh:
Air an droighinn, air an dris,
Air an uisge ’ruith san eas,
Air an adhar os do chionn,
Air an talamh fo do bhonn,
Air a’ ghrèin a tha san iar,
Air a’ ghealaich seachad siar,
Air na reultan anns a’ chiar,
Chan fhac’ mi riamh do bhailiùn.
Ach a bheil ag innse na fìrinn, no a bheil e coltach ris an t-sionnach?!
Tha Alasdair MacIlleMhìcheil a’ toirt dhuinn cunntas inntinneach mu shionnach ann an Carmina Gadelica. ’S e ‘Sionnach na Maoile’ ainm an stòiridh
oir thachair e faisg air Maol Chinn Tìre.
Bhiodh madadh ruadh a bha seo a’ falbh astar mòr airson creach a thogail. Nam biodh tollairean aig tuathanach – ’s e sin coin a bhios a’ sealg shionnach –
bhiodh an sionnach a’ dol leis a’ chreig agus bhiodh na coin a’ dol às a dhèidh. Bhiodh na coin marbh aig a’ bhonn, ach bhiodh an sionnach
fhathast beò. Cha robh fios aig duine mar a bha e ga dhèanamh oir cha robh leac follaiseach air aghaidh na creige.
Dh’iarr na tuathanaich air brocair an sionnach a mharbhadh. Chaidh a leigeil air ròp sìos aghaidh na creige far an do lorg e craobh-chaorainn òg. Nan
cuireadh e cuideam air a’ chraoibh, lùbadh a bàrr cho fada ’s gum biodh e a’ buntainn ri leac bheag chumhang. Bhiodh an leac a’ leantainn gu leacan eile a
bheireadh creutair sgiobalta far na creige gu sàbhailte. Gheàrr am brocair stoc na craoibhe ach chuir e a’ chraobh air ais ri chèile mar nach robh càil
ceàrr oirre.
An ath thuras a rinn an sionnach sgrios, ruith tollairean às a dhèidh. Chaidh am madadh leis a’ chreig. Ach, an turas seo, bha e air a lorg marbh aig bonn
na creige, le pìos dhen chraoibh-chaorainn na bheul.
Às an tachartas seo, dh’èirich na samhlaidhean: cho carach ri sionnach ruadh Maol Chinn Tìre aguscho seòlta ri sionnach na Maoile. Agus tha abairt ann: bheir e leis a’ chreig sibh mar a thug an sionnach na tollairean. Thoiribh an aire!