Tha sinn a’ fuireach ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt airson aon seachdain eile. Tha an srath làn dualchas na Gàidhlig. Gu tuath air Cill
Mhìcheil, tha baile beag ris an canar Dalnagairn ann am Beurla. ’S e sin Dail nan Càrn ann an Gàidhlig. Tha, no bha, cùirn ann agus b’ e fear dhiubh Càrn
na Baoibh. Bha e a’ comharrachadh uaigh aig baobh, no droch bhana-bhuidseach, a chaidh a chur gu bàs an sin.
Bha bàs mòr aig crodh na sgìre, agus bha na daoine a’ coireachadh na baoibh. Ach cha bhiodh muinntir an àite ga faicinn fad na h-ùine. Uaireannan bha i
do-fhaicsinneach. ’S ann mar sin a bhiodh i a’ dol gu cruinneachaidhean poblach. Bhiodh i a’ toirt sgleog do dhaoine. Leis nach robh iad ga faicinn, bha na
daoine dhen bheachd gur e am fear no tè rin taobh a bu choireach. ’S ann tric a bhiodh an gnothach a’ tighinn gu dùirn. Bha muinntir Shrath Àrdail seachd
searbh sgìth dhen bhaoibh.
Didòmhnaich a bha seo, bha an sagart fadalach a dhol don eaglais. Bha tàillear a’ cluich le siosar. Airson spòrs thug e sùil tro thuill nan corrag, mar gur
e prosbaig a bh’ ann. Agus dè chunnaic e ach a’ bhaobh. Bha i ri a droch chleasan, a’ bualadh air duine an seo agus a’ cur prìne ann an tòn boireannaich an
sin.
Cha tuirt e guth ach, an dèidh na seirbheis, chaidh e don t-sagart. Mhìnich e an gnothach dha. Dh’iarr an sagart air gun guth a ràdh ri duine, ach a bhith
a’ tilleadh don eaglais an ath Dhidòmhnaich, agus an siosar aige na phòcaid.
Ach cha b’ urrainn don tàillear an gnothach a chumail dìomhair. Chunnaic a bhean gun robh rudeigin air tachairt dha agus fhuair i a naidheachd bhuaithe.
Cha b’ fhada gus an robh a’ chùis am beul a’ bhaile. Mar dhìoghaltas, rinn a’ bhaobh sgrios a bharrachd air crodh a’ bhaile an t-seachdain
sin.
Gu h-annasach, bha a’ bhaobh anns a’ choitheanal Didòmhnaich. Thug an tàillear an siosar aige don t-sagart. Chuir an sagart an siosar ann an aon phòcaid
agus botal de dh’uisge coisrigte anns a’ phòcaid eile. Nuair a bha e a’ deisealachadh airson searmonachadh, thug e sùil tron t-siosar agus chunnaic e a’
bhaobh na suidhe anns a’ choitheanal.
Goirid às dèidh dha an searmon a thòiseachadh, sguir e gu h-obann. Chomharraich e a’ bhaobh. Thionndaidh i air a sàilean agus theich i. Dh’iarr an sagart
air na daoine a leantainn. An dèidh greis a-muigh, shuidh a’ bhaobh air clach. Bha i do-fhaicsinneach do na daoine. Ach thog an sagart an siosar do a shùil
agus chunnaic e i.
Dhòirt e an t-uisge coisrigte ann an cearcall timcheall na cloiche. Cha b’ urrainn don bhaoibh fhaighinn a-mach. Thòisich na daoine air clachan a chàrnadh
oirre. Dh’èigh an sagart, ‘Cuiribh oirre, cuiribh oirre – clach airson gach mairt!’ ’S e sin a rinn iad, agus fhuair i bàs.
A bheil Càrn na Baoibh ann an-diugh? Chan eil. Chleachd uachdaran na clachan airson drèanaichean a dhèanamh. Ach, gu fortanach, chaidh an stòiridh a
chlàradh le Teàrlach MacFhearghais a bhuineadh don sgìre.