Bha mi ag innse dhuibh gun robh mi sa Chuimrigh as t-fhoghar. Bha mi ag ionnsachadh beagan Cuimris. Bha mi ann an ionad-cànain air a bheil Nant Gwrtheyrn.
ʼS e cuaraidh a bh’ ann uaireigin agus chaidh seann bhaile an luchd-obrach ùrachadh airson àiteachan-fuirich a dhèanamh do dh’oileanaich na Cuimris. ʼS e
àite brèagha a th’ ann, a-mach à sealladh air cùl nan cnoc, os cionn mol agus cladach fosgailte.
Tha seann eachdraidh aig Nant Gwrtheyrn, co-dhiù a rèir beul-aithris. Tha i a’ tòiseachadh ann an Sasainn, no far a bheil Sasainn an-diugh. Tha nant a’ ciallachadh ‘allt’ no ‘mòr-chlais’ agus b’ e Gwrtheyrn seann rìgh Breatannach. Bha e beò ann an Ceant, ann an ceann an ear-dheas
Bhreatainn, anns a’ chòigeamh linn. ʼS e fear lag, meata a bh’ ann. Chleachd e saighdearan Sagsannach airson smachd a chumail air a nàimhdean.
Bha fear dhiubh, air an robh Hengist mar ainm, air leth brùideil. Rinn e a’ chùis air nàimhdean Ghwrtheyrn. Bha Gwrtheyrn toilichte agus thug e Eilean
Thanet do Hengist mar dhuais. Ged a tha Thanet ceangailte ri tìr-mòr Cheant an-diugh, ʼs e eilean ceart a bh’ ann aig an àm sin.
Thug na Sagsannaich an teaghlaichean leotha. Cha b’ fhada gus an robh iad air tòiseachadh air fearann a ghabhail thairis air tìr-mòr. Bha Gwrtheyrn a-nise
a’ tuigsinn gun robh e air mearachd a dhèanamh. Airson a rìoghachd a dhìon, rinn e tairgse-phòsaidh do nighean Hengist. Dh’aontaich Hengist ris an aonadh
agus chaidh cuirm mhòr a chumail. Bha na Breatannaich agus na Sagsannaich nan suidhe còmhla.
Gu h-obann, dh’èirich na Sagsannaich don casan agus tharraing iad am biodagan. Thòisich iad air na Breatannaich a mhurt. Theich Gwrtheyrn agus a dhraoidhean lem beatha. Chuir iad seachad bliadhnaichean air allaban, a’ coimhead airson àite iomallach far am
biodh iad sàbhailte. Mu dheireadh thall, lorg iad an t-àite air a bheil Nant Gwrtheyrn an-diugh.
Ged a bha am fearann car cas, bha e torrach gu leòr agus bha a’ mhuir làn èisg. Airson timcheall air ceud bliadhna, bha sluagh a’ fuireach ann agus bha iad
dòigheil gu leòr. Bha an seann chreideamh aca fhathast, ach latha a bha seo, nochd triùir mhanach Crìosdaidh. Bha iad air an uamhasachadh gun robh teampall
pàganach aig muinntir Nant Gwrtheyrn fhathast. Dh’iarr iad air na daoine eaglais Chrìosdail a thogail na àite. Ach dhiùlt na daoine agus thilg iad clachan
air na manaich.
Rinn na manaich mallachd. Thuirt a’ chiad fhear, ‘Tha an talamh seo mì-naomha. Cha tèid duine a thiodhlacadh ann.’
Thuirt an dàrna fear, ‘Cha phòs fir Nant Gwrtheyrn mnathan Nant Gwrtheyrn a-chaoidh.’
‘Tha am baile seo damnaichte,’ dh’èigh an treas manach. ‘Thèid a sgrios trì tursan. Agus an dèidh an treas turais, cha till daoine ann!’
An ath mhadainn, chaidh fir a’ bhaile gu muir nan cuid eathraichean. Dh’èirich stoirm mhòr. Chaidh na fir gu lèir a bhàthadh. Às aonais nam fear, cha robh
taghadh aig na boireannaich ach Nant Gwrtheyrn fhàgail agus am beatha a thòiseachadh às ùr ann an àite eile. Bha am baile an uair sin falamh airson ùine
mhòr. Agus innsidh mi dhuibh tuilleadh mu eachdraidh an àite anns an ath Litir.