Bha mi ag innse dhuibh mu mar a fhuair Fionn MacCumhail an cù aige, Bran.
Bha Bran dìleas agus làidir. Turas a bha seo, bha iad a’ tadhal air Rìgh
air eilean air choreigin. Bha uilebheist mara a’ sàrachadh muinntir a
rìoghachd. Thuirt Fionn gun cuireadh e às don uilebheist. Ach thug an Rìgh
comhairle dha gun a bhith a’ feuchainn oir bha e cho cunnartach. Fhreagair
Fionn gun dèanadh e fhèin is Bran an dìcheall co-dhiù.
Chaidh Fionn agus Bran a-bhàn don chladach far am biodh an t-uilebheist a’
tighinn gu tìr. Dh’fhuirich iad ann fad na h-oidhche ach dhen uilebheist,
cha robh sgeul.
Sa mhadainn, ge-tà, nochd e air tìr. ‘Cò thus’, a throich?’ thuirt e. ‘Agus
cò an abhag a tha seo ri do thaobh?’
‘Is mise Fionn, Rìgh na Fèinne,’ fhreagair Fionn, ‘nach do chuir a chùl ri
caraid no nàmhaid riamh. Agus seo mo charaid Bran as urrainn stad a chur
air trì batailianan de shaighdearan leis fhèin.’
‘Cuiridh thu do chùl riumsa,’ thuirt an t-uilebheist, ‘no bidh thu fhèin is
do chuilean marbh aig mo chasan.’ Leum e air Fionn agus thòisich an dithis
air sabaid le chèile. Bha an t-uilebheist a’ faighinn làmh-an-uachdair agus bha Fionn a’ call fuil.
‘A Bhran, a charaid,’ dh’èigh e. ‘Sàbhail mi. Tha mi a’ fàs fann.’ Mu
dheireadh, leum Bran air an uilebheist agus reub e a ghruthan agus a
chridhe a-mach. Thuit an t-uilebheist marbh sa spot.
Dh’imlich Bran lotan a mhaighstir agus shlànaich iad sa mhionaid. Bha na Gàidheil bhon uair sin a’ creidsinn
gum biodh lotan air an slànachadh le uisge-beòil coin. Chaidh Fionn is Bran
a dh’innse don Rìgh mu bhàs na h-uilebheist. Bha an Rìgh cho toilichte ʼs
gun tuirt e ri Fionn gun toireadh e leth a rìoghachd dha.
‘Chan iarrainn a leithid,’ arsa Fionn. ‘B’ e mo dhuais aodann Bhrain
fhaicinn nuair a shàbhail e mi.’ Bha dlùth-chàirdeas eadar Fionn agus a
chù.
Nise, a bheil cuimhne agaibh nuair a fhuair Fionn Bran gun robh cuilean
eile ann, a bhràthair? Thug a mhàthair air ais dhachaigh e. B’ esan
Sgeolan, no an Cù Glas. Uill, bliadhnaichean an dèidh làimhe, thàinig an dà
chù còmhla. Seo mar a thachair e.
Latha a bha seo, bha Fionn agus a chompanaich air a’ bheinn-sheilg agus
mharbh iad fèidh gu leòr. Nuair a bha iad a’ dèanamh deiseil airson falbh,
thàinig Gille Mòr. ‘ʼS e gille a th’ annam a thàinig bhon ear agus bhon
iar, a’ lorg maighstir math,’ thuirt e.
‘Uill,’ fhreagair Fionn, ‘dè an duais a dh’iarradh tu an dèidh latha is
bliadhna?’
‘O,’ ars an Gille Mòr, ‘chan eil mi ag iarraidh ach gun tig sibh còmhla
rium gu lùchairt Rìgh Lochlainn. Bidh sibh leibh fhèin, gun chù no caraid
no ball-airm.’ Ghabh Fionn ris a’ chùmhnant.
Airson sgeul fada a dhèanamh goirid, bha an Gille Mòr na sgalaig dhìleas
fad bliadhna is latha. Air an latha mu dheireadh, thuirt e ri Fionn, ‘tha
mi a’ falbh a-nise agus tha mi ag iarraidh mo dhuais.’
‘Gheibh thu sin,’ arsa Fionn. Chaidh e a bhruidhinn ris an Fhèinn. ‘Tha mi
a’ falbh a Lochlann,’ thuirt e. ‘Mura till mi taobh a-staigh latha is
bliadhna, thigibh airson dìoghaltas fhaighinn, oir bidh mi marbh.’ Agus
eanaidh an sgeulachd anns an ath Litir.