Bha mi a’ bruidhinn mu Chladh Cille Choirill ann am Bràigh Loch Abar. Tha e
ainmichte airson seann naomh Èireannach, Naomh Coireall – no Saint Cyril mar a tha cuid a’ gabhail air ann am Beurla. Cha
chreid mi, ge-tà, gu bheil ainm Beurla air a’ chladh. Cleachdaidh daoine
dìreach an t-ainm Gàidhlig.
Tha dithis bhàrd ainmeil air an tiodhlacadh ann – Dòmhnall mac Fhionnla’
nan Dàn agus Iain Lom. Tha mi airson innse dhuibh mu Iain Lom an
t-seachdain seo. B’ e fear de na bàird Ghàidhlig a b’ ainmeile a bh’ ann
anns an t-seachdamh linn deug. Rugadh e timcheall air sia ceud deug,
fichead ʼs a ceithir (1624) agus chaochail e ann an seachd ceud deug ʼs a
deich (1710) no mar sin. ʼS e bàrd a bh’ ann aig Dòmhnallaich na Ceapaich
agus, mar sin, ʼs e ‘Bàrd na Ceapaich’ a th’ air cuideachd.
Chan eil fios le cinnt càite a bheil uaigh Iain Luim ach
chaidh carragh-cuimhne mòr a chur suas dha anns an naoidheamh linn deug.
Tha e àrd is drùidhteach, faisg air doras na h-Eaglais bhig Chaitligich a
tha sa chladh. Agus chan eil e suidhichte mar tha na clachan-uaighe eile. A
rèir beul-aithris, bha Iain ag iarraidh gum biodh e na laighe le aghaidh a
dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair – anns na beanntan gu deas. Bha e cianail
fhèin measail air an àite sin – mar a tha mòran de luchd-coiseachd is
luchd-sreap an-diugh. Agus ʼs ann mar sin a tha a’ chlach fhèin, agus a
h-aghaidh a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair.
Lorg mi dealbh iongantach dhen chloich a chaidh a thogail tràth anns an
fhicheadamh linn le Mary Ethel Muir Donaldson – MEM Donaldson – a bha
ainmeil mar neach-camara is sgrìobhadair. Air cùl na cloiche tha coille
nach eil ann an-diugh, agus tha an eaglais ann an droch staid, gun mhullach
oirre. Chaidh a leasachadh anns na tritheadan – agus thàinig gu leòr dhen
airgead airson a’ phròiseict às Alba Nuadh far a bheil mòran de shliochd muinntir Bràigh Loch Abar a’ fuireach
an-diugh. Tha ceanglaichean làidir ann fhathast eadar Bràigh Loch Abar agus
Alba Nuadh.
Thug mi sùil air a’ chloich agus lorg mi sgrìobhadh aig a bonn. Mus inns mi
dhuibh dè tha sgrìobhte oirre, feumaidh mi dà ainm-àite a thoirt dhuibh às
na seann mhapaichean. Tha an t-àite car beannaichte, a rèir choltais. An
cnoc air a bheil an cladh – ʼs e sin Tom an Aingil a rèir a’ mhapa. Ri a
thaobh tha Druim Dòmhnaich. Cha chan mi guth air a’ chnoc gu tuath air a’
chladh, air a bheil Tom a’ Chrochaire!
Feumaidh gun robh beachd ann nach e Tom an Aingil an t-ainm ceart air a’
chnoc ud, ach Dùn Aingeal. Air a’ charragh-chuimhne tha seo sgrìobhte:
An so ʼn Dùn Aingeal am Bràigh Lochabair, tha Bàrd na Ceapaich gu trom
na chadal. ʼS e Iain Lom MacDhòmhnaill b’ ainm da. Iain Lom ach
theireadh cuid Iain Manntach.
A bheil sibh eòlach air an fhacal ‘manntach’? Stammering. Iain
Manntach – stammering John.
Agus carson as e ‘Lom’ a bh’ air Iain mar far-ainm? A rèir beul-aithris, ʼs
e nach b’ urrainn dha feusag fhàs. Ach tha faclair Dwelly a’ toirt seo
dhuinn mar chiall – ‘cutting, satirical’ – Iain Lom ‘cutting John’
. Bha e sin, le cinnt – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.