Dè am fuaim a tha coileach a’ dèanamh ann an Gàidhlig? Bidh fios agaibh, tha mi an dùil, gur e “cock-a-doodle-doo” a chanas e ann am Beurla agus
“coquerico” ann am Fraingis. Uill, tuigidh sibh dè tha mi a’ ciallachadh oir chan aithne dhomh aon choileach aig a bheil Beurla no Fraingis! No Gàidhlig,
gu dearbh!
Ach canaidh na Gàidheil gur e an rud a tha coileach ag ràdh, “gog-a-ghuidh-ghaoidhe”. Gog-a-ghuidh-ghaoidhe. Bidh caoraich ag ràdh “mè” ann an Gàidhlig,
seach “baa”, agus canaidh cù “uf” an àite “woof”.
Bhiodh na Gàidheil a’ cluinntinn rudan eadar-dhealaichte bho bheathaichean seach na chluinneadh luchd na Beurla, agus tha sin fìor mun a h-uile cultar air
an t-saoghal. Bhiodh rannan aca airson innse dè bha beathaichean, is gu h-àraidh eòin, ag ràdh. Is aithne dhomh fear ann an Srath Spè aig a bheil stòras
math fhathast de na seann rannan Gàidhlig sin.
Tha naidheachd èibhinn mu a leithid agam an t-seachdain seo, agus tha i à Barraigh. Tha i à cruinneachadh de stòiridhean is naidheachdan a chaidh innse le
Iain Mac a’ Phearsain nach maireann no “An Codaidh” mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e. ’S e an t-ainm a th’ oirre “An Smeòrach”.
Bha fear, air an robh Iain, là a bha seo ann am Bagh a’ Chaisteil. Is bha botal uisge-bheatha na chois. Bha e a’ coiseachd dhachaigh Rathad THangasdail
agus thàinig sgìths no buaidh na dighe, no an dà chuid, air. Stad e agus ghabh e norrag ri taobh an rathaid. Nuair a dhùisg e, bha a’ mhadainn ann. Bha
Iain ann an staid cho truagh, agus an ceann-daoraich air, gun tug e bòid nach gabhadh e deoch làidir a-chaoidh tuilleadh.
Ach mus robh e air dùsgadh buileach ceart, chuala e ceilearadh binn. Bha smeòrach a’ seinn dha. Bha e deimhinne mu dheidhinn sin, oir thuig e na faclan
aice: “Iain mac Iain, ’s tu tha tioram, ’s tu tha tioram, ’s tu tha tioram, Iain mac Iain ’s tu tha tioram.” Cheileirich i sin grunn tursan.
An dèidh dha sin a chluinntinn, leig Iain osna. Thuirt e ris fhèin, “Uill tha an smeòrach bhochd ag innse na fìrinn agus, eadhon ged a gheall mi dhomh fhìn
nach gabhainn tuilleadh dhramaichean, feumaidh mi balgam beag a ghabhail.”
Ghabh e balgam beag. Goirid às dèidh sin, mhothaich e gu robh fonn ùr aig an smeòraich. Agus bha faclan ùr aice. Bha i an uair sin ag ràdh, “Iain mac Iain,
gabh balgam eile, gabh balgam eile, gabh balgam eile, Iain mac Iain, gabh balgam eile.” Uill, shaoil Iain gum bu chòir dha comhairle ghlic na smeòraich a
ghabhail, agus ghabh e balgam eile dhen uisge-bheatha.
A-nise cha robh mòran uisge-bheatha air fhàgail anns a’ bhotal. Bha Iain a’ coimhead air na bha air fhàgail, nuair a chuala e an smeòrach a-rithist. Fonn
eile an turas seo. Le faclan ùra. “Iain mac Iain, cuir crìoch air, cuir crìoch air, cuir crìoch air, Iain mac Iain, cuir crìoch air.” Ghabh Iain a’
chomhairle bhon smeòraich, agus dh’òl e a h-uile dad a bh’ air fhàgail anns a’ bhotal.
Agus an uair sin, shaoil e gum biodh e na b’ fheàrr dha tilleadh a Bhagh a’ Chaisteil, seach a dhol dhachaigh. Thill e agus b’ esan fear dhen chiad
fheadhainn a nochd aig an taigh-sheinnse air an là sin.
Agus ’s e sin stòiridh na smeòraich. Ach faodaidh sibh fhèin an co-dhùnadh a dhèanamh an robh an t-eun dha-rìreabh a’ bruidhinn ris an duine no an robh an
duine a’ cluinntinn na comhairle a bu mhiann leis?!