Nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh. ’S e deagh bhliadhna a bh’ ann airson leabhraichean Gàidhlig. Am measg nan leabhraichean bha fear a tha làn
rannan cloinne. Tha e math do chloinn agus do phàrantan. Agus do luchd-ionnsachaidh!
’S e an tiotal a th’ air “Air do bhonnagan a ghaoil”. Chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul. Tha Tormod à Nis ann an Leòdhas. Tha dà cheud gu leth
duilleag ann. Agus tha dealbhan brèagha ann.
Tha cuid de rannan coltach ri rannan Beurla. Mar eisimpleir an rann Beurla:
Seagull, seagull, sit on the sand,
It’s never good weather when you’re on land
Agus seo ann an Gàidhlig:
Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,
Na faiceam thu air talamh cruaidh:
Air talamh cruaidh ma nì thu fois,
Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.
Canaidh mi sin a-rithist:
Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,
Na faiceam thu air talamh cruaidh:
Air talamh cruaidh ma nì thu fois,
Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.
A bheil sibh eòlach air “Four and Twenty Blackbirds” ann am Beurla? Uill, seo an dearbh rud ann an Gàidhlig. Chan e blackbirds a th’ ann
an Gàidhlig, ach starlings – druidean:
Seinn port na sia sg’inn,
Mo phòcaid làn sìol-cur;
Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir
Bha còrr is fichead druid;
Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas
’S a sheinn na h-eòin le spìd,
Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,
Ga chur air beulaibh rìgh.
Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais
A’ cunntadh suas nan sgillinn;
Bha bhanrigh anns a’ chùlaist
Ag ithe mìr is mil air;
Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh
Cur aodach air an ròp –
Nuas druid dhubh le sgreuch
Is spìon i dhith an t-sròn.
Seo an rann a-rithist, rud beag nas luaithe. Bhuamsa, an t-seachdain seo, beannachd leibh:
Seinn port na sia sg’inn,
Mo phòcaid làn sìol-cur;
Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir
Bha còrr is fichead druid;
Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas
’S a sheinn na h-eòin le spìd,
Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,
Ga chur air beulaibh rìgh.
Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais
A’ cunntadh suas nan sgillinn;
Bha bhanrigh anns a’ chùlaist
Ag ithe mìr is mil air;
Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh
Cur aodach air an ròp –
Nuas druid dhubh le sgreuch
Is spìon i dhith an t-sròn.