FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Culbin Sands (1) Bàr Inbhir Èireann (1)

Rinn tuiltean sgrios ann am Moireibh ann an ochd ceud

Audio is playing in pop-over.

Bàr Inbhir Èireann (1)

Rinn tuiltean sgrios ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Bha mi ag innse sin dhuibh an t-seachdain sa chaidh. Ach o chionn fhada, rinn gainmheach sgrios ann am Moireibh cuideachd. Seadh – gainmheach.

Thachair e faisg air a’ chladach ann an Culbin Sands. Ann an Gàidhlig ’s e sin Bàr Inbhir Èireann. Tha sin a’ ciallachadh the sand bar of Findhorn. Bàr Inbhir Èireann.

Tha baile Inbhir Èireann – no Findhorn village – air taobh thall na h-aibhne bho Bhàr Inbhir Èireann. Chan eil duine a’ fuireach air a’ Bhàr an-diugh. ’S e coille a th’ ann. Chaidh a’ choille a chur. B’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich.

Bha Bàr Inbhir Èireann uaireigin ainmeil airson a bhith torrach. Bha ùir domhainn ann. Bha taigh mòr ann. Bha leas brèagha timcheall an taigh mhòir. Bha ubhalghort ann cuideachd. Bha crodh is caoraich ann. Bha tuathanasan ann. Bhathar a’ fàs eòrna is coirce.

An uair sin thàinig am foghar sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Thàinig stoirm. Thàinig gainmheach – gainmheach mhòr mhòr. Thàinig i gu h-obann is gun rabhadh. Bha duine a’ treabhadh. Theich e. Dh’fhàg e an crann. Chaidh an crann a chòmhdachadh leis a’ ghainmhich.

Chòmhdaich a’ ghainmheach a h-uile nì. Chòmhdaich i leas an taigh mhòir. Chòmhdaich i an t-ubhalghort. Dh’fhàs an stoirm na bu mhiosa air an dàrna latha. Theich na daoine.

Dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne. Bhris an abhainn tron ghainmhich. Agus rinn i sgrios air seann bhaile Inbhir Èireann.

Thill muinntir Bhàr Inbhir Èireann do na bailtean aca. Ach cha robh sgeul air an dachannan. Bha a h-uile rud fon ghainmhich. Agus tha fhathast.

Mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme, nochd an taigh mòr. Bha e a’ stobadh os cionn na gainmhich. Chaidh fear air mullach an taighe. Chaidh e gu mullach an t-simileir. Dh’èigh e sìos an similear. Chuala e guth. Bha an guth ag èigheachd suas an similear! Dè bh’ ann? Mac-talla? No taibhs de dhuine a chaidh a chall ann an stoirm mhòr na gainmhich?

An Litir Bheag 87 An Litir Bheag 87 An Litir Bheag 89 An Litir Bheag 89

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!