An-uiridh, ann an Litir ceud, seachdad ’s a trì (173), thug mi sgeulachd ghoirid dhuibh a fhuaradh bho bhoireannach ann am Bhatarsaigh – Nan NicFhionghain,
Nan Eachainn Fhionnlaigh, a chaochail o chionn beagan is fichead bliadhna. Cha robh dùil agam gun tillinn thuice cho luath, ach bha mi aig òraid mu a
deidhinn o chionn ceala-deug, agus bu mhòr a chòrd i rium. Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air Nan grunn tursan bhon uair sin.
’S e an t-Ollamh Iain MacAonghais a thug an òraid aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, mu dheidhinn cuid de na seanfhaclan is Gnàthasan-cainnt a chlàr daoine ann
an còmhraidhean le Nan. Bha Iain eòlach oirre agus chruthaich e dealbh don luchd-èisteachd de bhoireannach laghach coibhneil aig an robh stòras a bha mòr
is beartach, ach a bha a’ buntainn ri farsaingeachd saoghal nan Gàidheal. Ged a bha i a’ fuireach air eilean iomallach, bha a cridhe aig cridhe na
Gàidhealtachd.
Dh’innis Iain grunn de na seanfhaclan aice a th’ air clàran ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, ach chan eil iad air an cur ri chèile fhathast mar
chruinneachadh ceart. ’S dòcha gun tachair sin uaireigin mar phàirt dhen phròiseact ris an canar Tobar an Dualchais, a tha a’ cur seann stuth mar sin ann
an cruth diodsaideach.
Ach an-dràsta, bu mhath leam stòiridh beag laghach eile aig Nan aithris dhuibh, ged a tha mi air a dhèanamh beagan nas sìmplidhe. ’S ann mu dheidhinn
bodach is cailleach anns an Eilean Sgitheanach a tha e. Bha am bodach a’ call a chuimhne ach bha e cho brogail ’s gun rachadh e don mhonadh a h-uile là.
Co-dhiù, là a bha seo, agus e a’ tilleadh às a’ mhonadh, lorg am bodach sporan air an talamh. Bha e làn notaichean.
Nuair a ràinig e an taigh aige, chaith e an sporan a smùr na mònadh, agus cha do smaoinich e air tuilleadh, oir bha e a’ call a chuimhne. Cha do leig a’
chailleach oirre gun robh i a’ faicinn dad às an rathad, ach dè rinn i làrna-mhàireach ach fhuair i leabhar beag agus chuir i am bodach dha sgoil còmhla
ris na gillean òga.
An ceann deannan làithean as dèidh sin, cò thàinig mun cuairt ach am bàillidh. Thachair e ris a’ bhodach agus thuirt e ris, “An là a bha mi a’ togail a’
mhàil mu dheireadh, chaill mi sporan.”
“O,” ars’ am bodach, “fhuair mise sporan.” Bha e a’ tighinn gu chuimhne mar a lorg e e.
“O, an d’ fhuair?” ars’ am bàillidh. “Dè rinn thu leis?”
“Cha do rinn mi ach a chaitheamh ann am smùr na mònadh,” ars’ am bodach.
“Uill, ma thà,” ars’ am bàillidh, “tha e an sin fhathast.”
“Tha,” ars’ am bodach, “tha mi cinnteach gu bheil.”
Chaidh am bodach dhachaigh còmhla ris a’ bhàillidh agus thòisich iad air rùileach smùr na mònadh. Ach, ged a bhiodh iad a’ rùileach fhathast chan
fhaigheadh iad an sporan. Thionndaidh am bàillidh ris a’ bhodach agus thuirt e ris, “Cò là a fhuair thu an sporan?”
“An là mun deach mi dha sgoil,” thuirt am bodach.
“O Mhic an Ànraidh!” ars’ am bàillidh, “an là mun deach thusa dha sgoil, cha do rugadh mise an uair sin no fad’ as a dhèidh.”
Dh’fhalbh am bàillidh is cha d’ fhuair e sporan no dad eile. Bha an sporan agus an t-airgead aig a’ chaillich, ge brith gu dè mar a chosg i e.