Cha chreid mi gun do dh’fhairich mi taibhse idir ach bha e car neònach a bhith ann an toll-dubh anns na h-Ìnnseachan o chionn ghoirid, ged a bha mi ann le
mo thoil fhèin, feumaidh mi ràdh! Cha b’ ann len toil fhèin, ge-tà, a bha saighdearan Breatannach, feadhainn Ghaidhealach nam measg, air an cumail ann aig
deireadh an ochdamh linn deug.
“Seo a-nisd,” thuirt am bodach a bha gam threòrachadh, “seo an t-àite far an robh an Coirneal Baillie air a chumail.” Sheas e le dhruim ris a’ bhalla, agus
na gàirdeanan aige air an sìneadh a-mach air gach taobh dheth mar gu robh iad ceangailte don bhalla le slabhraidhean. “Seo far an robh an Coirneal Baillie
airson bliadhnaichean,” thuirt e gun toileachas no bròn na ghuth.
An là an-diugh tha an toll-dubh glan is leth-fhosgailte don t-solas is don eadhar, ach cuiridh mi geall nach ann mar sin a bha e nuair a bha an Coirneal
Baillie ann. Is cinnteach gu robh e teth, dorch is salach – agus gu math mì-chalair. Tha e an-diugh mar phàirt de làrach ghlèidhte co-cheangailte ris an
fhear mu dheireadh de na prionnsaichean Innseanach a sheas an aghaidh cumhachd Bhreatainn ann an ceann a deas na dùthcha – Tippu Sultan. Bha Tippu gu math
cumhachdach, agus cianail fhèin beartach. B’ e am prìomh bhaile aige àite mòr mòr air cùl bhallachan àrda tiugha air eilean ann an abhainn faisg air Mysore
– baile ris an canar Srirangapatinam.
Rinn na Breatannaich a’ chùis air Tippu aig a’ cheann thall, agus bha saighdearan Gàidhealach gu mòr an sàs anns na cogaidhean na aghaidh. Bha ceithir
cogaidhean ann eadar na Breatannaich agus Mysore – rìoghachd na bu mhò na Alba agus, aig an toiseach, bha Tippu agus athair roimhe, soirbheachail gu leòr.
Ann an seachd-deug is ochdad (1780) sheas da fheachd na aghaidh, a bha le chèile fo stiùir Albannaich. A bharrachd air a’ Choirneal Baillie, bha feachd
eile ann le ceannard Gàidhealach aig a ceann. B’ esan Sir Eachann Rothach a bhuineadh do Thaigh an Fhuamhair ann an Ros an Ear.
Tha mi air a leughadh gun diùltadh an Rothach agus Baillie còd sgrìobhte a chleachdadh nuair a chuireadh iad teachdaireachdan a dh’ionnsaigh
chach-a-chèile. An àite sin, ged nach urrainn dhomh seo a dhearbhadh le cinnt, chaidh aithris gun sgrìobhadh iad ri chèile ann an Gàidhlig. Co-dhiù tha sin
fìor gus nach eil, cha do rinn e cus feum do Bhaillie, oir chaidh an fheachd aige a chuairteachadh le saighdearan Innseanach agus, ged a bha feachd an
Rothaich dìreach beagan mhìltean air falbh, cha d’ fhuair e taic bhuapa.
Chaidh feachd Bhaillie a sgrios agus chaidh Baillie fhèin a chur an greim. Chaidh a thoirt gu Srirangapatinam – agus don toll-dhubh anns an robh mi. Fhuair
Sir Eachann Rothach air ais a Mhadras gu sàbhailte, ged a chaill e tòrr dhaoine air an rathad, agus saighdearan Mhysore a’ toirt ionnsaigh orra. Lean e na
dhreuchd agus chaidh gu math leis ann an seachd-deug, ochdad ’s a h-aon (1781) nuair a rinn e a’ chùis air na Duitsich aig Nagapatinam air costa na
dùthcha.
Agus dh’fhàg sin carragh-chuimhne car annasach againn air mullach cnuic air taobh sear na Gàidhealtachd. Air Cnoc Faoighreis, faisg air Alanais, thog Sir
Eachann mac-samhail de gheatachan Nagapatinam. Tha e ann fhathast, gabhaidh e faicinn gu furasta bhon rathad mhòr, an A9, agus tha ceum-coiseachd brèagha
a’ dol ga ionnsaigh. Cnoc Faoighreis agus Srirangapatinam – àite fionnar Albannach is fear teth Innseanach, monadh àrd is toll fon talamh, na mìltean de
mhìltean air falbh o chèile, ach ceangailte gu sìorraidh le eachdraidh fhuilteach.