FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Rann-cunntaidh (2)

Bidh sibh a’ cuimhneachadh, thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh,

Audio is playing in pop-over.

Rann-cunntaidh (2)

Bidh sibh a’ cuimhneachadh, thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, gun tug mi dà rann-cloinne dhuibh. Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-sreath an-diugh le rann-cunntaidh eile. Tha an tè seo gar toirt suas bho dha-dheug gu fichead. Agus mar a rinn mi an t-seachdain ’s a chaidh, ’s e “deug” a chanas mi an àite “deug”. Seo e:

Dhà-dheug agus trì-deug

Fhuair na mèirlich fìor-leug

Nuair a bhris iad a-steach don chaisteal

Ann am baile Strìmeig

Ceithir-deug ’s a còig-deug

Cheannaich Iain bò bheag

Fhuair e ìm is gruth is bàrr

Is dh’òl na cearcan tòrr mèag

Sia-deug agus seachd-deug

Dheasaich Anna breacag

Thugadh i air falbh ’on bhord

Cò ghoid i? Cha robh beachd aic’.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead

Thall air cùl an lios ud

Fhuaireadh nead le uighean gorm

’S mòr mo dhèidh nach bris iad.

Bheir sinn sùil air cuid de na faclan anns an rann. ’S e a th’ ann am fìor-leug rudeigin beag prìseil mar dhaoimean neo seud de sheòrsa eile. Uaireannan ’s e dìreach leug a chì sibh agus, ann am bàrdachd, bidh e uaireannan a’ ciallachadh boireannach brèagha. Ach chan eil càil a dh’fhios agam ca’il baile Strìmeig is cha d’ fhuair mi lorg air air map sam bith. ’S dòcha nach eil e ann an àite sam bith, ach anns an inntinn fhèin.

Tha an darna earrann a-mach air obair a’ bhainne. As deidh dha a’ bhò a cheannach, fhuair Iain ìm is gruth is bàrr. ’S e a th’ ann an gruth an stuth tiugh geal a gheibhear nuair a dh’atharraicheas bainne, neo nuair a bhinndicheas e. Tha gruth a’ ciallachadh curds. ’S e a’ Ghàidhlig air curdling binndeachadh. Agus tha fhios agaibh dè tha bàrr a’ ciallachadh, nach eil. An rud a thig am bàrr, a thig suas don uachdar. Ann am bainne, ’s e an rud a thig am bàrr – am bàrr - neo mar a theirear ann am Beurla, the cream. Agus ’s e facal cumanta eile ann air a shon – uachdar.

Ach dè mu dheidhinn an fhacail mèag? ’S e sin an stuth a th’ air fhàgail nuair a chuireas tu an gruth air an darna taobh. Whey, mar a theirear ann am Beurla – mèag neo mèag neo meòg.

Agus dheasaich Anna breacag. ’S e sin cèic neo bonnach neo pancake. Agus an loighne mu dheireadh - ’s mòr mo dhèidh nach bris iad. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil mi ag iarraidh gu mòr nach bris na h-uighean gorm’ anns an nead. Canaidh mi an duan air fad a-rithist, beagan nas luaithe nan turas mu dheireadh:

Dhà-dheug agus trì-deug

Fhuair na mèirlich fìor-leug

Nuair a bhris iad a-steach don chaisteal

Ann am baile Strìmeig

Ceithir-deug ’s a còig-deug

Cheannaich Iain bò bheag

Fhuair e ìm is gruth is bàrr

Is dh’òl na cearcan tòrr mèag

Sia-deug agus seachd-deug

Dheasaich Anna breacag

Thugadh i air falbh ’on bhord

Cò ghoid i? Cha robh beachd aic’.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead

Thall air cùl an lios ud

Fhuaireadh nead le uighean gorm

’S mòr mo dhèidh nach bris iad.

Agus is mòr mo dhèidh, ma tha sibh nur pàrant, gum feuch sibh ris na rannan a thug mi dhuibh ionnsachadh is gun innis sibh do ur cuid cloinne iad nuair a tha iad aig an aois cheart. Nuair a smaoinicheas sibh air duain Bheurla mar “four and twenty blackbirds” agus an spòrs a ghabh sibh le sin nuair a bha sibh òg, nach biodh e math an aon seòrsa spòrs a bhith aig ur cloinn le Iain ’s a bhò agus na mèirlich a ghoid an fhìor-leug agus a’ bhreacag. Beannachd leibh.

Litir 38 Litir 38 Litir 40 Litir 40

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!