FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tha saoghal a’ choin Rùmaich aige

O chionn greis, ann an Litir naoidhead ’s a ceithir

Audio is playing in pop-over.

Tha saoghal a’ choin Rùmaich aige

O chionn greis, ann an Litir naochad ’s a ceithir (94), rinn mi aithris air samhlaidhean mu dheidhinn coin, anns a bheil na beathaichean sin a’ faighinn droch chliù. Cho sgìth ri cù is a leithid sin. Uill, goirid às dèidh sin, fhuair mi brath tron phost-dealain bho neach-èisteachd aig a bheil Gàidhlig na h-Èireann, ag innse dhomh gu robh co-dhiù aon seanfhacal ann an Èirinn a bha a’ sealltainn beachd eadar-dhealaichte air coin.

Ma ’s math mo chuimhne, agus gabhaibh mo leisgeul ma tha mi air a dhol beagan tuathal leis, ’s e a bh’ ann, “Tá saol an mhadaidh bhàin aige” neo, anns a’ Ghàidhlig againne, “Tha saoghal a’ choin bhàin aige", neo “Tha beatha a’ choin bhàin aige”. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil “e” – an duine – gu math fortanach.

Uill, is math sin agus bu mhath leam fhaighinn a-mach dè is coireach gu bheil coin bhàna nas fhortanaiche na coin dubha. Co-dhiù, tha smuaintean stèidhichte air a sin air a bhith a’ cuairteachadh nam cheann. Agus ’s e na thàinig asta – “seanfhacal” nach eil sean idir air sgàth ’s gu bheil mi dìreach air a chruthachadh an-dràsta fhèin. “Tha saoghal a’ choin Rùmaich aige”. Tha sin a’ ciallachadh, “he has the life of a Rum dog”, sin cù a bhuineas do dh’Eilean Rùim. Tha saoghal a’ choin Rùmaich aige.

Carson a chanainn sin? Uill, tha deagh adhbhar agam, ach feumaidh mi ràdh anns a’ chiad dol a-mach nach ann air coin Rùmach an latha an-diugh a tha mi a’ smaoineachadh, ach air an fheadhainn a bh’ ann faisg air ceud bliadhna air ais.

Bha Seòras Bullough air fear de na daoine a bu bheartaiche ann am Breatainn aig an àm. Bha athair, Iain, air airgead mòr a dhèanamh ann an gnìomhachas a’ chlò ann an Sasainn, agus bha e air Rùm a cheannach airson sealg ann. Bha uachdaran roimhe air a’ chuid a bu mhotha de na daoine a bhuineadh don eilean fhuadachadh.

Ann an ochd ceud deug is seachdad (1870), chaochail Iain, agus fhuair Seòras an oighreachd. Chuir e roimhe nàdar de “chaisteal”, neo co-dhiù taigh mòr mòr, a thogail anns an eilean, agus chaidh sin a dhèanamh air an taobh sear, aig ceann Loch Sgrèasort. Tha e ann fhathast.

Chaidh clach-ghainmhich ruadh a thoirt a-steach às Arainn agus dh’obraich sgioba de thrì cheud duine, cuid aca às Eilean Eige, fad trì bliadhna airson an caisteal a thogail. Dh’iarr Bullough air an luchd-obrach fèilidhean beaga a chur orra fhad ’s a bha iad ag obair, agus thug e tastan a bharrachd gach seachdain dhaibh nan dèanadh iad sin.

Ach dh’fhàs an luchd-obrach mì-thoilichte, agus na meanbh-chuileagan ann an Rùm cho fiadhaich. An uair sin, thug Bullough dà sgillinn a bharrachd gach là dhaibh airson smocadh – airson na cuileagan a chumail air falbh!

Aig a’ cheann thall, dh’èirich caisteal àraidh, le na h-uimhir de rumannan ann, le taighean-gloinne is leas mòr, raon-golf, taighean làn thurtairean is ailigeutairean is mar sin air adhart. Cha do thuig Seòras Bullough am facal “spìocaireachd”. Uill, cha do thuig a rèir cuid de rudan co-dhiù.

Agus tha sin gam thoirt do na coin. Bha taigh-chon aig Bullough, làimh ris a’ chaisteal, a bha gu math goireasach do na creutairean a bha a’ fuireach ann. Bha siostam-teasachaidh ann gus nach fhàsadh na coin fuar. ’S e a bha laghach dhaibh.

Ach – agus seo a’ phuing, saoilidh mi – cha robh siostam-teasachaidh sam bith anns na seòmraichean far an robh na sgalagan neo searbhantan a’ feuchainn ri cadal fhaighinn air oidhcheannan fuara. Cha robh saoghal a’ choin Rùmaich acasan.

Litir 109 Litir 109 Litir 111 Litir 111

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!