An t-seachdain sa chaidh, rinn mi iomradh air Faclair na Pàrlamaid. A bharrachd air a’ bhriathrachas a th’ ann, tha am faclair cudromach ann an dòigh eile. Tha pìos ann aig toiseach an leabhair a tha a’ mìneachadh an t-seasaimh a bh’ aig an luchd-deasachaidh air litreachadh, gràmar is sgrìobhadh a’ chànain.
Anns an fharsaingeachd, lean an sgioba na molaidhean a rinneadh o chionn fichead bliadhna fon ainm GOC. Tha sin a’ seasamh airson “Gaelic Orthographic Conventions”. ’S e sin an siostam a tha na sgoiltean air a bhith a’ cleachdadh bhon uair sin. Am measg molaidhean GhOC, tha fear a bha gu math connspaideach aig an àm – airson faighinn cuidhteas an stràc geur.
Roimhe sin, bha dà sheòrsa de stràc ann – an stràc geur neo accute accent, agus an stràc trom, neo grave accent. Mar eisimpleir, bha am
facal “mòr” sgrìobhte “m-ó-r”, seach mar a tha e an-diugh – “m-ò-r”. Air an làimh eile, bha am fuaim “ò” air a shealltainn le stràc trom. “ó” agus “ò”. Tha
iad eadar-dhealaichte o chèile, nach eil?
Bha an aon rud fìor mun litir “e”. Bha an stràc trom air “e” a’ dèanamh an fhuaim “è” mar a tha e ann an “nèamh”. Bhiodh an stràc geur a’ dèanamh “é” mar a
tha e ann an “tréigsinn”.
Uill, a rèir molaidhean GhOC, cha robh an stràc geur feumail tuilleadh. Bha e a’ nochdadh ann an glè bheag de dh’fhaclan, agus bha an sgioba dhen bheachd
gu robh còir faighinn cuidhteas e, agus an stràc trom a-mhàin a chur gu feum nuair a bhathar a’ sealltainn gu bheil fuaimreag nas fhaide nan àbhaist. Cha
chreid mi nach robh iad dhen bheachd gum biodh fios aig daoine gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn” fiù ’s nuair a tha e air a litreachadh le
stràc trom, mar a tha e an-diugh.
Ach chanainn gun do dhìochuimhnich iad an luchd-ionnsachaidh - an fheadhainn a tha ag ionnsachadh a’ chànain agus a bhios a’ leughadh fhaclan nach cual’
iad a-riamh. Ciamar a bhiodh fios acasan gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn”? Bha a’ cheist ann an do rinn an siostam ùr gnothaichean na bu
dhorra do luchd-ionnsachaidh.
’S dòcha gun do rinn ach, air an làimh eile, tha fad’ a bharrachd chothroman aig luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a chluinntinn an-diugh – air an rèidio, air an
telebhisean, air tèip is CD, agus air an eadar-lìon air feadh an t-saoghail. Le bhith ag èisteachd ri uiread, cluinnidh iad faclan mar “trèigsinn” is bidh
iad eòlach air an fhuaimneachadh. Bidh fios aca gur e “céilidh” a chanas iad, seach “cèilidh” nuair a leughas iad am facal le “è” mar a tha e an-diugh.
Chan eil a’ chonnspaid mu dheidhinn nan stràcan air bàs fhaighinn, ge-tà. Tha feadhainn ann a bhios a’ sgrìobhadh ann am pàipearan-naidheachd is
leabhraichean a th’ air diùltadh gabhail ri molaidhean GhOC. Tha an stràc geur fhathast beò – air èiginn. Ach am bu chòir a bhith? Mura h-eil na Gàidheil
comasach air tighinn gu aonta air rud cho bunaiteach, carson a bhiodh an saoghal mòr a-muigh a’ toirt spèis dhaibh is don cànan?
Às dèidh fichead bliadhna, agus ginealach ùr air èirigh gun eòlas aca air an stràc gheur, ach a-mhàin bho sheann leabhraichean, nach eil an t-àm againn a
chur air an t-sitig is a’ Ghàidhlig a sgrìobhadh leis an stràc throm a-mhàin, mar a mhol GOC agus Faclair na Pàrlamaid. ’S dòcha gu bheil an stràc geur
feumach air stràc le speal gheur! Dè ur beachd fhèin?