FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sgeulachd à Tiriodh

Bha mi a-mach, o chionn trì seachdainnean, air mar is

Audio is playing in pop-over.

Sgeulachd à Tiriodh

Bha mi a-mach, o chionn trì seachdainnean, air mar is urrainn do chuid de bheathaichean cànan nan daoine a thuigsinn – agus – uaireannan – a bhruidhinn. Uill, tha dòigh eile ann airson coimhead air a’ chùis. ’S dòcha gu bheil e nas fhasa – ma tha sinn airson bruidhinn ri beathaichean – gun ionnsaich sinne an cànan acasan. Ach ciamar a dh’ionnsaicheas duine cànan nan ainmhidhean?

Uill, ’s dòcha le bhith a’ lorg nathair gheal. Co-dhiù, tha sin a-rèir seann sgeulachd a thathar ag innse fhathast ann an Tiriodh. Chan eil fhios agam co-dhiù tha nathraichean ann an Tiriodh an-diugh, neo an robh a-riamh, ach chan eil sin gu diofar. ’S e seo fìor sheann sgeulachd a bh’ air innse air feadh na Gàidhealtachd uaireigin.

A-rèir na sgeòil, cò air bith a gheibh nathair gheal agus a nì brot leatha, agus a dh’itheas a feòil, agus a dh’òlas am brot, gheibh e comas còmhradh nan eun agus còmhradh nam beathaichean a thuigsinn. Anns an sgeulachd, tha prionnsa òg ann a tha a’ fulaing air sgàth rìgh beartach sanntach a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn air an t-sluagh. Latha a bha seo, dh’òrdaich an rìgh don phrionnsa a dhol a lorg nathair gheal dha.

Dh’fhalbh am fear òg agus thug e mìosan mus do lorg e dùthaich far an robh mòran nathraichean. Mu dheireadh thall, ann an sgoltadh domhain ann an creagan, lorg e tè gheal agus chaidh e dhachaigh leatha. Ged a bha am prionnsa uabhasach sgìth nuair a ràinig e lùchairt an rìgh, dh’òrdaich an rìgh dha dhol sìos don chidsin agus am brot-nathrach a dhèanamh ’s a bhad. Bha an rìgh coma ach gum faigheadh e am brot agus feòil na nathrach airson a bhracaist.

Tha sean-fhacal ann a chanas: “Is coma leis an rìgh Eoghain, ach is coma le Eoghain co-dhiù.” Tha fhios againn gu robh an rìgh anns an sgeulachd seo coma mun phrionnsa, ach chan eil e cho cinnteach gu robh am prionnsa a cheart cho coma mun rìgh. ’S dòcha gu robh, ach ’s dòcha gur e dìreach acras, agus am fàileadh math, a thug air am brot agus an fheòil fheuchainn. Agus bha iad cho blasda ’s nach b’ urrainn don phrionnsa sgur gus an robh e air a h-uile criomag dhen fheòil ithe, agus a h-uile boinne dhen bhrot òl.

O mo chreach! Mhothaich e don rud a rinn e agus bha an t-eagal air. Bhiodh fearg mhòr air an rìgh. Dh’fhalbh e a-mach agus thuirt e ris fhèin, “Càit’ am faigh mi nathair gheal eile ann an cabhaig?”

Chuala e guth os a chionn. “Chan fhaigh thu an seo co-dhiù,” thuirt an guth.

Choimhead am prionnsa os a chionn agus chunnaic e fitheach ann an craobh. ’S e am fitheach a bha a’ bruidhinn ris, agus thuig e ’s a mhionaid gu robh comas aige còmhradh nan eun agus còmhradh nam beathaichean a thuigsinn.

“Dè am fios a th’ agadsa air mo ghnothach?” dh’fhaighnich am prionnsa.

“Tha gu leòr,” ars’ am fitheach, “tha mi-fhìn is mo sheòrsa air a bhith a’ cumail sùil ort. ’S e an duine as fheàrr a choisinn an gliocas. Gabh air falbh bhon àite seo mus tachair cron dhut.”

Agus dh’fhalbh e. Aig deireadh na sgeòil, tha am prionnsa a’ cruinneachadh feachd de bheathaichean agus tha iad a’ fuadachadh an droch rìgh a-mach às an lùchairt aige, agus a-mach às an rìoghachd. Sgeulachd shnog gun teagamh, ach a bheil teachdaireachd innte dhuinn an-diugh? Uill, ’s dòcha gu bheil – ma lorgas tu nathair gheal, bidh an roghainn agad – fios a chur gu Dualchas Nàdair na h-Alba, neo brot a dheanamh dhith. Dè dheanadh sibhse?!

Litir 14 Litir 14 Litir 16 Litir 16

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!