FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tiriodh

An t-seachdain sa chaidh, dh’innis mi dhuibh mu sgeulachd –

Audio is playing in pop-over.

Tiriodh

An t-seachdain sa chaidh, dh’innis mi dhuibh mu sgeulachd – mu nathair gheal - a thathar ag innse fhathast ann an Tiriodh, ann an Earra-Ghaidheal, neo – mar a chanas cuid ris – Tiridhe. Cha robh mi ann an Tiriodh ach aon turas, ach feumaidh mi ràdh gun do chòrd e rium glan. ’S e an samhradh a bh’ ann agus bha am machair làn fhlùraichean de gach seòrsa is de gach dath. Ged nach eil beanntan ann, mar a tha ann an cuid mhath de na h-eileanan, tha tràighean ann a tha air leth brèagha. Tha na daoine laghach, agus tha pailteas Gàidhlig ann fhathast. Dè an còrr a dh’iarradh duine?

Ach tha aon rud mu dheidhinn Eilean Thiriodh a dh’fhàg ceist nam cheann airson ùine mhòr. Agus ’s ann dìreach o chionn ghoirid a fhuair mi fuasgladh oirre. Tha mi a-mach air an fhacal a tha sinn a’ cleachdadh, ann an Gàidhlig, airson bruidhinn mu dheidhinn duine a bhuineas do Thiriodh. Nise, canaidh sinn Leòdhasach ri fear a bhuineas do Leòdhas, Uibhisteach ri duine às Uibhist agus Ìleach ri neach às Ìle. Mar an ceudna, ’s e Niseach duine à Nis agus Scalpach duine à Scalpaigh.

Tha an siostam sìmplidh gu leòr, nach eil? Shaoileadh tu, mar sin, gur e “Tiriodhach” a bhiodh againn air duine à Tiriodh. Ach chan e. An àite sin, canaidh sinn “Tiristeach” ris. ’S i a’ cheist a bha nam cheann airson ùine mhòr – “carson?” Uill, shaoileadh tu, nan robh am facal seo a’ leantainn an t-siostaim gur dòcha gu robh ainm eadar-dhealaichte air an eilean fhèin uaireigin – Tirist. Agus cha bhiodh tu fada ceàrr. Ach cha b’ ann ann an Gàidhlig a bha e.

Feumaidh mi mìneachadh. O chionn ghoirid thàinig mi tarsainn air an fhuasgladh. Bha mi a’ leughadh leabhar ainmeil a bu chòir a bhith anns a h-uile taigh ann an Alba – The Celtic Placenames of Scotland le Uilleam MacBhàtair. ’S e sgoilear Gàidhlig air leth a bh’ ann am MacBhàtair agus innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dhèidhinn ann an litir eile. Ach, co-dhiù, thog MacBhàtair an dearbh cheist mu dheidhinn Tiriodh.

Ann am fìor sheann leabhraichean is làmh-sgrìobhaidhean, ann an Gàidhlig agus Beurla, tha e follaiseach gur e “Tiriodh” neo “Tiree”, neo rudeigin car coltach ri sin, a bh’ air an eilean airson ùine mhòr mhòr. Anns an darna linn deug (12mh linn), mar eisimpleir, tha e air a litreachadh T-I-R-I-E-T-H ann an làmh-sgrìobhadh Beurla. Anns a’ cheathramh linn deug (14mh) tha e air a litreachadh T-Y-R-I-A-G-E. Chan eil guth air “Tirist” neo càil mar sin.

Ach tha sinn a’ dìochuimhneachadh gu robh sluagh eile ann, o shean, a’ fuireach anns na h-eileanan seo agus gu robh cànan eadar-dhealaichte acasan. Sluagh a dh’fhàg an t-uabhas ainmean-àite air feadh nan eilean. Uill, ’s dòcha gu bheil sinne a’ dìochuimhneachadh sin, ach cha do dhìochuimhnich Uilleam MacBhàtair. Tha mi a’ bruidhinn, mura h-eil fios agaibh mar tha, air na Lochlannaich. Agus a-rèir MhicBhàtair, ann an seann Lochlannais – cànan nan Lochlannach – b’ e an t-ainm a bh’ aca air an eilean seo – Tyrvist. T-Y-R-V-I-S-T. “Feumaidh,” tha MacBhàtair ag ràdh anns an leabhar aige, “feumaidh gu bheil am facal a th’ againn an-diugh – Tiristeach – airson duine a bhuineas do Thiriodh – a’ tighinn bhon Lochlannais.” Cò chanadh gu bheil e ceàrr?

Ach tha e inntinneach – nach eil – gu bheil an t-ainm airson an eilein a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig, ach gu bheil an t-ainm air na daoine a bhuineas don eilean a’ tighinn bho chànan nan Lochlannach. Tha e a’ sealltainn cho iomadh-fhillte ’s a tha eachdraidh agus dualchas na h-Alba.

Litir 15 Litir 15 Litir 17 Litir 17

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!