FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair MacCoinnich

Leugh mi aithris bheag an là eile air a’ Ghaidheal

Audio is playing in pop-over.

Alasdair MacCoinnich

Leugh mi aithris bheag an là eile air a’ Ghaidheal chliùiteach, Alasdair MacCoinnich. Thuirt an aithris gu robh a chuid Gàidhlig gu math feumail dha oir ’s ann tric a bhiodh e a’ dèiligeadh ri Gaidheil na chuid obrach. Agus càite ann an Alba a bha seo? Uill, chan ann an Alba idir a bha e, ach ann an Canada.

Agus, cò Alasdair MacCoinnich a tha mi a’ ciallachadh – oir bha barrachd na aonan dhiubh a choisinn cliù ann an Canada. Uill, Sir Alasdair MacCoinnich, a thogadh ann an Eilean Leòdhais. Tuigidh sibh ann am mionaid no dhà, carson a tha mi a’ cur cuideam air “Sir”.

’S ann le bhith a’ rannsachadh na dùthcha a choisinn Alasdair a chliù agus, an là an-diugh, ann am British Columbia agus ann an Tìrean an Iar-thuath, tha aona àite deug, eadar beanntan is aibhnichean, a tha a’ giulan ainm. ’S i Abhainn MhicCoinnich, am Mackenzie River, a tha còrr is dà mhìle mìle a dh’fhaide, as ainmeile dhiubh sin. Ann an seachd deug, ochdad ’s a naoi (1789) chaidh e sìos an abhainn, tro dhùthaich fhiadhaich, gus an do ràinig e a’ mhuir.

Shaoileadh tu gu robh MacCoinnich air a bhith toilichte. Ach gu mì-fhortanach dha, bha e a’ coimhead airson abhainn a bheireadh don Chuan Sèimh e. Ach tha beul Abhainn MhicCoinnich gu tuath air a sin anns a’ Chuan Arctach, agus chuir Alasdair roimhe feuchainn a-rithist, gu deas air sin.

Bha e air na sgilean aige ionnsachadh, airson a bhith a’ fuireach a-muigh ann an ceann a tuath Chanada, le bhith ag obair do Chompanaidh an Iar-thuath, buidheann a bha a’ malairt ann an seicheannan no bèin. Is a bharrachd air Gaidheil, bha aige ri dèiligeadh ri feadhainn dùthchasach, na h-Innseanaich, muinntir na Frangais, agus muinntir Arcaibh, oir bha mòran acasan an sàs anns a’ ghnìomhachas sin. Gun teagamh, bha MacCoinnich ioma-chànanach.

Ann an seachd deug, naochad ’s a dhà (1792), thòisich e a-rithist air rannsachadh na dùthcha agus, an turas seo, ràinig e an Cuan Sèimh gu tuath air far a bheil Vancouver an-diugh. Mar sin, b’ esan a’ chiad duine geal a chaidh eadar costa sear agus costa siar Chanada. Dh’fhoillsich e leabhar mu dheidhinn ann an ochd deug ’s a h-aon (1801) agus, bliadhna as dèidh sin, chaidh inbhe ridire a bhuileachadh air.

Fichead bliadhna as dèidh sin, rugadh Alasdair MacCoinnich eile, ann an Siorrachd Pheairt. Cha deach ridire a dhèanamh dheth idir, ged a chaidh a mholadh air a shon trì tursan. Dhiùlt e gach trup. Chaidh e a Chanada nuair a bha e na dhuine òg agus chaidh e a dh’fhuireach ann an Ontario, far an robh e an sàs, mar a bha athair roimhe, ann a bhith a’ togail taighean. As dèidh ùine, thòisich e mar fhear-deasachaidh air pàipear-naidheachd Libearalach. Aig a’ cheann thall, chaidh e an sàs ann am poileataics agus dh’èirich e gu bhith na cheannard air na Libearalaich.

Agus seo, ann an dòigh, far an do nochd ceangal eadar e fhèin agus Sir Alasdair MacCoinnich, a bh’ air a bhith marbh bliadhnaichean, oir bha an riaghaltas Canèidianach a’ feuchainn ri rathad-iarainn a thogail eadar costa sear agus costa siar Chanada – proiseact mòr dha-rìreabh. Dh’èirich sgainneal timcheall a’ phròiseict agus ghabh Alasdair MacCoinnich brath air sin airson cur às don riaghaltas. Bha e a-nise na Phrìomhaire, a’ chiad fhear Libearalach a-riamh ann an Canada.

Ach cha b’ esan a’ chiad phrìomhaire Canèidianach aig an robh buinteanas don Ghaidhealtachd. Rugadh am fear a bh’ ann roimhe cuideachd ann an Alba is bheir sinn sùil airsan an ath-sheachdain.

Litir 150 Litir 150 Litir 152 Litir 152

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!