Cha robh mi a-riamh ann an Canada agus is mòr am beud oir tha fhios gur e dùthaich mhòr bhrèagha inntinneach a th’ innte. Feumaidh mi sin a chur ceart
uaireigin. Ach rinn mi beagan anns an sgoil mu a deidhinn ann an Cruinn-eòlas agus thachair rudeigin annasach dhomh aig an àm sin. Bha sinn ag ionnsachadh
mu na roinnean-nàisein a tha a’ dèanamh Chanada, agus bha mi a’ feuchainn rin cuimhneachadh – Alba Nuadh, Talamh an Èisg, Ontario, Quebec, Saskatchewan…
Air an fheasgar mus robh an deuchainn ann, shuidh mi sìos còmhla ri mo mhàthair airson deisealachadh air a son. Thuirt i rium, “carson nach toir thu
creidsinn gu bheil thu ann an carbad-iarainn, a’ dol eadar costa sear agus costa siar Chanada? Faodaidh tu innse dhomh na rudan a chì thu fhad ’s a tha thu
a’ siubhal.” Shaoil mi gu robh sin math gu leòr, agus ’s ann mar sin a dh’ullaich mi airson na deuchainn.
Abair gu robh an t-iongnadh orm nuair a leugh mi a’ cheist air Canada anns a’ phàipear-deuchainn air an làrna-mhàireach. ’S e a bh’ ann – “thoir creidsinn
gu bheil thu ann an trèana, a’ dol thar Chanada bhon taobh an ear don taobh an iar. Dèan tuairisgeul air na chì thu.” Cha chreid mi gun do dh’ullaich mi
a-riamh cho math airson deuchainn ’s a dh’ullaich mi an turas sin. Chun an là an-diugh, chan eil fhios a’m an robh an dà-shealladh aig mo mhàthair!
Bha dithis a bhuineadh do dh’Alba gu mòr an sàs anns a’ phròiseact airson rathad-iarainn, no loighne-rèile, mar a chanas mòran an-diugh, a thogail thar
Chanada. B’ e fear dhiubh Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn, am Morair Strathcona mar a bh’ air mu dheireadh, a bha na stiùiriche air a’ chompanaidh a thog an
loighne. Nochdaidh esan a-rithist ro dheireadh na Litreach. B’ e am fear eile Sir Iain Dòmhnallach, a’ chiad phrìomhaire aig Canada, nuair a fhuair i na
crìochan a th’ aice an-diugh ann an ochd deug, seasgad ’s a seachd (1867).
Bha buinteanas aig Iain Dòmhnallach do thaobh sear Chataibh, far an robh athair na chroitear, ach chaidh e a Chanada nuair a bha e òg. Ghabh e ceum ann an
Lagh agus chaidh e a-steach a phoileataics. Chaidh a dhèanamh na cheannard air na Tòraidhean ann an ochd deug, ceathrad ’s a ceithir (1844) agus trì
bliadhna fichead as dèidh sin, bha e aig ceann ghnothaichean nuair a chaidh Canada a chruthachadh.
Bha Sir Iain Dòmhnallach (oir chaidh inbhe ridire a bhuileachadh air aig àm cruthachaidh a’ chaidreachais) dhen bheachd gu robh rathad-iarainn thar na
dùthcha riatanach airson muinntir Chanada aonachadh, oir bha sgaraidhean mòra ann eatarra, gu h-àraidh eadar an fheadhainn a bhuineadh do Bhreatainn agus
an fheadhainn a bha dìleas don dìleab Fhrangaich aca. Bha na Frangaich gu math làidir ann an Quebec, ach chan ann ann a sin a-mhàin. Mar eisimpleir, bha
buidheann ann am Manitoba, aig an robh Frangais mar chànan, a dhiùlt a-muigh no mach tighinn a-steach a Chanada. Le measgachadh de bhith a’ sealltainn
spèis dhaibh, agus le bhith a’ bagairt cogadh orra, rinn Sir Iain Dòmhnallach a’ chùis orra.
Ach dh’èirich sgainneal mu dheidhinn na loighne-rèile agus chaill an Dòmhnallach gu ceannard nan Libearalach, Alasdair MacCoinnich, a fhuair taic bhon
Tòraidh, Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn. Bha Sir Iain Dòmhnallach air ais mar phrìomhaire còig bliadhna as dèidh sin, ann an àm airson crìoch a chur air a’
phròiseact mhòr. Is cò chuir an cipean mu dheireadh na àite anns na Beanntan Creagach? Cò ach Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn fhèin – ann an àite le ainm
Gaidhealach, Creag Ealachaidh.