Halò a-rithist. Tha ceist agam dhuibh an toiseach an-diugh. Dè an eileamaid – tha mi a’ ciallachadh eileamaid cheimigeach – air a bheil ainm Gàidhlig – no
leth-Ghàidhlig co-dhiù? Chan e hàidraidean no helium a th’ ann. Feumaidh sibh cumail a dol tro liosta nan eileamaidean. Innsidh mi dhuibh dè th’ ann aig
deireadh na Litreach.
Air an deireadh-sheachdain sa chaidh bha mi a’ meòmhrachadh anns na beanntan. Uill, chan eil àite nas fheàrr na sin airson a bhith a’ meòmhrachadh, a
bheil? ’S e a bu mhò a bh’ air m’ aire, a bharrachd air bòidhchead an àite, ceist mu chnuic is clachan. Gu mionaideach, dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air roche moutonnée?
Ma tha beagan Frangais agaibh, bidh fios agaibh gur ann às a’ chànan sin a thàinig na faclan roche moutonnée, agus gu bheil iad a’ ciallachadh
“clach chaorach”. ’S e a th’ ann clach mhòr, a chaidh a dhèanamh mìn le deigh ann an Linn na Deighe. Uaireannan bidh sgrìoban oirre a chaidh fhàgail le
clachan a bha a’ gluasad leis an deigh. A’ coimhead air a’ chloich bho astar, tha i a’ coimhead car coltach ri caora. Mouton, ann am Frangais.
Cha robh càil ann am Beurla airson a leithid agus ghabhadh a-steach am facal-iasaid bho na Frangaich, mar a ghabhadh avalanche agus cirque agus crevasse. Agus a’ Ghàidhlig coire cuideachd – a nochdas ann am Beurla mar corrie.
Ach feumaidh mi aideachadh nach cuala mi a-riamh Gàidhlig airson roche moutonnée. Cha robh na seann daoine a’ coimhead air clachan anns an aon
dòigh ’s a tha luchd-saidheans an-diugh. Gu dearbh, bha ainmean àraidh air clachan fa leth agus ’s ann mar sin a tha e fhathast anns na beanntan far an
robh mi. ’S aithne dhomh grunn chlachan ann a sin air a bheil ainmean, mar gum biodh, “pearsanta”, a tha ag innse sgeulachd mu eachdraidh na cloiche agus
eachdraidh an àite.
Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà, nach eil faclan Gàidhlig ann a dhèanadh an gnothach nuair a tha sinn a’ bruidhinn air dìleab Linn na Deighe. Bha mi a’
campachadh gu h-àrd, faisg air loch ris an canar Loch nan Cnapan. Timcheall an locha, cha mhòr gu bheil talamh rèidh sam bith ann, oir tha e làn chnapan.
Bha fear còmhla rium aig nach eil Gàidhlig agus dh’fhaighnich e dhiom, “Dè a’ Bheurla a th’ air cnapan?”
“Uill,” thuirt mi ris, “chanadh am faclair knolls no hillocks, ach saoilidh mi shuas an seo, leis gun deach am fàgail le abhainn-deighe,
gur dòcha gur e drumlin am facal as fheàrr ann am Beurla.” Tha drumlin eadar-dhealaichte bho roche moutonnée leis gur e a th’ ann stuth – clachan
– a chaidh a ghluasad bho àite eile agus a chaidh a leigeil leis an abhainn-deigh.
Tha faclan eile ann cuideachd a sheasadh an àite “cnapan”, leithid tomannan, tolmanan is tulaichean, ach anns an iar-thuath tha facal ann – mulcan
– a tha a’ ciallachadh cnoc beag air a dhèanamh de chlachan a chaidh fhàgail le abhainn-deighe. Agus tha mi a’ dèanamh dheth gur e drumlin am
facal Beurla as fheàrr a th’ ann mar eadar-theangachadh air mulcan.
An tuirt mi “facal Beurla”? Uill, tha am faclair Beurla agam ag innse dhomh gur ann à Gàidhlig na h-Eireann a thàinig drumlin, no co-dhiù a’ chiad
phàirt dheth – bhon fhacal druim – air a bheil sinn fhèin gu math eòlach ann an Alba.
Agus mus dìochuimhnich mi, feumaidh mi tilleadh don eileamaid air a bheil ainm Gàidhlig. Strontium – a chaidh ainmeachadh airson Strontian neo Sròn an
t-Sithein, ann an Loch Abair.