Bidh fios agaibh gu bheil oighreachd Cheann a Tuath na Hearadh air a’ mhargaidh an-dràsta. Tha Caisteal Amhuinnsuidhe mar phàirt dhen oighreachd, agus tha
an t-uachdaran leis a bheil e, agus am fearann mu thimcheall, ag iarraidh co-dhiù ceithir gu leth millean not air an son. Tuigidh sibh, aig prìs mar sin,
gu bheil cuid de mhuinntir na Hearadh teagmhach mu dheidhinn an oighreachd a cheannach dhaibh fhèin. Air an làimh eile, tha feadhainn gu làidir dhen
bheachd gur e rud math a bhiodh ann nan robh smachd aig a’ choimhearsnachd air an oighreachd air a bheil iad a’ fuireach. ’S e tìde a dh’innseas dè
thachras.
Bha ceann a tuath na Hearadh, agus Caisteal Amhuinnsuidhe, uaireigin ann an làmhan Bodach an t-Siabainn. B’ e sin am far-ainm a bh’ aig feadhainn, co-dhiù
ann an Leòdhas, air a shon – Bodach an t-Siabainn – the soap-man. Am Morair Leverhulme. Anns an Litir seo, agus anns an dà litir a tha a’
leantainn oirre, bheir sin sùil air a’ Mhorair Leverhulme, agus mar a thug e buaidh air Leòdhas agus na Hearadh. Agus aig deireadh ghnothaich, innsidh mi
dhuibh dè an luach a bh’ air ceann a tuath na Hearadh ann an naoi deug, is còig ar fhichead (1925). Cha robh e faisg air ceithir millean not.
Rugadh Uilleam Hesketh Lever ann an ochd deug, leth-cheud ’s a h-aon (1851) agus dh’èirich e gu bhith na cheannard air companaidh mhòr mhòr eadar-nàiseanta
a bha stèidhichte, co-dhiù anns a’ chiad dol a-mach, air siabann. Ach chaidh e fada na b’ fhaide na sin agus bha Lever Brothers an sàs ann an
iomadach seòrsa gnìomhachais. Agus anns na h-Eileanan an Iar, ’s e gnìomhachas stèidhichte air èisg na mara a bha fa-near do dh’Uilleam, am Morair
Leverhulme mar a bh’ air aig an àm sin. Cha b’ ann anns na Hearadh a thòisich e, ge-tà, ach ann an Leòdhas.
Cheannaich e Leòdhas agus na Hearadh còmhla anns a’ Chèitean, naoi-deug is ochd-deug (1918) bhon uachdaran a bh’ ann roimhe, Donnchadh MacMhathain. Thuirt
e an toiseach nach robh càil fa-near dha ach àite-fuirich snog a lorg am measg dhaoine air an robh spèis mhòr aige. Uill, bha sin anns a’ chiad dol a-mach.
As dèidh greis, cho-dhùin e gum b’ urrainn dha Eilean Leòdhais a dhèanamh fada na b’ fheàrr na bha e, le bhith a’ stèidheachadh gnìomhachas mòr ann am
baile Steòrnabhaigh. Bha e ag iarraidh Steòrnabhagh a dhèanamh na bhaile mòr mòr brèagha. Ach airson sin, shaoil e, bhiodh feum aige air tuathanasan taobh
a-muigh a’ bhaile airson bainne a dhèanamh is a reic do luchd-obrach nam factaraidhean aige.
Gu mì-fhortanach dha, cha do thuig e eachdraidh an fhearainn anns na h-eileanan agus bha e airson na tuathanasan mòra, gu h-àraidh ann an Coll agus Griais,
gu tuath air Steòrnabhagh, a ghlèidheadh, a dh’aindeoin ’s gu robh mòran de mhuinntir Leòdhais air a bhith ag iarraidh croitean a chruthachadh orra.
Uaireannan bidh daoine a’ smaoineachadh gur ann tro bhliadhnaichean dòrainneach a’ Chogaidh Mhòir a dh’èirich an t-iarrtas airson an fhearainn sin. Ach
chan eil sin fìor idir. Mura b’ e gu robh an t-uachdaran a bh’ ann roimhe cho mì-dheònach, bha Bòrd an Àiteachais air croitean a chruthachadh far an robh
grunn thuathanasan, Griais nam measg, mus do thòisich an cogadh. Agus don fheadhainn a thàinig beò tron chogadh, cha robh duine sam bith a’ dol a chur stad
orra bho bhith a’ faighinn fearann dhaibh fhèin. Bha a h-uile càil deasaichte airson strì mhòr mun fhearann agus, ’s dòcha, strì mhòr airson cridhe
Gaidhealach an eilein.