Tha diofar fhaclan ann am Beurla airson sweets. Confectionery, candies, sweeties… Is tha an aon rud fìor ann an Gàidhlig. Bidh cuid a’ cleachdadh
facal a thàinig bhon Bheurla – suiteis. Ann an àiteachan eile, canaidh iad siùcairean. Ann an sgìre Gheàrrloch, canaidh iad carbhaidhean. Canaidh daoine – “an gabh thu carbhaidh?”
A-rithist, ’s e a th’ ann an carbhaidh facal a thàinig bhon Bheurla – bho carroway. Bhiodh sìl a’ charbhaidh mar shiùcairean do mhuinntir na sgìre
o shean. nach eil sin na chomharra air an atharrachadh mhòr a thàinig air an t-saoghal!
Tha e furasta gu leòr tuigsinn mar a thàinig am facal siùcar air sweetie, oir tha iad milis. O shean, bhiodh daoine air a’ Ghaidhealtachd
uaireannan ag òrdachadh siùcairean bho na bailtean mòra aig deas. ’S e sin a rinn ministear a bha seo turas. Dh’òrdaich e siùcairean à Glaschu tro fhear de
muinntir a choitheanail, aig an robh bùth bheag anns an sgìre, ach nuair a dh’fheuch am ministear na nochd ann am poca aig an doras aige, cha b’ e
siùcairean a bh’ annta idir ach pìosan de dh’alum! Chan eil blas math sam bith air alum, agus cha robh am ministear toilichte.
Bha fear na bùtha air a nàrachadh agus bha e airson tiodhlac a thoirt don mhinistear. Airson comhairle, chaidh e a dh’ionnsaigh bràthair a’ mhinisteir.
Nise, bhiodh am bràthair a bha seo ri àbhachd, agus thuirt e ri fear na bùtha gur e a bu chòir dha dhèanamh botal de dh’uisge-beatha a thoirt don
mhinistear. ’S e uisge-beatha gun dath a bhiodh ann, stuth a chaidh a dhèanamh sa mhonadh gun fhiosta do na gèidsearan.
’S e sin a rinn fear na bùtha. Chaidh e a chèilidh air a’ mhinistear aig a’ mhansa. Ach leis gu robh e rudeigin diùid agus mì-chinnteach mu shunnd a’
mhinisteir, dh’fhàg e am botal air an stairsnich. Bha am ministear dòigheil gu leòr agus thill fear na bùtha don stairsnich airson am botal fhaighinn. Thug
e a-staigh e, agus lìon e gloinne airson a’ mhinisteir.
Ge-tà, gun fhiosta dha, bha am bràthair air a bhith aig an dòras fhad ’s a bha esan a-staigh. Dh’fhalamhaich e am botal agus lìon e le sàl e. Agus nuair a
chuir am ministear a’ ghloinne gu bhilean .. uill .. cha do chòrd e ris! Dh’èigh e na faclan seo, a chaidh a chuimhneachadh mar sheanfhacal – Is miosa seo nan t-alum! Is miosa seo nan t-alum. Ma dh’itheas sibh rudeigin mì-bhlasta, faodaidh sibh sin a ràdh!
’S e sin suiteis, siùcairean is carbhaidhean. Ach dè a’ Ghàidhlig a th’ air confectioner is confectionery? Uill, airson sin, feumaidh
sinn smaoineachadh air a’ Ghàidhlig airson a’ bhuadhair, sweet. Tha sin stèidhichte air an fhacal airson honey. ’S dòcha gum bi fios
agaibh gur e mel a th’ air honey ann an Laideann. Tha faclan Beurla mar mellifluous agus melliferous a’ tighinn bhon
Laidinn.
Ann an Ros an Iar, ’s e mel a th’ air honey cuideachd ann an Gàidhlig. Canaidh daoine meileis airson sweet. Ach, anns
a’ chuid mhòir dhen Ghaidhealtachd, ’s e mil a chanas daoine, agus milis. Agus tha na faclan airson confectionery is confectioner a’ tighinn às a sin – mìlseanachd airson confectionery agus mìlseanaiche airson confectioner.
An là an-diugh, ma chanas sibh gun toigh leibh mìlsean, tuigidh daoine gu bheil sibh a’ bruidhinn mu dessert no pudding, na rudan milis a
ghabhas daoine mar phàirt de dhiathad. Uill, tha a h-uile càil a tha seo gam fhàgail acrach. Tha mi a’ falbh airson pìos teòclaid fhaighinn. Mar sin leibh
an-dràsta.