Air bruach an iar Loch Laomainn, faisg air an rathad A 82, gu deas air baile Àird Laoigh, tha clach mhòr ainmeil ann. Air a’ mhap, ’s e Pulpit Rock a th’ oirre. Tuigidh sibh gu robh i air a cur gu feum uaireigin mar chùbaid.
Bha sin bho ochd-deug, fichead ’s a còig (1825) a-mach, as dèidh do mhuinntir an àite gearain don mhinistear aca gu robh aca ri coiseachd ro fhada don
eaglais air an t-Sabaid. “Uill,” thuirt am ministear, an t-Urramach Peadar Proudfoot, “ma thogas sibh cùbaid is seòmar-culaidh dhomh ann am badeigin, thig
mi a-mach agus searmonachaidh mi dhuibh ann a sin.”
Agus ’s e sin a thachair. Chleachd na daoine stuth spreadhaidh agus chladhaich iad toll anns a’ chloich, a bhiodh mòr gu leòr airson a’ mhinisteir. Aig a’
cheann thall, bha e mòr gu leòr airson triùir – am ministear, eildear agus fear a chuireadh a-mach an loighne nuair a bhathar a’ gabhail nan salm.
Chaidh doras a chur air beul an tuill agus, air a chùlaibh, bha an seòmar-culaidh. Bha àrd-ùrlar air a thogail air aghaidh na cloiche, air beulaibh an
dorais. Bhiodh cùbaid air a cur air an àrd-ùrlar sin nuair a thigeadh am ministear air an t-Sàbaid. Bhiodh muinntir an àite a-muigh ag èisteachd ris an
t-searmon, ann an deagh shìde is droch shìde – cleachdadh a bha cumanta gu leòr ann an eachdraidh na h-Alba.
’S ann mar sin a bha e airson seasgad ’s a còig bliadhna gus an deach eaglais bheag a thogail ann an Àird Laoigh aig deireadh an naoidheamh linn deug.
Chaidh an t-àrd-ùrlar agus an dòras, a bh’ air an dèanamh le fiodh, a chleachdadh mar chonnadh le luchd-siubhail, agus dhìochuimhnich a’ chuid mhòr dhen
t-sluagh mu dheidhinn na cloiche. Tha coille mhòr dhorcha air fàs suas mu a timcheall.
’S ann mar sin a bha e gus o chionn ghoirid nuair a chum am ministear, an t-Urramach Dane Shepherd, searmon aig a’ chloich. Tha buidheann coimhearsnachd
a-nise ag iarraidh na craobhan mu a timcheall a leigeal agus àite-pàircidh a thogail ri a taobh. Tha e coltach gum bithear a’ brosnachadh cuid de na
daoine, a bhios a’ tadhal air Pàirce Nàiseanta ùr Loch Laomainn is nan Tròisichean, a dhol a dh’fhaicinn na cloiche.
Nise, saoil dè a’ Ghàidhlig a th’ air Pulpit Rock? Clach na Cùbaid, ’s dòcha? Uill, chan e, oir bha ainm Gàidhlig oirre fada fada mus robh guth
air cleachdadh na cloiche airson searmon. Tha an t-ainm Beurla oirre a’ buntainn ri cleachdadh Crìosdail, ach tha an t-ainm Gàidhlig a’ dol air ais gu
dualchas nas sine na sin. ’S e an t-ainm a th’ oirre ann an Gàidhlig Clach nan Tarbh.
Tha sgeulachd co-cheangailte ris an ainm, a th’ air aithris le Mìcheal Newton anns an leabhar mhath aige, “Bho Chluaidh gu Calasraid”. Bha tarbh mòr dearg
à Sasainn a thàinig a dh’Alba airson an dùthaich a mhaslachadh. “Is truagh an dùthaich!” ghlaodh e nuair a bha e gu h-àrd os cionn Loch Laomainn.
Bha tarbh dubh nan Albannach feargach agus thug e an aghaidh air an tarbh dhearg. Bha iad a’ strì an aghaidh a chèile shuas àrd air Beinn Mhurlaig agus
phut iad thairis clach mhòr. Ruith a’ chlach sìos a’ bheinn don àite far a bheil i an-diugh ri taobh an locha. Agus rinn an tarbh dubh Albannach a’ chùis
air an tarbh dhearg Shasannach. Tha mi an dòchas, nuair a dh’innseas muinntir na Pàirce Nàiseanta do luchd-turais mu dheidhinn na cloiche, nach
dìochuimhnich iad an t-ainm Gàidhlig, agus an dualchas a tha co-cheangailte ris.