A’ chiad turas a chaidh Marsaili Cheanadach-Fhriseal a dh’Eirisgeigh, ann an naoi-deug ’s a còig (1905), bha i a’ faireachdainn gu robh i air a sheòladh
air ais ann an tìm, bhon fhicheadamh linn don t-seachdamh linn deug. Mar a dh’aithris mi anns na litrichean a dh’fhalbh, bha i air a bhith air muir is air
tìr ann am mòran dùthchannan, ach cha do ghabh i tlachd bho ghin aca mar a ghabh i bho a cuairt a dh’Eirisgeigh. Bha i a’ cumail a-mach gu robh i car
sàmhach, diùid na nàdar ach, nan canadh cuideigin am facal ‘Eirisgeigh’ rithe, gum biodh an clab oirre.
Cha b’ fhada gus an do thachair Marsaili ris an fhear a b’ ainmeil’ anns an eilean – an sagart, an t-Athair Urramach Ailean Dòmhnallach, no “Maighstir
Ailein” mar a chanadh muinntir an àite ris. Bha esan cliùiteach air feadh an t-saoghail am measg dhaoine aig an robh ùidh ann am beul-aithris is bàrdachd
is cultar nan Gàidheal. Gu mì-fhortanach do Mharsaili, agus do na h-uimhir eile a bha eòlach is measail air, chaochail Maighstir Ailein dìreach trì
seachdainean as dèidh do Mharsaili dhol dhachaigh – leis a’ flu – aig aois ceathrad ’s a trì. Ach mhair a dhìleab fada as a dhèidh. Gu dearbh, tha i againn
fhathast ann an saoghal nan Gàidheal.
’S iomadh duine air an deach Marsaili a chèilidh, agus thòisich i air fuinn nan òran a sgrìobhadh air pàipear. Bha i cho dèidheil orra is gun deach i fiù
’s a-mach gu eathar a bha aig acair airson iarraidh air fear de na h-iasgairean na lìn a bha e a’ càradh a chur an dàrna taobh, agus òran a ghabhail dhi.
Agus mhothaich i do dh’aon rud gu h-àraidh mu dheidhinn seinn nan eileanach – bha na guthan aig mòran aca uabhasach domhain.
Nuair a dh’fhalbh i, thug i leatha fuinn air pàipear ach cha robh i comasach air na faclan a sgrìobhadh – cha robh mòran Gàidhlig aice. Bha Maighstir
Ailein air aontachadh taic a thoirt dhi, le bhith a’ cur na faclan ga h-ionnsaigh. Ach chaochail e mus robh cothrom aige.
Ann an naoi-deug ’s a seachd (1907), thill Marsaili a dh’Eirisgeigh agus thug i leatha inneal-clàraidh-fuaim air an robh graphophone – an seòrsa
inneil a bhiodh a’ cleachdadh siolandair-cèire. Cha robh e idir cho math ris an fheadhainn a th’ againn an là an-diugh, agus shaoileadh neach-èisteachd gu
robh an tùchadh air an t-seinneadair. Air sailleamh sin, chanadh gillean òga Eirisgeigh ‘am bodach’ ris. Aig amannan, leis gu robh an aimsir gu tric
fliuch, chan obraicheadh an graphophone gu math.
An turas seo, chaidh Marsaili gu ruige Uibhist a Deas cuideachd, oir bha cuid de na daoine air an robh i eòlach ann an Eirisgeigh air a dhol a dh’fhuireach
ann, leis nach robh fearann gu leòr dhaibh ann an Eirisgeigh fhèin. Agus chaidh i cuideachd a Bharraigh, an toiseach gu ceann a tuath an eilein. “Chan
fhaigh sibh dad ann am Bàgh a’ Chaisteil,” thuirt cuideigin rithe anns an Òban. “Tha e ro ‘sophisticated’ a-nise…” Ach bha sin fada ceàrr.
Bha bùth aig fear Mìcheal MacNìll air a’ chidhe ann am Bàgh a’ Chaisteil, agus chuir e fios a-mach do ghrunn seinneadairean thighinn cruinn còmhla anns a’
bhùth. B’ e sin, sgrìobh Marsaili, fear de na cèilidhean a b’ fheàrr a bh’ aice a-riamh, far an do chruinnich i òrain. Bheir sinn sùil air agus air an
obair a rinn Marsaili an co-bhuinn ris an Urramach Coinneach MacLeòid anns an Litir mu dheireadh mu a deidhinn, an ath-sheachdain.