Ann an naoi-deug ’s a seachd (1907), chruinnich Mairsaili Cheanadach-Fhriseal grunn òran ann am bùth Mhìcheil MhicNìll air cidhe Bhàgh a’ Chaisteil ann am
Barraigh. Am measg sin, bha ‘Latha dhomh am Beinn a’ Cheathaich’ air an do chuir i an t-ainm ‘Kishmul’s Galley’. Fhuair i am fonn an uair sin
co-dhiù. ’S ann sa bhliadhna as dèidh sin, nuair a thill i a Bharraigh, a fhuair i na faclan bho Anna NicIain, tidsear anns an eilean.
Bha e follaiseach dhi, ge-tà, nan robh i a’ dol a leantainn le bhith a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig, gum biodh cruaidh fheum aice air neach-deasachaidh.
Mhol an t-Ollamh MacFhionghain, Proifeasair na Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann, an t-Urramach Coinneach MacLeòid, a rugadh is a thogadh ann an Eige,
dhi, agus dh’aontaich Mgr MacLeòid a cuideachadh.
Thòisich iad ann an naoi deug ’s a h-ochd (1908) nuair a chuir Marsaili faclan ga ionnsaigh a chruinnich i aig a’ chèilidh ann am Bàgh a’ Chaisteil. Bha
Mgr MacLeòid gu math eòlach air a’ chànan agus air a’ chultar bho làithean òige ann an Eige. Bha stòras iongantach de bheul-aithris aig piuthar athar,
Seònaid NicLeòid, às an Eilean Sgitheanach. Agus ’s ann airsan a bha an t-uallach dèanamh cinnteach gu robh na faclan ceart.
Ach rinn e fad a bharrachd na sin. Bhiodh e a’ sgrìobhadh òrain, no pàirtean de dh’òrain. Bhiodh e ag eadar-theangachadh òrain eileanach bho Ghàidhlig gu
Beurla, ged is i Marsaili a chuireadh an dreach mu dheireadh orra. Chuir iad ri chèile cruinneachadh mòr de a leithid “Sea Sorrow”, “Heartling of my Heart”, “The Birlinn of the White Shoulders” agus “The Harris Love Lament”. Uaireannan bhiodh an
t-eadar-theangachadh gu math faisg air na bh’ ann bho thùs. Uaireannan cha bhiodh iad coltach ri chèile idir.
Agus thachair eadar-theangachadh air an rathad eile cuideachd. Mar eisimpleir, chuala Marsaili òran aig seann bhoireannach ann am Beinn na Faoghla. Faisg
air an taigh aice, air a’ mhachair, thòisich triall bainnse là eile, agus thàinig fonn an òrain air ais do Mharsaili. Sgrìobh i faclan Beurla as ùr dha, mu
dheidhinn na chunnaic i – agus chuir i an tiotal air “Benbecula Bridal”. ’S ann as dèidh sin, a chruthaich Coinneach MacLeòid òran, leis an aon
fhonn, agus air an dearbh chuspair – “An Triall Bainnse”.
’S dòcha gur e an t-òran as ainmeile a rinn Coinneach MacLeòid – “Road to the Isles”. Bha e fhèin is Marsaili anns an taigh aice ann an naoi deug
’s a còig-deug (1915) turas, cuide ri Calum MacIain à Barraigh. Chluich Calum port dhaibh air fheadan – a bha e air ionnsachadh bho cheàrd anns an eilean
aige. Dh’ iarr Marsaili air a’ mhinistear faclan a chur ris airson nam balach Albannach a bha a’ sabaid anns an Fhraing agus nochd “Road to the Isles” goirid as dèidh sin.
Ged a dh’obraich iad gu dlùth ri chèile air tìr-mòr, far an robh Mgr MacLeòid na mhinistear mus robh e ann an Giogha, chaidh faisg air fichead bliadhna
seachad mus deach iad a-mach gu na h-Eileanan Siar còmhla. Cha robh an uair sin ach trì bliadhna air fhàgail aig Marsaili, oir chaochail i ann an naoi-deug
is deich ar fhichead (1930).
A’ coimhead air ais air a beatha an-diugh, faodaidh sinn faighneachd - dè an rud a bu luachmhoir’ a rinn i – na h-òrain a dh’ath-chruthaich i fhèin is
Coinneach MacLeòid, na clàran de mhuinntir nan eilean a’ seinn, a chaidh a ghlèidheadh le Sgoil Eòlais na h-Alba, no an t-sanasachd a rinn i don t-saoghal
mhòr de chultar na Gàidhealtachd? Bidh a bheachd fhèin aig gach Gàidheal air a sin.